An t-Amadan bu mhotha
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT1332/002
- Date
- 1954
- Item category
- Transcription
- Aarne-Thompson index
- AT1332: Which is the Greatest Fool
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Town
- Bunacaimb
- Parish
- Arisaig And Moidart
- Collector
- C.I. Maclean
- Narrator
- Donald (Arisaig) MacDonald
- Narrator source
- Unknown
- Link
- View entry on tobarandualchais.co.uk
Archival Reference
SSSA/TA/AT1332/002
School of Scottish Studies SA1954.052.A1
Transcript
AIAN T-AMADAN BU MHOTHAAn cuala sibh riamh iomradh air an fhear ris an abradh iad amadan antighearna? 'S e sin fear a bhiodh aig daoine beairteach agus uachdarain,ris an canadh iad a's na seann timeannan tighearnan. Agus cha bhiodhgin dhiubh sin 'nan uidheam mur a biodh a leithid seo do dhuine aca a'sa' chuideachda bha frithealadh orra a's na taighean comhnuidh aca –an t-amadan. Dar a theirigeadh a h-uile seorsa cluich is rud eile dhaibh,bhiodh iad ri fealla-dhà air an amadan agus bha seo a' cur seachad beagantìm orra.Thachair gu robh fear dhiubh seo a's na cearnachan-sa ..... dhe natighearnan a bha seo, agus bha amadan aige mar a bh' aig an còrr dhasheòrsa. Latha dhe na lathaichean chuir e fios a mach air an amadanagus thuirt e ris gu robh gnothach aige ris. Dar a thainig an t-amadan 'nalàthair, gu dé bh' aig an tighearna ach bata, agus shìn e dhan amadan eagus thuirt e ris, "Seo dhut-a-sa 'm bata tha seo, agus cuma' tu gucùramach e agus gabha' tu ùis fhad 's a bhios e agad: agus 's e do chuidfhéin e gos an tachair amadan ort as motha na thu fhéin, agus an uairsin bheir thu seachad dhan fhear sin e.""Tapa' libh-se," ars an t-amadan; "nì mise mar a tha sibh ag iarraidh."Bha tìm a' dol seachad, agus bha 'n t-amadan a' leanailt ris a' bhata.Ach dé bhuail a mhaighistir ach tinneas trom, agus an deaghaidh a h-uileseòrsa fear sgil a bh' ann a's an am a thigh'nn a choimhead air agus athoirt seachad am beachd, 's e 'n co-dhùnadh gos an tàinig iad gu robham bàs air. Thuig e seo agus bha e làn – tha e coltach ris gu robh e leigteris agus nach robh an còrr a' feitheamh air. Agus chuir e fios air duinean deaghaidh duine dhe 'chuid sheirbheiseach airson beannachd fhàgailaca man tigeadh am bàs air. Ach dar a bha iad uile gu léir aige andeaghaidh a thoirt air a bhialaibh, thuirt a' fear fo dheireadh a thainigris, "Cha d' fhàg sibh beannachd aig an amadan fhathast.""O, cha chreid mi," ars esan, "gum beil e riatanach dhomh 'iarraidha staigh idir, a chionn cha thuig esan dé tha dol a dh'éirigh dhomh: .....tha e cho fada air ais agus leis a sin chan eil mi faicinn freagarrach guntigeadh e seo.""O, tha mi smaoineachdainn," ars a' fear-sa, "gu bheil cho mathdhuibh 'iarraidh mar an còrr, agus innsibh dhà – thoiribh dhà seòrs' airchoir-eiginneach do thuigse air 'rud tha dol a dh'éirigh dhuibh.""Well, ma tà, abair ris tigh'nn a staigh."Staigh a ghabh an t-amadan is am bat' aige."O," ars an tighearna, "ann an uine ghoirid," ars esan, "tha misefàgail an àite-sa, agus cha bhi mi tilleadh tuillidh, agus chuir mi brathort," ars esan, "airson beannachd fhàgail agad."240"Tha mi duilich," ars an t-amadan, "airson sin a chluinnteil. Achcàit am bheil sibh a' dol?""Tha mi dol fad as. Tha mi dol cho fad as," ars esan, "agus nach bimi tilleadh a seo tuillidh, mar a thuirt mi riut cheana.""Am beil forfhais agaibh," ars an t-amadan, "càit eil sibh a' dol, na'n do chuir sibh ..... an do rinn sibh deisealachd 'sam bith airson gungabhadh iad ribh 'nuair a ruigeas sibh, ma tha sibh a' dol air ur n-aineol?""Cha d' rinn deisealachd 'sam bith ach dìreach iad a dheanamh riummar a dh'fhaodas.""Tha mi smaoineachdainn, a thighearna," ars esan, "gun do thachaira nis," ars esan, "amadan orm as motha na mi fhìn, agus seo dhuibh ambata."Agus sin agaibh mar a chuala mise 'n naidheachd.