An Dreathan-Donn agus an Duine
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT248/003
- Date
- 1955
- Item category
- Transcription
- Aarne-Thompson index
- AT0248: The Dog and the Sparrow
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Muir Of Ord
- Parish
- Urray
- Collector
- C.I. Maclean
- Narrator
- Alexander (Alec) Stewart
- Narrator source
- Unknown
- Link
- View entry on tobarandualchais.co.uk
Archival Reference
SSSA/TA/AT248/003
School of Scottish Studies SA1955.131.B6
Transcript
AIInformant: Alexander StewartCollector: C. MacLeanSA 1955/131/B6An Dreathan-Donn agus an Duine.A.T. 248C.M. Cha chuala sibh riamh iomradh air an dreathan-donn agus airan iolaireA.S. Chual' mi ainm air an dreathan-donn ... chuala mi fhéi' andreathan-donn dar bha e 'folbh leis fhéi' agus bha e 'tighinn 'nuas annaiteigin agus ... an dreathan-donn 's dar thanaig e 'staigh ... thanaige 'staigh gu taigh ann a' sin; thuit ... chuir gale a' staigh air uinneage 's dar thanaig e 'staigh gus an uinneag a bha seo – an dreathan-donnbochd – cha robh fhios aig' gu dé dheanadh e le droch-shìd 's thanaig estaigh gus an uinneag a bha seo 's thachair duine ris.O, rinn an duine gu math ris 's thug an duine dha 'bhiath.As a' mhaduinn dh'eirich an duine 's bha e 'folbh le cairt – 's dara dh'fholbh e leis a' chairt char an dreathan-donn còmhla ris agus 's erud a char e dh'iarraidh a's a' chairt 's e char e dh'iarraidh casg-fhion ...fion, tha fhios agai' ... agus bha 'n dreathan-donn a' tighinn 'nuas.Ach, chan eil fhiosam dé chuir ... dé thanaig eadar e 's an dreathan-donn –cha robh e air a dhòigh."Ach," thuirt e ris a' ... ris a' bhodach, "bheir mi ort," thuirt es,"gu'm brist thu 'chasg-fhion."Thòisich e 'g obair air a' chasg fhion: "Mach a sin, a bheothaichbheag ghrannd," os es' "mu's buail mi 'n ceann dhiot le mo chorrag!"'S dh'obraich e siòs is suas. Eadar a h-uile sian a bh' ann thanaigam bodach 's bha e 'dol a bhualadh an tuagh air an dreathan-donn 's 'sann a bhuail e 'n tuagh air a' chasg-fhion 's bhrist e i."Huh!" thuirt es' ... thuirt an dreathan-donn, "ni mi na's ... nimi na's mios' na sin ort ...Leum an dreathan-donn 's thòisich e ... e 'g obair air [na] suilean aneach aig' 's 'g obair air ais 's air adhart 's bha 'm bodach 'dol dha bhualadhleis an tuagh 's bhuail e 'n tuagh 's chuir e 'n t-eanchainn as an each."Sheo!" thuirt es', "ni mi na's meas' na sin ort."Leum e 'n uair-sin air [a] lurgainn a' bhodach, 'g obair air lurgainn a'bhodaich 's bha 'm bodach air a shàrachdainn.'S ann a leum e 's thug e 'n aonan ud dha fhéi' 's 's ann a bhrist ambodach a lurgainn fhéi' agus char am bodach 'chur a laighe – agus 's etuathanas (sic) a bh' ann.Agus /2.Agus bha 'n dreathan-donn air ais 's air adhart ann a' sin agus chunnaige 'n tarbh mór ann a' sin:"A, tharbh bhochd," thuirt es', "thus' ann a' sin 'gad fhannachdainn,"urs es', "'s gu leor biadh aig do mhaighistir.""O," urs an tarbh, "ciamar a gheibh mi 'staigh?"Agus ... "Ciamar a gheobh mi 'staigh?" urs an tarbh."A" thirt es', "cuir thusa na h-adhraichdean agad fo'n a' ... fo'n a'gheat," thuirt e, "'s togas thu 'n geat far nam bannadan 's gheobh thu'staigh 's bristeas thu 'n dorusd aig an t-sobhal agus tha gu leor feur ann."Char an tarbh 's rinn e seo 's char e staigh 's dh'ith e na bh' ann adh'fheur ann a' sin 's dar thanaig e 'mach air a' phàirc 's ann a thuit antarbh marbh.Ho! – tha 'n tarbh ann a' sin, marbh.Char an dreathan-donn gu's a' ghall' a bha sin 's cuileinean aic'."Hoch, och! A bhrùid bhochd," os es, "tha thusa na ... dol a shuidhann a' sin 's an t-acras ort. Folbh sios a' sin air a' phàirc," thuirt e,'s tha 'n tarbh mór air do mhaighistir marbh 's gabh dhà," urs e, "'s thagu leòr feòil agad."Ach a nis, bha e ann a' sin; chan eil fhios agams' dé dh'éirich dha'n ... ach dh'fholbh an dreathan donn.Bha e 'n uair-sin air folbh 's bha e dhe dhòigh 's thanaig oidhch'fhiadhaich eile: bha e 'tighinn seachad an uinneag 's bha 'n uinneagfosgailt 's bha 'm bodach air leabaidh – a chas brist, dar thanaig andreathan-donn 's thuit e air a bhroilleach."A!" thuirt am bodach, "Fhuair mi mu-dheireadh thu.""Huit, tuit, tuit!" thuirt es', "Lig as mi," thuirt es', "agus cnap òiragam fo mo sgiath dhut.""Bheil?" thuirt am bodach. "Cuir air mo bhois e.""Huh!" – thilg e pios dhe'n a' chac 'mach air:"Cha mhór a' meall òir uileag mi fhéi'!"'S a' mach an dorust a ghabh e.Chan eil fhios agam-sa dé dh'éirich dhaibh 'o 'n uair-sin – 'ndreathan-donn.