An Dreathann Donn
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT248/002
- Date
- 1957
- Item category
- Transcription
- Aarne-Thompson index
- AT0248: The Dog and the Sparrow
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Town
- Lairg
- Parish
- Lairg
- Collector
- Hamish Henderson
- Narrator
- Alexander Stewart
- Narrator source
- Unknown
- Link
- View entry on tobarandualchais.co.uk
Archival Reference
SSSA/TA/AT248/002
School of Scottish Studies SA1957.040.B8
Transcript
AIInformant: Alexander Stewart (Ali Dall)Collector: Hamish HendersonSA 1957/40/B8-A1An Dreathan DonnA.T.248Well bha oidhche chur chabhaidh ann agus bha 'n Dreathan Donn,cha robh fhios aige cà 'n dreachadh e. Chan fhaigheadh e àit as andreachadh e 's oidhche chur chabhaidh (ann) nach fhaiceadh tu nitheanle cabhadh. Ach thanaig e go caor' ann a sin a bha sa phàirc."O", thuirt e ris a' chaor', "nach lig thu staigh na do chloimh migo maduinn.""O cha lig," ors a' chaor', "cha tig thu seo."Ach thanaig e go aon chaorag bheag bhrucach."O," thuirt is' (sic) "nach ligeadh tu staigh na do chloimh mi gomaduinn.""O trobhad a bhròinein," thuirt is', "cha dean thu dolaidh orm-asa bhith staigh ... na mo chloimh."Ach, fhuair e staigh 'sa' chloimh 's 'sann a bha falus air leis choblàth 's a bha e. As a' mhaduinn dh'eirich e 's dar a thanaig e as a'mhaduinn, bha sgòrnan na caoraig air a ghearradh 's bha 'chaorag marbh.O cha robh fhios aige gu dé dheanadh e. Ach dar a dh'eirich e asa' mhaduinn:"O well," thuirt es', "feumaidh mise 'madadh fhaighinn a mharbh mobhana-ghoistidh," thuirt es', "mus teid mis' a seo."Agus dh'eirich e 's char e gus a' farmer, char e gus an tuathanach's thuirt e ris an tuathanach – dh'innis e facal air an fhacal dha gun deacha' chaorag a mharbhadh, a bhana-ghoistidh, 's nam biodh es' cho math 'sgu faigheadh e dhòmhs' (sic) a' madadh a rinn sin, phaigheadh e. Agus chanfhaigheadh e seo.Agus thuirt e ris an tuathanach:"Ma nì thu sin dòmhs'," thuirt e, "bheir mi dhut," thuirt e, "casg fìonthanaig a staigh air a' chladach.""O, c'àite bheil i?" thuirt an tuathanach."Tha i bhàn air a' chladach ann a seo," thuirt e. "Thanaig i staighair a' mhuir, ach," thuirt e, "chan urra dhut a toir leis. Feumas thu –feumas thu 'n t-each agus an càrn a thoirt leis bhàn gus a' chladach."Thànaig am bodach 's chuir e 'n t-each as a' chàrn agus chaidh e fhéin's an Dreathan Donn a bhàn gus a' chladach. Chaidh iad a bhàn gus achladach:"Shin /2."Shin agad a nis," ors an Dreathan Donn, "shin agad a' chasg fhìon 'stha mi 'n dòchas," thuirt e, "gu faigh thu mach a' madadh a rinn sud airmo bhana-ghoistidh.""Hoch gheibh," ors am bodach. Sheall e dar a fhuair e 'chasg an àirdas a' chàrn:"Mach a seo," thuirt e ris an Dreathan Donn, "no cuiridh mi 'n ceanndiot le mo chorrag.""Tha mise 'creidsinn gun dean thu sin," thuirt e, "ach mus fholbh thus'as a sin," thuirt e, "marbhaidh mi 'n t-each agad." (Chan e, chaidh mi romhmo stòiridh.) "Bheir mis ort," thuirt e, "gun dòirt mise chasg fhìon agad.""Co leis a dheanadh tus' e?" thuirt an tuathanach.Thòisich e 's bha e dobaig 's dobaig 's dobaig air:"O dhiol," thuirt an tuathanach, "nì thu sin fhéin."'S dé bha 'sa' chàrn ach tuagh mhór. Thog e 'n tuagh 'sa' cheudstràc a thug e air a' chasg fhìon, dh'fholbh a' chasg fhìon mar sin.Cha robh 'n corr aig an tuathanach dhith."Nì mi nas meas na sin ort," thuirt an Dreathan Donn. "Marbhaidh mi'n t-each agad.""Ach!" thuirt an tuathanach, "Co leis a dheanadh tus' sin?""O lig thus' leam," thuirt e.Char e nall go bathais an eich 's thoisich e air dobaigeadh fo dhosan.Thog am bodach an tuagh mhór: a cheud aon a thug e air an each chuir e 'nt-eanchainn as leis an tuagh. Bha 'n t-each marbh!"Nì mi na's meas na sin ort," thuirt e. "Bristidh mi 'n càrn agad."O, mo dhiol, bha 'n Dreathan Donn a' dobaigeadh ris air a' chàrn 's aira chuile dad. Rinn am bodach, rinn e pronnagan dhe'n a' chàrn leis an tuagh.Chuile turus far a ... a shuidheadh an Dreathan Donn bha e 'n dùil gufaigheadh e bhuill' air, ach, gus mu dheireadh thall bhrist e 'n càrn uile."Huh!" thuirt an Dreathan Donn, "nì mi na's meas na sin ort. Bristidhmi do lurgainn." Bha e nis ag obair air a lurgainn 's thog am bodach an tuaghmhór, 's a' cheud aon a thug e air fhéin as a' lurgainn, bhrist e 'chas.Cha b' urrainn dhan a bhodach eirigh as a sin. Ach thanaig iad a seo a bhàn,na balaich, 's cha robh fhios aca gu dé bu chiall dha'n bhodach ... gur sonnach tanaig e. Ach air dheireadh thall thanaig iad a bhàn 's thug iad anàird am bodach air cuibhrig gus an taigh. Thanaig e 'n àird air a' chuibhrig's chuir iad a staigh a leabaidh e. Agus dar chuir iad air a' leabaidh e,bha 'm bodach air a leabaidh a nis agus bha 'leabaidh aig taobh na h-uinneag.Thànaig /3Thànaig a sin an Dreathan Donn an àird. Bha 'n crodh 's an tarbh ann asin 's iad ag ith air a' phàirc. O, thanaig e gus an tarbh, an DreathanDonn:"Cha mhór a th' agad a sin, a bhròinean.""Chan eil," thuirt an tarbh, "móran agam a seo.""O, nach eil gu leòr aig do mhaighistir," thuirt es', "as an t-sabhal.""Ach tha," thuirt an tarbh, "ach chan fhaigh mis' a staigh far a bheil e.""Hoch, nach eil dà adhrac mhór ort," thuirt es'. "Cuir do dha adhraca staigh fo'n dorus," thuirt e, "'s togas thu 'n dorus dheth na banntaichean's faodas thu rìs a dhol a staigh 's do leòr ith.""Mo dhiol," thuirt an tarbh, "cha chreid mi nach e sin a nì mi."Dh'fhalbh an tarbh an àirde gu dorus an t-sabhal 's chuir e mar adh'iarr e air adhraic a staigh fo'n dorus 's dh'fholbh an dorus dheth nabanntaichean 's thuit an dorus. Char an tarbh a staigh, e fhéin 's ancrodh, 's dh'ith iad ann a sin dheth snèipean, coirc, feur, a chuile dada bha iad a' faighinn gus 'n do sgàin iad 's bha iad marbh. Bha iad marbhann a sin.Ach mu dheireadh thall thanaig e staigh gus an t-sabhal, na c'àite robh i,'s bha galla mhór ann a sin agus cuileinean aic'."O bhrònag," thuirt e ris a' ghalla, "tha 'n t-acras ort.""O tha," thuirt a' ghalla, "an t-acras orm.""Well," thuirt e, "ma ni thu aon rud dhòmh-s'," thuirt e, "bheirmi dhut gu leòr biadh.""An toir?" thuirt a' ghalla."Bheir, gu leòr feòil.""Well, 's dé rud," thuirt a' ghalla, "tha mi dol a dheanamh dhut?""Ma mharbhas thu 'madadh," thuirt es', "a mharbh mo bhana-ghoistidh-s',bheir mise gu leòr feòil dhut.""O marbhaidh," thuirt a' ghalla.Agus 'se madadh-ruadh a bh' ann."Tha e staigh," thuirt es', "as an toll aig' – as an t-saobhaidh aig',agus theid mis' a staigh do'n t-saobhaidh," thuirt an Dreathan Donn, "aguscuiridh mi mach air car-meallt e gus an dorus agus gheibh thusa greim airaig dorus an t-saobhaidh, 's bheir mise gu leòr biadh dhut," thuirt e.Well 's e seo a bh' ann. Thanaig an Dreathan Donn a staigh 's thuirte ris a' Mhadadh Ruadh:"Och, och," thuirt es', "nach eil thu cianail ann a sin na do laigh,"thuirt es'"'s /4."'s gu leòr biadh a bhàn a sin," thuirt e."'N dà," thuirt a' Madadh Ruadh, "tha mise creidsinn gu bheil.""Tha fhios agam-as air," thuirt e, "gu bheil.""Ma-tha," thuirt a' Madadh Ruadh, "theid mi mach 's gheibh mi ruddheth."Thanaig a' Madadh Ruadh a mach 's dar thanaig a' Madadh Ruadh a mach,bheir a' ghall' air, 's mharbh i e."Well, well, a nis," thuirt an Dreathan Donn, "theid thu bhàn gus a'chladach," thuirt e, ann a sin ris a' ghalla," 's tha each ann a sin a chara mharbhadh an diugh," thuirt e. "Suidh bhàn ann a sin," thuirt e, "'sgheibh thu do leòr biadh.""O tha mis' a' creidsinn gu faigh," thuirt a' ghalla.Char a' ghalla bhàn 's ... fhuair i gu leòr biadh as an each, guleòr feòil.Ach bha e nis, an Dreathan Donn, ann a sin agus dar a bha, bha oidhch'chur chabhaidh ann an oidhche sin 's nach do thachair dhan an uinneag aiga' bhodach a bhith fosgailt. Shéid a' ghaoth an Dreathan Donn a staigh 'srinn e laighe air a leabaidh aig a' bhodach 's chuir am bodach a mach alaimh:"A!", thuirt es', "cha chreid mi nach d' fhuair mi nis thu. Fhuairmi nis thu," thuirt e, "a' fear a rinn an dolaidh orm-as. Bheir mis ort!""O, lig as mi," thuirt an Dreathan Donn, "lig as mi, 's meallan òiragam fo mo sgiath dhut. Well, fosgail do laimh," thuirt e, "'s gheibhthu e."Dh'fhosgail am bodach a laimh 's rinn an Dreathan Donn "ghiup!" dhe chacair – air na laimh."Seo!" thuirt es'. "Cha mhór a' meall òir uileag mi."'S leum e null air an dreasair. Ach dh'eirich am bodach 's fhuair ebat', cromag. Leum e air an dreasair, leum e air a' sgeilp, leum e air a'mhantelpiece, an Dreathan Donn. Bha 'm bodach a' bristeadh na h-uile dada bh' ann gus 'n do bhrist e, 'n do rinn e – gun do bhrist e na h-uilenìthinn a bha staigh 's an taigh, 's cha d' fhuair e an Dreathan Donn fhathast.Chan eil fhios agam-sa nach eil iad mar sin fhathast.Shin agad Stòiridh an Dreathan Donn.