Archival Reference

SSSA/TA/AT226/001

School of Scottish Studies CMN 2 (I.I.2)

Transcript

AI
Iain mac Dhomhnaill a d' innis:
Mur a dh'ionnsuich Aonghus Domhnullach snàmh
Aonghus Domhnallach a bh' air a' ghille a
bha seo agas mór a dh'ionnsuich e snàmh. Bha
e 'na bhuachaille aig Caiptean Chille Chonaid
ann an 1830. Agus tha e a' toirst leis na
geòidh leis a' chrodh 's a' mhaduinn is 'gan
cuir an àird taobh na h-abhna. Agas chan
fhac(hc)a de e dad na b' fhearr ach na geòidh
a chur a mach air an abhainn. Agas bha eas
ann agas bha iad a' tighinn a nuas leis an
eas. Bha e a' gabhail beachd orsa mar a bha
iad a' tuiteam leis an eas agus mór a
dh'éireadh iad an àird leis an uisge pìos air
falabh bho'n steall a bha seo. Fhuair e greim
air giadh agus rug e air earuball," air a'
ghiadh bu treasa a bh' ann. Chaidh e sìos
leis agas thug an giadh gu tìr e. Dh'fhiach
e sin trì na ceithir a thrupan. Ma dheireadh
thuirst e:
"Nì mi an gnothach liom fhìn."
Chaidh e sios an deadhaidh nan geòidh
agas thug e plap sios agas thug e a dhà
na trì bhuillean leis an làimh agas leis na
casan agas bha e air tìr. Chum e air seo gus
an robh e làn-ionnsuichte air snàmh. Ach có
thug an aire dhà maduinn a bha seo ach
Choille
Caiptean ᚳ Chonaid agus e air deireadh gun
tighinn leis a' chrodh leis a' chluich a bha
air m'un abhuinn. Agas chuir e fios a
dh'ionnsuigh athair – a' rud a thachair.
"Agas thu an t-eagal oram gun téid an
gille a bhàthadh agas bhithinn fuathasuch
duilich nan éireadh dad dhà."
"Agas thuirst athair mar seo:
"'N uair nach deach a bhàthadh an toiseach
cha téid a bhàthath a nise. Tha snàmh
aige. Chan eagal dà."
Agas 's ann mar sin a dh'ionnsuich e
snàmh. Agas bha e 'na snàmhadair cho math 's
a bha a's an dùthaich. Ach gràinne bhliadhnachan
an deadhaidh sin, dh'fhàs e suas agus phòs
e. Agas chaidh an gille aige a chall air
an abhainn gu h-àrd aig Achadh Luachrach. Agas
cha robh oisean do'n abhainn sin nach do
shiubhail e. Bha e cho math air snàmh
agas bhiodh e a' dol am bonn a chuile
lige a bha e a' smaointeachadh a bhitheadh
an gille. Ach cha d'thuirt e i. Theap
e a bhith bàidhte gle theann air an taigh
aige agas e aig an abhainn. Chunnaic e rud
bàn shios is chaidh e sìos. Agas thàinig
e an àirde. Dar a thàinig e an àirde:
"Saoil," thuirst e, "an do rannsuich mi ceart e?
"Tha rud eigin a' tighinn a staigh oram," thuirst
e," gur h-e a bh' ann."
Agas chaidh e sìos ullamh, allamh
an deadhaidh dhà dìreadh gun móran anail a
ghabhail. Agus 's ann a sin a theap e a
bhith bàidhte. Ach 'n uair a chaidh e sìos 'am
bonn na lingeadh, dé bha seo ach reithe bàid.
agus a' chlòimh air falabh dheth. Agus bha
e cho coltach ri corp a' ghille. Ach an oidhche
sin thàinig an gille 'ga ionnsuigh ann am bruad
agas thuirst e ris:
"Sguir dhe'n abhainn, Aonghais. Chan fhaigh thu mise
tuillidh. Ach chaidh thu gu math teann air
'm fhaotuinn, ach chan fhaigh thu tuillidh mi.
Agas gabh fois."
Agas ghabh e comhairle an deadhaidh a
bhruadair
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.