Archival Reference

SSSA/TA/AT221/004

School of Scottish Studies CMN 3 (I.I.3)

Transcript

AI
31 : 1 : '51
Ghilleasbuig Mhic Aonghuis
air pheinsean
Gilleasbuig Mac Aonghuis a d' innis
40
Calum I. Mac Ghille Eathain
Drochaid Ruaidh, Loch Abar
Ionbhar-nis
t-adhbhar
Dhrochaid Ruaidh
Dhrochaid Ruaidh
Achadh Luachrach
mhàthair
Ionbhar Ruaidh
Iolaire Loch Tréig
70
Bho chionn ùine air ais bha iolaire an Coire
Mheadhoin an taobh Lach Tréig. Thàinig oidhche
uamharuidh, reòta fuar. Bha an iolaire uamharaidh
fuar agus bha i a smaoineachduinn nach do
dh'airich i oidhche riamh na b' fhuaire na sin.
Ach bha dreathann donn pìos bhuaipe mu
thimicheall dà mhile. Chaidh i far a robh esan
is chuir i a' cheist ris. Thuirt e nach robh
fhios aige-san; nach d' airich e sinn oidhche na
b' fhuaire e ach gu robh gobhar dubh ann am
Bun Ruaidh fada na bu shine na esan. Nan
rachadh i far an robh e, bhitheadh e glé choltach
gum bitheadh fhios aige-san. Ràinig i an gobhar
dubh. Bha e crotach ann a sin is e a' pioc(hc)adh
an innein faisg air an abhainn. O! thuirst e nach
d' airich esan ach gu robh damh féidh ann
an Coille Innse a bha fada na bu shine na
esan : theagamh nan ruigeadh e gum bitheadh
fhios aige-san. Ràinig i Coille Innse is thàinig
i air an ùdlaich 'na shineadh anns an
fhasgadh is e 'ga bhlianadh fhéin. Chuir i a'
cheist air-san mar a chuir i air càch. Thuirst
e nach d' airich esan : gun dàinig e 'na dhamh
òg còmh ri mhàthair a Ionbhar Làire ach gun
robh breac(hc) thall ann an Lochan na Làiridh
a bha fada, fada na bu shine nas esan is
theag' gum bitheadh fhios aige-san. Dh'fhalabh
i gu Lochan na Làiridh. Thachair am breac
oirre. Chuir i a' cheist air : an d' airich e
oidhche riamh na b' fhuaire na an oidhche sin.
"O!" thuirst, dh'airich fada, fada na b' fhuaire.
Bha mise taobh na bruaiche anns an loch is
chaill mi sealladh nan sùl leis an fhuachd.
Agus bha i fada, fada na \ b' fhuaire."
Agus thill an iolaire dhachaidh làn-toilite.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.