An Dreathan-Donn Righ nan Eun
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT221/003
- Date
- 1955
- Item category
- Transcription
- Aarne-Thompson index
- AT0221: The Election of Bird‑king
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Muir Of Ord
- Parish
- Urray
- Collector
- C.I. Maclean
- Narrator
- Alexander (Alec) Stewart
- Narrator source
- Unknown
- Link
- View entry on tobarandualchais.co.uk
Archival Reference
SSSA/TA/AT221/003
School of Scottish Studies SA1955.131.B8
Transcript
AIInformant:Alexander StewartCollector:SA 1955/131/B7C. MacLeanC.M.An Dreathan-Donn Righ nan EunA.T. 221Cha chuala sibh riamh iomradh, ma-tha, gu'm b' e 'n dreathan-donnrigh nan eun?A.S. Cha chual', ma-tha.C.M.Gu robh 'ad a' fiachainn có b' àirde reidheadh 's bha 'ndreathan-donn ...A.S.... A' dol as an cionn.C.M.Bha e air sgiath na h-iolaire.A.S.Bha bha; bha e ann a' sgiath na h-iolaire (?Bha e ann a sin)"Cà' bheil thu dhreathan-duinn?Beagan, beagan, os do chinn.C.M.Seadh, direach, chuala siu sin?A.S.Chuala mi sin ach chan eil fhiosam ... cha chuala mi 'n corr dhe'C.M.Sin a' rud a bha 'ad ag ràdha gun deach an dreathan-donn athaghadh mar righ air na h-eoin as a dheaghaidh sin a chionn gu'm b' eb' airde chaidh.A.S.'S è b' àirde ... 's è b' àirde chaidh.C.M.Agus cha chuala sibh riamh 'ad a bhi falbh le dreathan-donn ac'ann am preas air la àraidh 's a' bhliadhna - bhiodh 'ad ag obair air?A.S.Cha cual'.C.M.A' latha 'n deaghaidh latha Nollaig bhiodh 'ad a' falbh 's andreathan-donn aca. Bhiodh 'ad ag radha rannan air choireigin.A.S. Chan eil fhiosam air, gu-dearbha ... Ach chuala mi...bha òran air an dreathan-donn.(Here follows the song "Tha cumh' as deaghaidh do ghaoil orm"