Archival Reference

SSSA/TA/AT221/002

School of Scottish Studies CI Maclean 21.1.51

Transcript

AI
AN GAIDHEAL OG
MIOSACHAN COMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar XI
AN T-SAMHAIN, 1959
Aireamh 11
IOLAIRE LOCH TREIG
(Le cead SGOIL-OILEIN NA H-ALBANN.)
B
HA cailleach mhór ann am Beinn a'
Bhric ris an abradh iad Cailleach Beinn
a' Bhric. Tha a' bheinn so gu h-àrd aig
ceann shuas Loch Tréig.
Bha de bhuaidh aice air a chuile beathach a
bhiodh mu'n cuairt dhi agus gu robh i a' toirt
orra bruidhinn. Agus is ann an sin a thòisich
a' chéilidh. Tha iad a' bruidhinn oirre – air
a' chéilidh – gus an latha an diugh. Ach cha
robh iad a' crùnadh nam bàrd a bhiodh aice
mar a tha iad an diugh, agus mar a bha iad sa'
Ghréig bho chionn trì mìle bliadhna. Cha
robh i dèanamh so idir, ach bha i toirt orra a
bhith bruidhinn.
Thàinig geamhradh uamhasach fhéin dona;
agus thuirt i riutha aon oidhche bha 'n so:
"Feumaidh sibh falbh," thuirt i, "agus a
chuile duine sgarbh a thoirt a creig dha fhéin.
Chan urrainn duinn fuireachd beò nas fhaide
an so. Agus tha am bainne falbh bhàrr nan
aighean ged a tha mise 'gan leigeil, is a' toirt
dhaibh a' bhainne. Chan eil e ann tuilleadh.
Chan eil iad a' seasamh boitean dhomh ged a
tha mi maoidheadh Dòmhnall MacFhionnlaigh
orra, ach an uair a nì, tionndaidhidh an gealagan
air an t-sùil leis an eagal."
Ach dh'fhalbh iad, agus rinn iad dhaibh
fhéin mar a thuirt i. Agus an aon bheathach
a dh'fhuirich leatha is e an iolaire. Thuirt an
iolaire, "Chan urrainn domh so a sheasamh
nas fhaide. Feumaidh mi falbh." “Feumaidh,
thuirt i, "agus latha math leat."
Dh'fhalbh an iolaire sios do Loch Tréig
Coire Mheadhoin agus a steach Bràighe Allt
nam Bruach, agus A' Chaorannaich, gus an
tàinig i gu Drochaid Ruaidh, Bun Ruaidh.
"A bheil thu so, a Ghoibhre Duibhe?," thuirt
i. Is e sin Gobhar Dhubh nan Allt, air a bheil
am broilleach geal. "Tha." "A bheil
forfhais agad air geamhradh riamh cho dona
so?" "Chan eil, ach cha robh mi ach 'nam
isean glé bheag an déidh mo mhàthar, agus chan
eil forfhais agam air. Ach tha fiadh thall an
Coille Innse, 'na chrùban aig bun craoibhe
daraiche, agus mar eil eòlas aige-san –."
21
Chaidh e null far an robh am fiadh. "Chan
eil," thuirt am fiadh, "forfhais agam-sa air.
Ach b' aithne dhomh caifeanach a bha gu
h-àrd ann am Bothan Choire na Ceanna. Cha
robh mi ach 'nam laogh glé bheag agus bha e
ruith feadh an lochain agus an t-suil as."
Ràinig i shuas far an robh e. "A bheil
forfhais agad'' thuirt i "air geamhradh
riamh a bha cho dona so?" "Tha," thuirt
e. "O, ma tha, tha mi glé thoilichte as do
naidheachd. Agus mar sin, thàinig an seorsa
againn beò as an droch gheamhradh sin, agus
bithidh earbsa againn gun tig sinn as an fhear
so." "Thig," thuirt e. "Agus bha mise
'gam chluicheachd fhéin ri taobh an lochain
so. Droch gheamhradh a bha ann, agus bha
e air adhart anns an Og-mhìos an uair a chuir
pìos de'n deigh an t-sùil asam." "O, nach
robh e dona." "Bha."
"Théid mi an àird do'n iarmailt," thuirt
an iolaire, "fiach a bheil mo neart a' cumail
fhathast." Chaidh i an àirde. An uair a bha
i fàgail na talmhainn de a leum air cùl na
sgèithe aice ach dreathan-donn. "Tha mi a
nis gu h-àrd san athar, is chan eil beathach a
théid nas àirde na mise." "Tha mi fada
os do chionn," ars an dreathan-donn, is e leum.
"O, ablaich," thuirt i, "ma tha thusa beò
chan eagal duinne. Latha math leat!"
Dh'fhalbh i leis an tàmailt, is cha do stad i
gus an do ràinig i A’ Mhuingir thall taobh Loch
Arcaig. Agus theireadh iad Creag na h-Iolaire
rithe, far an d'fhuirich i 'na crùban gus an do
chuir i dhith a sgìos.
IAIN MACDHOMHNAILL.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.