The Eagle and the Wren
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT221/001
- Date
- 1860
- Item category
- Book
- Aarne-Thompson index
- AT0221: The Election of Bird‑king
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Town
- Eigg
- Parish
- Small Isles
- Collector
- John Francis Campbell
- Narrator
- Kenneth MacLeod
- Narrator source
- MacTavish, Mr. Rev
Archival Reference
SSSA/TA/AT221/001
School of Scottish Studies WHT I (PTWH I)
Transcript
AI324LA IS BLIADHNA LEIS NA H-EOINCOINNEACH MACLEOIDAir leantainn bho t. d. 252AN DREATHANN AGUS AN IOLAIRBHA an Dreathann 'na sheasamh air stob, sop 'na bheul,goic 'na cheann, is e meomhrachadh, mar bu ghnàth leis,air nithean diomhair an domhain. 'Is mithich dhuit, alaochain, an sop chur as do bheul,' ghlaodh an Uiseag ris,is i deanamh direach air an stob. 'A bheil dad cearr, a bhuinneag?' 'Cearr! nach faca tu, no mur faca nach cualatu, an Clacharan is a' Chathag air an dearg chaothaichfeadh a' bhaile – fhuair iad naidheachd mu dheireadh.''A dh'innseadh na firinn,' ars' an Dreathann, 'bha migabhail iongantais, is nithean annasach cho gann mu'ntràth so de'n bhliadhna, nach robh mi cluinntinn fathannidir air an nathair-mhara, no air na boiteagan mora, no airna seilcheagan reamhra. Ach ciod a tha iad ag radh, abhuinneag? is ciod a chunnaic iad? is co an t-suil gheura lorgaich? is co am beul fìrinneach a dh'aithris?' Mu'nd'fhuair an Uiseag a gob fhosgladh, co bha air tighinn achan Smeorach. 'Cuir an sop 'nad bheul, a Dhreathainn,'ars' esan, 'nach eil fios air tighinn o Iolair na Creige Moire,gu bheil i am beachd tigh-samhraidh a thogail air an ìosal,agus gu bheil i an dòchas gu'm bi sinn uile 'gar reamhrachadhfein fa chomhair a teachd.' 'Nach éibhinn i,' ars' anDreathann. 'Eibhinn, a dhuine! is ann a tha i mìomhailladurna, agus mur b' e gu bheil an Calaman air tighinn,theirinn gu bheil i rud eile.' 'Nach dean thu fead, aghraidhein! Cha'n fhaca tu riamh, o'n nach fhaca turiamh, rud cho inntinneach no cho feumail ri fead. Togaidh fead soirbheas, agus leagaidh fead soirbheas. Bhami meomhrachadh an diugh' – 'Cha'n ann a' cur casga airdo chainnt a tha mi,' ars' an Smeorach, 'ach ciod ata sinndol a dheanamh? Nach 'eil thu fhein a' faicinn, ma thigan Iolair, gu feum sinne falbh; agus ma dh’fhanas sinne,LA IS BLIADHNA LEIS NA H-EOIN325nach faod ise tighinn.' 'Mar bha mi dol a radh, an uairnach do chuir an Smeorach casg air mo chainnt, bha mimeomhrachadh an diugh air uabhar is air aimideas an t-saoghail. A bheil thusa, Chalamain, a' creidsinn an t-seanfhacail, "Beag moiteil is mor toirteil"?' Cha'n'eil mi 'gad thuigsinn, a Dhreathainn.' 'A bheil thusa 'gamthuigsinn, a Smeoraich?' 'Tha thu ciallachadh, nach'eil? gur h-e boireannach sìobhalta laghach a th' anns anIolair, a chionn gu bheil i mor spàgach.' 'Theagamh, aghraidhein, gu bheil an seanfhacal 'ga chiallachadh, achcha'n 'eil mise. Cha'n abradh tu gu bheil mi fhein amdhuineachan ro-mhor – co-dhiu, cha'n 'eil mi buileach chomor ris an Iolair – is tha mi cearta coma ged bhiodh h-uilegille beag anns a' bhaile ruith as mo dhéidh, is a' magadhorm. Nis, cha'n abrainn sin a thaobh na h-Iolaire mòirespàgaiche.' 'Ach ciod a ni sinn?' ars' an Uiseag. 'Ciod, achaomhag, ach an rud a tha mi ag radh – cuiridh sinn eagalnan gillean beag air an Iolair.'Bha sgaoth mhor de na h-eoin cruinn comhla a nis, aguschuartaich an Dreathann a' chuideachd le a shùil. 'Cha'nfhaic mi a' Chailleach-oidhche,' ars' esan. 'Cha'n 'eil itighinn idir,' ars' an Clacharan. 'Chuir i am bodach 'nah-aite,' arsa Chathag. 'Tha mi tuigsinn,' ars' an Dreathann, 'ach Iolair ann no as, cha'n fhaigh am bodachanbàs an dà latha so. Ach so! so! an ceann gnothuich sinn. Nis, a mhnathan-uaisle is a dhaoin-uaisle, thafadal oirnn air fad gus an tig an Iolair; agus tha am fadalsin cho acrach is gu'n cuir sinn 'ga h-iarraidh an ceart ghradaig an ama. A Chlacharain, tha thusa maith gu bruidhinn.' 'Mata, Dhreathainn, o'n thubhairt thu e, chabhiodh e ach mìomhail dhomhsa cur 'nad aghaidh. Cha'n'eil mi ag radh nach eil a' Chathag pailt cho fileanta, achcha chuir i loinn air rud mar chuireas mise.' 'A Chlacharain,ni sinn dùdaire dhiot; cuiridh sinn do'n Chreig Mhoir thule teachdaireachd.' 'Cha ruith leam ach leum, a Dhreathainn. – "theid is gu'n teid mi le sugairt agus aoigh"' –'Theid thu le teachdaireachd, a ghraidhein.' 'A dh'inn326seadh na fìrinn, a Dhreathainn, bha bloighdeag amharuisagam gu'm biodh agam ri òraid a dheanamh air rud-eigin,agus bha smùid agam air te fad an latha – direach anns anearalas. Cha bhi agam ach facal no dhà atharrachadh, isfreagraidh an òraid do rud sam bith, o'n Iolair gus a' Ghlaisein.' 'Cluinneam, a ghraidhein, mar dh'iarras tu air anIolair tighinn.' 'Iarraidh mi oirre mar so – "Air feasgaràluinn earraich bha ghrian a' cromadh thun an aird-an-iar,agus bha ghealach is na reultan a' dol 'nan culaidh-oidhchelasraich sheudagaich, chum an dleasdanais àbhaistich adheanamh ann an gorm-bhrat nan speur. Bha na h-uilltbhoidheach bhinne crònanaich thun an tràigh, agus bhacalltuinn an fhàile chùbhraidh a' toirt phòg dhaibh 'sandol seachad. Bha ceo nam beann air an leitir ud thall,a' sgaoileadh, le làmhan mìn-gheal, sròil-shìthe de shneachda-brùadair air tulaich nan sliabh; agus bha eoin bhuchallacha bhachallacha nan geug, mar ris an neoinean dhìblidhis mar ris an t-sóbhraich fhìnealta, air an lìonadh le gàirdeachas mor fa chomhair àilleachd an t-saoghail ta ann.Ach, O! astraiche nan speur, eadhon mar thaomas beum-sléibh o na sgàirnichean gruamach ard, no mar bheucas a'bheithir 'nuair theid tein' agus uisge gu strì, eadhon mar sinthainig t' fhios thun an ealtainn ud shios, gu robh thusa lostighinn le lamhachas-làidir nan daoi, a thoirt uainne nadachaidh a fhuair sinn le beannachd o shinnsir nach maireann'san àm – eadhon ar fonn, ar fearann, ar fàsach fein. Ach,O! a spuinneadair nam bantrach, a chreachadair nan nead,a mhortair nan uan, éisd a nis ri mo bhriathraibh fiosnacha,foisneacha, fior-ghlic, fior-eòlach, agus –"' 'Cha chualami riamh a leithid,' ars' an Dreathann, 'cha'n e bruidhinntha sin ach bardachd.' 'Cha'n e fhein a rinn e,' arsaChathag, 'chuala mi h-uile facal deth roimhe.' 'Tha micoma co rinn e, ars' an Dreathann, 'cha chuala mi riamhsgleogaireachd cho sgiolta ris. Ach is e tha cur an dorrainorm nach cluinn sinn ciod a their an Iolair.' 'Nach innismise dhuibh, ars' an Clacharan. 'Cha'n innis, a ghraidhein; bidh tusa an crochadh ris a' chraoibh as airde th'LA IS BLIADHNA LEIS NA H-EOIN327anns a' Chreig Mhoir.' 'O chiall! cha teid mi ann idir, aDhreathainn.' 'Theid thu ann gun teagamh, a Chlacharain,ach fàgaidh tu an sgleogaireachd aig an tigh, is bheir thuleat crioman beag de m’ shop-sa.' 'Ciod a their mi, mata?''Mu'n abair thu diog, a ghraidhein, ni thu beic. Agusbheir thu an ceart aire do d’ ghuth. Feumaidh e bhi ìosal,agus feumaidh e bhi fosgarra, agus feumaidh crith bheag abhi ann cuideachd, direach a leigeadh fhaicinn gu bheil fiosagad co ris a tha thu bruidhinn. Agus an uair a their moBhaintighearna, "Tha cead labhairt agad, a dhùdaire,"their thusa: "A Bhaintighearna urramach, tha eoin nah-ealtainne cur fàilt oirbh. Tha e 'na aobhar gàirdeachaisdhuinn, gu bheil sibh am beachd, leis an anabarr iochda,tigh-samhraidh a thogail air an ìosal, agus is e làn-dùrachdar cridhe, gu'm bi sibh cho sona 'nar measg, is gu faod sibha radh an àm dealachaidh, gu'm b' fhearr leibh gu mor a bhifuireach na falbh. Ach a Bhaintighearna urramach, tha bhurseirbhisich dhìleas a' guidhe oirbh, sgrìob a thoirt do'n ìosalan diugh, ma's e is gu'm bi sin freagarrach dhuibh, a chumgu'n innis sibh dhuinn, ciod an seorsa nid a b' àill leibh sin adheanamh, agus ciod an seorsa bìdh is annlainn a b' àill leibhsinn a chruinneachadh, fa chomhair latha mor bhur teachd,Agus bidh bhur seirbhisich dhìleas do ghnàth a' guidhe."''O chiall!' ars' an Clacharan, 'cha'n urrainn domhsa an goileam-oilean sin a thogail. Nach 'eil fhios agad, a Dhreathainn, gu bheil e anabarrach duilich do theangair rud nachd'rinn e suas ionnsachadh air a theangaidh. Nis, na leigeadh tu leam fhein’ – 'Bu mhaith a dh'ionnsaich thu anòraid sgleogach eile, ged nach tu rinn i,' arsa Chathag.'Trobhad so, a Chlacharain,' ars' an Dreathann, 'agus abairan goileam-oilean facal air an fhacal, direach mar bheirmise dhuit e. "A Bhaintighearna urramach, tha eoin nah-ealtainne cur fàilt oirbh."' '"A Bhaintighearna urramach" – ach am feum mi seasamh air mo leth-chois fhad 'sata mi 'ga radh?' 'Nach eil fios gu feum, a ghraidhein –o nach urrainn duit seasamh air t' eanchainn, Abair nafacail a nis.... A rithist.... A rithist.... Ro-328mhaith, a dhùdaire.... Cha'n 'eil thu cho maol, a ghraidhein.... Aon iteal eile.... Cha'n eil mi an dùil nach'eil e agad air fad a nis, a ghraidhein, ach direach gu'n d'rinnthu aon iomrall beag anns na facail mu dheireadh.' 'Cioda thubhairt mi?' 'Thubhairt, gu robh na seirbhisichdhileas ris na guidheachan. Nis, a ghraidhein, cha'n 'eilmi ag radh nach e sin as fìrinniche, ach cha'n e as modhaile,agus air son na chunnaic thu riamh, na leig a' chraobh ast' aire.' 'A Dhreathainn,' ars' an Calaman, is e air ùr-chlisgeadh a dùiseal beag cadail, a Dhreathainn, cha toighleam an gnothuch so – cha'n 'eil moran de'n fhìrinn ann.''Ud, a dhuine,' ars' an Smeorach, cha chreid Iolair naCreige Mòire fìrinn, ach creididh i breug cho luath 's a dh'itheas mise boiteag.' 'Cha toigh leam na breugan,' ars' anCalaman. 'Saoil, a charaid,' ars' an Smeorach, 'am marbhadh tu fhein am Bru-dearg laghach leis an fhìrinn, na'mb' urrainn duit a shàbhaladh le bloigh bréige.' 'Cha'n 'eilmi idir a' creidsinn, a Smeoraich ionmhuinn, gu bheil anfhìrinn cho marbhtach 's a tha thu ag radh.' 'Tha i marbhtach gu leoir, a Chalamain, ma thig i 'na h-Iolair. 'So!so! a chlann, bithibh soitheamh,' ars' an Dreathann – 'thamise lan-chinnteach, a mhnathan-uaisle is a dhaoin-uaisle,gu bheil mo bheachd fhein agus beachd a' Chalamain calg-dhireach an eagaibh a cheile, ach direach nach 'eil esan a'tuigsinn mo bheachd-sa. Cluinn so, a Chalamain. Cha'n'eil sinn idir dol a thoirt rud a chreidsinn air an Iolair, is anna tha sinn dol a thoirt oirre rud a chreidsinn, agus nach 'eilthu fhein a' faicinn nach ionnan idir an dà nì.' 'Cha'nurrainn domh radh gu bheil, a Dhreathainn; agus, co-dhiu,cha toigh leam gliong nam facal.' 'Mata, Chalamain,cuiridh mi a' phuing air leithid de dhoigh is gu'n tuig eadhonan t-isean anns an ugh mi. Na'n abrainn-sa riut fhein, rudnach abair, ach abair gu'n abradh, Biodh e dubh no geal nogrìsionn (ma tha e dubh no geal no grìsionn) gur neo-thoighleam fhein (na'm bu neo-thoigh leam fhein) Nebuchadnèsar,bhithinn, na'm bithinn, a' toirt rud a chreidsinn ort; achma their mi, rud a their agus a dh'fhaodas mi radh, BiodhLA IS BLIADHNA LEIS NA H-EOIN329e dubh no geal no grìsionn (ma tha no nach eil e dubh nogeal no grìsionn) gur ro-thoigh leam fhein (o'n as ro-thoighleam fhein) Nebuchadnèsar, cha'n ann, o nach ann, a' toirtrud a chreidsinn ort a tha mi, ach a' toirt ort rud a chreidsinn. Nis, nach eil thu tuigsinn sin?' 'Cha'n 'eil, srannadh dheth! ach, O Dhreathainn, is caomh le mo chluaiscaoin nam facal. Abair a rithist e.' 'Biodh e dubh nogeal no grìsionn, gaol mo chridhe Nebuchadnèsar.' 'Thami 'gad thuigsinn a nis. Ach stad gus an smaointich mi.Biodh e dubh – no geal – no – no – no an rud eile – thagaol mo chridhe agam air Nebuchadnèsar. Tha thu ceart,gun amharus tha thu ceart, a Dhreathainn, agus tha miselan-riaraichte – is e sin ri radh, ma tha am Bru-deargriaraichte.' Chlisg am Bru-dearg a teis-meadhon bruadair.An robh sibh a' bruidhinn rium, a chairdean?' 'Thaan Calaman is mi fhein a' cur romhainn, ars' an Dreathann,'gu'n innis sinn an fhìrinn, an fhìrinn uile, gun aon lide achan fhìrinn, do Iolair na Creige Móire. A bheil dad agad anaghaidh sin, a ghraidhein?' 'An ann agamsa! Is caomhleam fhein an fhìrinn, a Dhreathainn, agus chaidh am Bru-dearg air ais d' a bhruadar. 'Nis o'n tha sinn uile lan-riaraichte, ars' an Dreathann, 'is mithich do'n dùdaire bhisgaoileadh nan sgiath. Ach aon fhacal riut anns an dealachadh. An uair a thig thu air t' ais o'n Chreig Mhoir, is anIolair agad air ròineig, feumaidh tu bhi cho sgìth, a ghraidhein, is nach tig aon bhiog as do ghob.' 'O chiall! am feummi bhi cho sgìth sin?' 'Feumaidh, a ghraidhein; is anuair a bhios an spòrs uile thairis, innsidh tu dhuinn ciamara chaidh dhuit anns a’ Chreig Mhoir.' Chuir an Clacharancar-a-mhuiltein deth fhein tri uairean. 'Hù bhà hidil à, hùbhà hidilan! nach ann aig a' Chathaig a bhios am farmadrium. Cha'n 'eil mi an dùil nach tòisich mi, an làrach nambonn, air an òraid a dheilbh.' 'A Chlacharain,' ars' anDreathann, 'cluinn so, agus cluinn e air a' chluais as buidhre.Gus an ruig thusa Chreag Mhor, na biodh a chridhe agad –a bheil thu cluinntinn, a ghraidhein? – na biodh a chridheagad smuain no smuain altrum 'nad cheann, ma's ceann330gogan, ach an dà smuain so – an teachdaireachd agus achroich. Turus maith leat, a dhùdaire.'Chuir an Dreathann a shop 'na bheul, is thòisich e aircnuasachd. Dh'fhan na h-eoin eile, a' Chathag is gu leir,'nam balbh-thosd, gus am bu deonach leis fhein bruidhinn.An ceann treise chàirich e an sop air an làr. A mhnathan-uaisle is a dhaoin-uaisle, faodaidh gu bheil mi neònach,ach is iomadh rud a chunnaic mi, agus mur h-eil mi air momhealladh, chi mi rud an diugh cuideachd. A Chathag, thathusa maith air na ròlaistean – tha dreuchd beag agamdhuit.' 'Ciod a thuirt thu?' ars' an Calaman. 'Bha midireach dol a radh, o nach tric leis a' Chathaig an fhìrinninnseadh, gu'n toir sinn cothrom dhi an diugh an fhìrinninnseadh do Iolair na Creige Móire.' 'Ro-mhaith, a charaidionmhuinn. O'n tha cùisean dol air an aghaidh cho fìrinneach ceart, cha'n eil mi an dùil nach bi norrag bheagagam fhein air an tolman ud thall. Ach feuch gu'n toirthu sanas dhomh, a Dhreathainn, ma thig ar bana-charaidurramach, a' Bhaintighearna. B' fhior-thoigh leam aonfhacal maith a radh rithe – direach anns an earalas.' 'Cha'n'eil mi ag radh nach biodh e iomchuidh, a Chalamain, achtha eagal orm nach biodh e modhail, facal maith a radh riBaintighearna – co-dhiu, a' chiad latha. Ach an ath uaira thig i, ma thig! faodaidh tu fhein is am Bru-dearg, a dhàchreutair gun lochd, dalladh oirre fad an latha leis na clachanis leis na facail mhatha. Cadal maith dhuit, a ghraidhein.'Mu'n gann a bha Chathag air a ceart oileanachadh aigan Dreathann, chualas foirm agus toirm anns an adharshuas. Co bha so ach Iolair na Creige Móire, agus anClacharan anns an ospagaich as a déidh. Dh'eirich na h-eoinuile 'nan seasamh, agus rinn iad beic do'n Bhaintighearna.Rinn a' Bhaintighearna beic do na h-eoin an comain nabeice ceudna. Rinn na h-eoin beic eile do'n Bhaintighearnaan comain na beice comaine – agus chaidh iad an sin anceann gnothuich. 'A Bhaintighearna urramach,' arsaChathag, 'chuir sibh urram nach beag air eoin na h-ealtainnan diugh, agus is fiachan oirnne moit ar cridhe dhearbhadhLA IS BLIADHNA LEIS NA H-EOIN331is a lan-dearbhadh le gniomharan ar làmh. Ach, a Bhain-tighearna urramach, mu'n cuir sinn nithean eile 'nur cead,bu mhaith leinn aon fhathann beag ainmeachadh 'nurlàthair. Cha ghabh sibh gu h-olc e, oir cha'n e olc ach euda ta 'nar n-amharc, ach tha na gillean beaga ag éigheachair an rathad mhor, nach dlùithe theid Iolair na CreigeMóire do'n ghrein, na an Dreathann beag sin ata nis chodìblidh a' deanamh beice 'nur lathair.' 'Mata, Chathagbhochd,' ars' an Iolair, 'cha bu bheag an tàmailt leam fheingu'm biodh na gillean beaga ag éigheach bhreug as modhéidh. Na'm b' fhìrinn e, cha'n 'eil mi an dùil gu'n nochdainn m' aghaidh gu brath tuilleadh shios air a' chòmhnard.So! so! a Dhreathainn, bheir sinn na speuran oirnn.'Thionndaidh a' Bhaintighearn a h-earr ris na h-eoin, agussgaoil i a mach a sgiathan. Ghrad-spìon an Dreathannbadan cóinnich a tolman, is gearrar sìnteag bheag bhoidheach gu druim na h-Iolaire. 'Glug-glog, glog-glug,' arsise, is i bruidhinn rithe fhein, 'cha'n eil mo leithid ann gustreup na gaoithe – nach mìomhail na gillean beaga!'An earalas gu'm bristeadh a ghàir air, stob an Dreathannam badan cóinnich 'na bheul, agus o nach robh an còrr aigeri dheanamh anns a' cheart àm, thoisich e air eur thoimhseachan air fhein. An ceann treise sguir an glugail-glogail,agus thòisich an ospagaich. 'Tha mi an duil gu bheil miair fior-bhàrr mo chomais,' ars' an Iolair rithe fhein, 'ismithich dhomh tearnadh. Glug-glog, glog-glug, c'àite bheilthu, Dhreathainn Duinn?' 'Fada, fada, os do chionn,' ars'an Dreathann, is e toirt sithidh bhig bhoidhich an aird. Thugan Iolair aon chlisg-shuil os a cionn, agus an sin, gun ghuthmor, gun droch fhacal, sheol i air falbh do'n Chreig Mhoir.An an rathad gu talamh co thachair ris an Dreathann achan Clacharan agus a' Chathag, is iad air tighinn a dh'aonghnothuch ga choinneachadh anns na speuran. 'Is elatha mor a bha 'n so,' ars' an Clacharan. 'Is e latha de nalàithean a bha 'n so,' arsa Chathag. 'A bheil fhiosagaibh,' ars' an Dreathann, 'co air a bha mi smaointinn, anuair a bhuail mo dhosan anns a' ghealaich?' 'Is e naidh332eachd a bhios an so,' ars' an Clacharan. 'Is e naidheachda rìreabh a bhios an so,' arsa Chathag. 'Mata, an uair abhuail mo dhosan anns a' ghealaich, bhuail an smuainso gu làidir ri m' inntinn, gu'm bu dubh is gu'm bu donasaoghal peacach gun phuirt-a-beul. Cha'n aithne dhomhfhein ni eile cho inntinneach no cho seaghail riutha. Ancuala tusa, Chlacharain, no thusa, Chathag, rud riamh cholaghach no cho inntinneach ris a' phort so:Tha mi 'n dùil gu'm bi mi nochdRi taobh mo ghaoil, ge b' ann air sop,Tha mi 'n dùil gu'm bi mi nochdAir taobh a bhos na h-aibhne.Slàn leibh, a chairdean.(R' a Leantainn.)