Archival Reference

SSSA/TA/AT220/001

School of Scottish Studies CM 16

Transcript

AI
127
cf. AT 220
COMHRADH NAN IOLAIREAN.
THA e air a radh gu'n cuala ciobair an Comh­
radh a leanas eadar seann iolaire agus a h-alach
og, am feadh 's a bha e 'toirt aire air an
treud:
"Mo chlann," ars' an iolaire, "chunnaic sibh
mi a' tiolpadh nan cearc as na h-iolannan, a'
glacadh na maighich anns a' phreas, agus a'
togail a' mhinn o 'ionaltradh. Ach thu cuimhne
agaibh blas 'fhaighainn air biadh moran is millse
na iad sin – is minig a thug mi dhuibh cuirm de
fheoil DUINE."
"Innis dhuinn," arsa na h-iolairean oga, "c'
aite 'm faighear daoine, agus ciamar a dh'aith­
nichear iad; oir is cinnteach gur i feoil an duine
biadh nadurra na h-iolaire. Carson nach d'
thug thu duine slan a dh-ionnsaidh na nid ann
ad spuirean?"
"Tha e tuilleadh 's dumhail, trom," ars an
iolaire; "an uair a dh'amaiseas sinn air duine
cha'n urrainn duinn ach 'fheoil a stroichdeadh
leinn agus na cnamhan 'fhagail as ar deigh."
"Ma tha an duine cho mor a's sin," ars' an
fheadhain oga, "ciamar a tha 'dol agad air a
mharbhadh? Tha fiamh agus eagal agad roimh
'n mhadadh-alluidh agus am math-ghabhainn;
ciod an cumhachd leis am bheil buaidh aig na
h-iolairean thairis air an duine? Am bheil an
duine na's laige na caora?"
"Cha'n 'eill againn," fhreagair an iolaire,
"neart an duine, agus tha mi air uairibh an
teagamh a bheil a sheoltachd againn; agus b'
ann fior-ainneamh a gheibheadh iolairean cothrom
air 'fheoil itheadh mur biodh Nadur, a dh'
orduich e chum ar feum, air buirbe iongantaich
a chur ann, nach faca mi riamh ann an creutair
air bith eile a tha 'chomhnuidh air an talamh.
Gu tric coinnichidh da threud mhor de dhaoine,
criothnaichidh an talamh leis an toirm a ni iad
agus lionar an t-adhar le teine. An uair a
chluinneas sibh toirm agus a chi sibh teine a'
ruith air aghaidh na talmhainn, greasaibh a dh-
ionnsaidh an aite le uile luaths ur sgeith, oir
bithibh cinnteach gu bheil dhaoine a' sgrios a
cheile; gheibh sibh an talamh dearg le fuil
agus cuirnichte le closaichean marbha, agus
moran diubh air an srachdadh agus air an
gearradh air son nan iolairean."
"Ach an uair a mharbhas na daoine an cuid
creiche, ars' na h-iolairean beaga, "carson nach
'eil iad 'ga itheadh? An uair a mharbhas
madadh-alluidh caora, cha'n fhuiling e do'n
iolaire teachd g'a choir gus am bheil e fein air
a shasuchadh – Nach e seorsa de mhadadh-alluidh
a tha anns an duine?"
"Is e an duine," ars' an iolaire, "an t-aon
chreutair a mharbhas an ni sinn nach ith e,
agus is i a' bhuaidh so a tha 'ga fhagail 'na
charaid cho math do'n chinneach againn-ne."
"Ma tha an duine mar so a' marbhadh creiche
dhuinn-ne agus 'ga fhagail ann ar rathad," ars'
an iolaire og, "ciod am feum a tha againn air
saothrachadh air ar son fein?"
"Tha," ars' a mathair," a chionn gu'm fan
an duine air uairibh re uine fhada samhach 'n
a gharaidh. Innsidh na seann iolairean duibh
cuin a tha sibh ri suil gheur a chumail air a
ghluasadan. An uair a chi sibh buidhnean mor
dhaoine a siubhal comhladh, faodaidh sibh a
thuigsinn gu bheil iad ri seilg agus gu'm faigh
sibh ur diol de fheoil duine gu h-aithghearr."
"Ach stadaibh," ars' an iolaire og, "bu mhath
leam fios fhaighinn air an aobhar air son am
bheil daoine mar so a' sgrios a cheile. Cha b'
urrainn domh fhein a mharbhadh an ni sinn
nach ithinn."
"Mo leanabh," ars' a mathair, "an uair a
bha mise og, b' abhaist domh dol a thaghal air
seann iolaire aig an robh a comhnuidh anns na
creagan ud shuas. Bha i 'tighinn beo o bhliadh­
na gu bliadhna air mionaichean dhaoine.
Thuirt i, mar a bha geugan na craoibh dharaich
air am bualadh r' a cheile leis an doininn a
chum gu'n tigeadh na mucan-fiathaich beo air
na cnuthan a thuiteadh dhiubh, gu'n robh
daoine mar so le cumhachd do-thuigsinn air an
sparradh an aghaidh a cheile a chum 's gu'm
biodh na h-iolairean air am beathachadh. Agus
tha an fheadhainn a tha ag itealaich os an cionn
a' toirt aire gu'm bheil fear anns gach treud a
tha toirt seolaidh do chach agus a tha reir
coslais a' gabhail tlachd anabarrach anns a'
chasgradh oillteil. Ciod e a tha toirt coir do'n
fhear so air inbh cho ard cha'n fhios duinn;
mar is bitheanta cha'n è idir fear is momha no
is luaithe na cach, ach tha e 'taisbeanadh leis
cho dian a's cho dichiollach 's a tha e gur esan,
gu sonruichte, CARAID NAN IOLAIREAN."
I. B. O.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.