Sgeulachd a' Chait Ghlais
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT130/001
- Date
- 1957
- Item category
- Transcription
- Aarne-Thompson index
- AT0130: The Animals in Night Quarters
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Lairg
- Parish
- Lairg
- Collector
- Hamish Henderson
- Narrator
- Alexander Stewart
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT130/001
School of Scottish Studies SA1957.039.B3
Transcript
AIAT130Sgeulachd a Chait GhlaisS.A. 1957/39/B3 Informant : Alex Stewart (Aili Dall)Wel bha rìgh is bann-rìgh ann a sin is thuirtiad, có am mult geamhraidh a bhiodh ann. Thubhairtgum b' e 'n cat glas. Dh'fholbh an Cat Glas. "Welthuirt es, "ma se mis' am mult geamhraidh a bhiosagaibh cha toir mise mo mhionnan nach ... gumbidh mi agaibh. Ach dh'fholbh an Cat Glas is bhae dol 's bha e dol air an rathad ann a sin. Is cha robhe fad ann a sin dar a choinnich peat caor e."À," thuirt es, "A Mhaighstir Cat Glais, cà bheil si dol?""Tha mi dol a dh'innse an fhortain," thuirt anCat Glas. "Cà bheil thu fhéin a' dol?""Ó wel," thuirt es, "tha mi fhéin a' dol fiach afaigh mi ... an déis an fhortan cuideachd""Nach tig thu cuide rium-asa," thuirt an Cat Glas."An dà 's mi a thig," thuirt am peat caor.Thill iad cuideachd 's bha iad a' dol ann a sin anis dol ann a sin. Cha robh iad fad ann a sin darchoinnich geòidh mhór iad - a goose. Choinnich a'gheòidh iad is thuirt e ... Bha e tighinn 's e waddlingann a sin."Ó," thuirt esa, "Cà bheil si' dol fhearu?" thuirt es."Ó tha sinn a' dol a dh'innse an fhortan," thubhairtan Cat Glas, "cà bheil thu fhéin a' dol?""Och wel," thuirt e, "tha mise dol an déis anfhortan cuideachd""Nach till thu cuide rinn."Ach 's ann a thill an geòidh riutha, 'bhalaich,'s bha 'ad ann a sin dol air adhart 'nan triùir. Charobh iad fad ann a sin, a bhalaich, dar a choinnich②S.A. 1957/39/B3 Continuedam puilidh iad, puilidh mór."Cà bheil si dol fhearu?" thuirt es."Ómh, tha sinn a' dol air adhart a dh'inns anfhortan," thuirt an Cat Glas, "cà bheil thu fhein a' dològanaich?""Ó tha mi dol a dh'inns an fhortan cuideachd,"thuirt es."Ma tha till cuide rinne."Bha iad a' dol ann a sin a nis 's bha iad 'nanceathrar. "A cha robh iad fad ann a sin dar chunnaigiad fear a' tighinn, saighdear beag is boineid bhiorachair 's e seo an coileach"Cà bheil si' dol fhearu," thuirt es, "leis a' ... a'speed tha seo?""Ó dol a dh'inns an fhortan," thuirt an Cat Glas"nach tig thu fhéin cuide rinn""An dà 's mi a thig," thuirt an coileachBha seo còigear fhear aca a' tighinn. Bha 'adtighinn 's bha 'ad tighinn 's bha 'ad tighinn ann asin 's bha 'n oidhch a' tuiteam orra is chunnaigiall taighean beag bhàn de'n rathad."Cha chreid mi," thuirt an Cat Glas, "nach teidsinn a bhàn a seo leotha.""Ó théid," thuirt am peat caorFhuair iad biorain is fhuair iad maidean ischaidh iad a staigh don taigh is bheothaich iadteine. Dar a bheothaich iad an teine bha iad anna sin a nis dh'ith iad a suipeir."Dé tha go bhith agad-as?" thuirt i ... a' reath"Ach," thuirt a' reatha, "bi sguabag agam-as air cùl anS.A. 1957/39/B3 continued③doruis mar is àbhaist. Dé bhios agad-as?""H-ach!" thuirt a' fear eile, bios taois agam-as,"thuirt an coileach. Dé bhios agads a thunnag?"Och," thuirt an tunnag, bi mise 'g ith ioma rudbi mi a's na seuip," thuirt an tunnag ... thuirt nageòidh, "mar is àbhaist."Ach cha robh guth air seo chaidh iad uile gufois. Chaidh an coileach air a' spàrr is chaidh iad alaighe"Càit am bidh thusa nochd a chaor?"Ó bidh mise air cùl dorus mar is abhaistcnàmh mo chìr," thuirt a' chaor."Càit am bidh thus' a gheòidh?"Och bi mis' air a' loch, thuirt e, air a' loch maris àbhaist. Càit am bidh thus?" thuirt e ris a' ...ris a' ... an turkey."Bi mise," thuirt e, "san òtrach mar is àbhaistgu madainn. Càit am bidh si' fhéin a MhaighistirCat Ghlais?""An cù nan éibhleag," thuirt es, "mar is àbhaist.Very well chaidh iad a sin gu fois."Càit am bidh thus' a choilich?""Bi mise air a' spàrr," thuirt an coileach, maris àbhaist.Chaidh iad a sin a laighe is bha iad fad ann asin fad na h-oidhch. Ach có bha dol seachad a's amhadainn ach madadh-ruadh is madadh-allaidh."Ruith thus' a bhàn," thuirt am madadh-ruadhris a' mhadhadh-allaidh. "Ma 's e d' iorball a's fhaidSguidsig a mach an fheadhainn sin as an taigh," thuirte, "'s gheobh sinn staigh."S.A. 1957/39/B3 Continued④Thàinig e bhàn. Thàinig e bhàn, a' chiad stràcthug a' reath air bhuail e null ris a' bhalla e. Thàiniga sin na geòidh air is thug e 'n tòn as. Thàinig asin am puilidh, sliochd athar," thug e cheadslap-an air is chuir e chuid ìnean troimhe Achthàinig a sin an Cat Glas fhéin is sgròillig e bhanaodann le ìnean."Gu gaog!" thuirt an coileach, "ma theid misebhàn 's mi a's mios uile dhut."Dh'fholbh am madadh-allaidh is dar chaidhi amach gus an rathad. "Ó," thuirt e ris a mhadadh-ruadh, "gu dé chuir mise bhàn a sin?" A chiadchailleach," thuirt e, "thàinig cailleach le feirg,"thuirt e "a chiad stràc thug i dhomhs," thuirt e.... chan e, "A' chiad bhodach leis an òrd-mhórthàinig e 's a' chiad stràc thug e dhomhs bhuaile null ris a' bhalla mi. Thàinig a sin," thuirt esthàinig a sin," thuirt es, "cailleach agus thug i'n tòn asam. Thàinig fear eile," thuirt e, "le mabanis scratch-aig i 'n tòn asam. Thàinig a sin cailleachle càrdan," thuirt e, "is chàrd i m' aodann. Thug ibhàn m' aodann le dà chàrd. Is bha saighdear thurradair an spàrr," thuirt e, is thuirt e na'n tigeadhe bhàn gur e bu mhios uile dhomh. Dh'fholbhmise le mo bheatha," thuirt e, is dar a dh'fholbhmi le mo bheatha" : "Ó nach iad a bha dona," thuirtam madadh-ruadh.Is chaidh iad seachad. Chan eil fhios agamsanach eil iad a sin fhathast.