A' Ghobhar Ghlas
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT123/004
- Date
- 1972
- Item category
- Transcription
- Aarne-Thompson index
- AT0123: The Wolf and the Kids
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Grimsay
- Parish
- North Uist
- Collector
- Angus John MacDonald
- Narrator
- Kate Stewart
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT123/004
School of Scottish Studies SA1972.019.A1
Transcript
AIA' GHOBHAR GHLAS : AT 123SA1972/19.A1Inf.* Mrs. Kate Stewart, Grimsay, N. UistColl.: A.J. MacDonaldChaidh a' Ghobhar Ghlas dh'an tràigh a dh'iarraidh maorach's dh'fhàg i staigh na trì minneinean mine-ghlas, Tàrr na Tarra-ghlas, An Gille Buic 's Am Meann Bàn agus thuirt i riutha gunduine leigeil a staigh gos an tilleadh ise:"Agus cuiridh mi," ars' ise, "snàithlein dearg agus snàithleinuaine agus snàithlein gorm air mo chois gos gu faithnich sibh gurami a bhios ann."Cha robh i fad' 'sam bith air falbh 'n uair a thàinig gnogadhdh'an dorus ag eubhach:"Fosglaibh seo, fosglaibh seo. Mis' ur màthair. Mis' urmàthair.""Cha tu. Cha tu," ars' à-san, "Bha snàithlein dearg agussnàithlein uaine 'us snàithlein gorm ma chas ar màthair-ne."Dh'fhalbh ... 'S e a' madadh-ruadh a bh' ann, agus dh'fhalbhe a shitig a' bhreabadair agus fhuair e ann a' shen snàithleindearg, 'us uaine 'us snàithlein gorm 's chuir e ma chois iad 'sthill e. 'S thuirt e:"Fosglaibh seo, fosglaibh seo. Mis' ur màthair. Mis' urmàthair."'S chuir e a staigh a spòg 's chunnaic iad na snàithleinean's dh'fhosgail iad an dorus. Bha poc' aige 's bha e 'ga' ruithfeadh an taighe 's rug e orra 's chuir e dh'an phoc' iad. AchAm Meann Bàn, 's ann air cùl cloc a chaidh e 'falach. Fhuaire e 's thug e leis uileag iad 's dh'fhalbh e dhachaidh.'N uair a thàinig a' Ghobhar Ghlas as an tràigh cha robhna minn roimhpe staigh idir 's dh'fhalbh i go taigh a' mhadadh-ruadh. Chaidh i suas a mhullach an taighe 's shuidh i air ant-simileir. Thuirt a' madadh-ruadh:"Có tha siod shuas air mullach mo bhothain bhig chraosgaichchràsgaich, nach leig le mo ghille beag a dhol dh'an tobar, nachleig le mo chrogan lite goil?""Tha mis'" ars ise, "a' Ghobhar Ghlas air tighinn a dh'iarraidh a cuid minn.""Chan 'eil iad a seo agad," ars' esan."Tha," ars' ise, 's nuas a thàinig i a mullach an taighe 'schaidh iad a shabaid. 'S bha iad a' sabaid 's ma dheireadhchaidh iad ann am bogaich:'N uair bu lugha readh iad fodha readh iad fodha chon nanglùinean,'S 'n uair bu mhutha readh iad fodha readh iad fodha chonna' sùilean.Ghabh a' Ghobhar Ghlas air a' mhadadh-ruadh 's theich e 'schaidh i staigh 's fhuair i na trì minneinean mine-ghlas, Tàrrna tarra-ghlas, An Gille Buic 's Am Meann Bàn 's thug i leathadhachaidh iad.