Archival Reference

SSSA/TA/AT123/002

School of Scottish Studies SA1974.090.B3

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Transcript

AI
A' Ghobhar Ghlas agus am Madadh Ruadh
Bha a' Ghobhar Ghlas, agus bha dà ghobhar bheag as a deoghaidh, agus bha iad a'
fuireach ann am bothaig. Agus co-dhiù, nist, 's ann a bhiodh i dol dhan tràigh-
bhàirnich, seach air a' mhiann a bh’ aig na gobhair bheag orra. Nuair a rachadh an làn
a-mach, bha i dol dhan tràigh-bhàirneach, a bhuain bhàirneach, agus, co-dhiù, an latha
bha seo, bha i dol a dh'fhalbh agus thuirt i ris na gobhair bheaga, 'Nis', os ise,
'fheumainn-sa falbh dhan tràigh-bhàirneach, agus ged thigeadh rapadh gon doras
cuimhnichidh sibh nach fhosgail sibh an doras gon tig mise.' Agus thuirt an
fheadhainn bheaga rithe-s', 'Ciamar a dh'aithnicheas sinne thu cuin a thig thu?'.
'Well, ma-tà', os i fhèin, 'bithidh snàithlean gorm agus snàthlean dearg air mo chois,
agus cuiridh mi steach mo spòg air barr na còmhladh, agus nuair a chi sibh snàthlean
gorm agus snàthlean dearg bidh fhios agaibh gur e ur màthair a tha ann'. Agus
dh'fhalbh i a bhuain nam bàirneach.
Ach, co-dhiù, cò bha ga watchadh a' falbh ach am madadh-ruadh, agus cha
robh e fada gus an tàinig e dh'ionnsaidh an dorais. Agus rap e an doras agus dh'èigh
e, 'Fosgail seo, mis' ur màthair!' Agus thuirt an tè bu mhotha dhe na gobhair bheaga,
'Cuir a-staigh do spòg air barr na còmhladh is faithnichidh sinne an tu ar màthair'.
Chuir e a-staigh a spòg is cha robh sgath air a spòg ach na fìnean. 'O', os a ghobhar
bheag, cha tu ar màthair idir!' 'Is dè am fioss a th' agad?', os am madadh ruadh. 'Tha
snàthlean gorm is snàthlean dearg air cois mo mhàthar'.
O, well, seadh, dh'fhalbh esan, am madadh ruadh, agus thoisich e siubhak
timcheall gach taigh a chitheadh e, feuch am faigheadh e grèim air snàthlean dearg is
snàthlean gorm. Co-dhiù, bho dheireadh, fhuair e grèim air an dà shnàthlean agus
chuir e air a spòig fhèin iad, agus rap e an doras agus dh'èigh e, 'Fosgail seo, mis' ur
mhàthair' Thuirt a' ghobhar eile, 'Cuir do spòg air bàrr na còmhladh is aithnichidh
sinn an tu ar màthair'. Chuireas a-staigh a spàg agus bha snàthlean gorm and
snàithlean dearg air an spòg, agus dh'fhosgail àsan an doras. Staigh gun tug esan,
agus nuair a thill a Ghobhar Ghlas dhachaigh cha robh sgath aige gun ithe - dh'ith e
an dà ghobhar bheag oirre!
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.