Archival Reference

SSSA/TA/AT510/011

School of Scottish Studies WHT I (PTWH I)

Transcript

AI
URSGEUL.
BHA 'siod rìgh ann roimhe so, 's phòs e, 's cha robh aige ach an
aon nighean. Nur a shiubhail a' bhean cha phòsadh e gin ach te
'fhreagradh a h-aodach dhi. Dh'fheuch a nighean latha aodach
a màthar urra, 's thàinig i 's leig i fhaicinn d' a h' athair mar a
fhreagradh e dhi. Bha e 'freagairt dhi gu math. Nur a chunn­
aic a h-athair i, cha phòsadh e bean ach i. Chaidh i 'caoineadh
far an robh a muime, 's thuirt a muime rithe dè bh' urra. Thuirt
i gun robh a h-athair a' cur roimhe gum pòsadh e i. Thuirt a
muime rithe 'ràdh ris nach pòsadh e i gus am faigheadh e dhi
guthann de chlòimhe na h-eala.
Dh'fholbh e 's an ceann la is bliadhna thàinig e, 's an guthann
leis. Chaidh i 'rithisd a ghabhail comhairl' a muime. "Abair
ris," urs' a muime, "nach pòs thu e gus am faigh e dhuit guthann
de chanach an t-sléibhe." Thuirt i so ris. Dh'fholbh e, 's an
ceann la is bliadhna thill e 's guthann de chanach an t-sléibhe
leis. "Abair ris a nis," urs' a muime, "nach pòs thu e gus an
d'thoir e 't' ionnsuidh guthann siod a sheasas air an làr le h òr 's
le airgiod." An ceann la is bliadhna thill e leis a ghuthann.
230
WEST HIGHLAND TALES.
"Abair ris a nis," urs' a muime, "nach pòs thu e gus an d'thoir
e 't ionnsuidh bròg òir is bròg airgid." Fhuair e dhi bròg òir is
bròg airgid. "Abair ris a nis," ursa a muime, "nach pòs thu e
mar an d'thoir e 't' ionnsuidh cisde a ghlaiseas a mach 's a stigh,
's is coingeis leatha bhi air muir na air tìr."
Nur a fhuair e chisde phaisg i chuid a b' fheàrr de dh'aodach
a màthar 's d' a h-aodach féin innte. Chaidh i féin an sin a stigh
's a' chisde, 's dh'iarr i air a h-athair a cur a mach air an fhairge
feuch dé mur a shnàmhadh i. Chuir a h-athair a mach i. Nur a
chaidh a chisd' a mach, bha i folbh 's a' folbh gus an deach i as
an t-sealladh. Chaidh i air tìr air an taobh eile, 's thàinig buach­
aille far an robh i airson a brisdeadh, an dúil gun robh feudail
anns a' chisde. Nur a bhu e 'dol a 'brisdeadh ghlaoidh ise, "Na
déan; ach abair ri t' athair tighinn an so, 's gheobh e na's fheàird
e r'a bheò." Thainig 'athair 's thug e leis g'a thigh féin i. 'S ann
aig righ bha 'm buachaille, 's bha tigh an righ dlùth air. "Nam
faighinn," urs' ise, "dol air fasdadh do'n tigh mhòr so thall."
"Cha'n 'eil gin a dhìth orr'," urs' am buachaille, "mar am bheil
té dhìth orra fo làimh a' chòcaire." Chaidh am buachaille 's
bhruidhin e air a son, 's chaidh i 'na searbhanta fo làimh a'
chòcaire.
Nur a bha càch a' dol do'n t-searmoin, 's a dh'fheòraidh iad
dhise an robh i dol ann, thuirt i nach robh gun robh beagan arain
aice r'a dheasachadh, 's nach b' urrainn i dol ann. Nur a dh'
fholbh iadsan thug i urra tigh a' bhuachaille, 's chuir i urra
guthann de chlòimhe na h-eala. Chaidh i do'n t-searmoin, 's
shuidh i ma choinneamh mac an rìgh. Ghabh mac an rìgh gaol
urra. Dh'fholbh ise tacan ma'n do sgaoil an t-searmoin; ràinig
i tigh a' bhuachaille; dh'atharraich i h-aodach; 's bha i stigh
rompa. Nur a thàinig càch dhachaidh 's ann aig iomradh air a'
bhean uasal mhòr a bha 's an t-searmoin a bha iad. An ath
Dhòmhnach thuirt iad rithe, an robh i dol do'n t-searmoin, 's
thuirt i nach robh, gun robh beagan arain aice r'a dheasachadh.
Nur a dh'fholbh iadsan ràinig i tigh a' bhuachaille, 's chuir i
urra guthann de chanach an t-sléibhe, 's chaidh i do'n t-sear­
moin. Bha mac an rìgh 'na shuidhe far an robh ise an Dòmhnach
roimhid, 's shuidh ise ma choinneamh. Thàinig i mach air
thoiseach orra; dh'atharraich i, 's bha i aig an tigh rompa; 's
nur a thàinig càch dhachaidh 's ann aig iomradh air a' bhean
uasal mhòr a bha 'san t-searmoin a bha iad. An treas Dòmhnach
URSGEUL.
231
thuirte iad rithe an robh i dol do'n t-searmoin, 's thuirt i nach
robh 'gun robh beagan arain aice r'a dheasachadh. Nur a dh'
fholbh iadsan ràinig i tigh a bhuachaille; chuir i urra an guthann
a sheasadh air an làr le h-òr 's le h' airgiod; 's a' bhròg airgid;
's chaidh i 'n t-searmoin. Bha mac an rìgh 'na shuidhe for an
robh ise an Dòmhnach roimhid 's shuidh ise far an robh esan.
Chaidh faire 'chur air na dorsan an Dòmhnach so. Dh'éirich
ise. Chunnaic i fruchag, s' leum i mach air an fhruchaig, ach
ghléidh iad gréim air té de na brògan. Thuirt mac an rìgh té
sam bith d'am freagradh a' bhròg gur h' i 'phòsadh esan. Bha
mòran a' feuchainn na bròig orra, 's a' toirt dhiu nan ladharan
agus nan sàiltean feuch am freagradh i dhaibh, ach cha robh gin
d'an robh a' bhròg a' freagairt. Bha eun beag am bàr craoibhe,
's e daonnan ag ràdh, h-uile té bha feuchainn na bròig urra –
"Big, big, cha'n ann duit a thig, ach do'n te bhig a tha fo
làimh a' chòcaire." Nur nach robh iad a' faotainn gin d'am
freagradh a' bhròg laidh mac an rìgh, 's chaidh a' mhàthair do'n
chidsin a dh'iomradh air a' ghnothach. "Nach leig sibh fhaicinn
dòmhs' a' bhròg," urs' ise; "cha dèan mi coire urra co dhiu."
"Thusa a ruid ghrannda, shalaich! gum freagradh i dhuitse!"
Chaidh i sìos 's dh'innis i so d'a mac. "Nach 'eil fhios," urs'
esan, "nach freagair i dhi co dhiu, 's nach fhaod sibh a toirt dhi
a' toileachadh." Cho luath 's a chaidh a' bhròg air an urlar,
leum a' bhròg air a cois! "De 'bheir sibh dhòmhs'," urs' ise,
"'s an te eile 'leigeil fhaicinn duibh?" Rainig i tigh a bhuach­
aille, 's chuir urra na brògan, 's an trusgan a sheasadh air an
làr le òr 's le airgiod. Nur a thill i cha robh ach fios a chur air
ministir, 's phòs i féin is mac an rìgh.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.