Na Trì Cait Ghlasa
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/WT010/010
- Date
- 1957
- Item category
- Transcription
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Valtos
- Parish
- Kilmuir
- Collector
- James Ross
- Narrator
- Rev. Norman MacDonald
- Narrator source
- Unknown
- Link
- View entry on tobarandualchais.co.uk
Archival Reference
SSSA/TA/WT010/010
School of Scottish Studies SA1957.97.A2
Transcript
AIRev. Norman MacDonald,Glenelg.SA 1957/97/12.Na Tri Cait GhlasaBha gille og air latha foghair ag amharc airson chaorach a muigh anns a'mhonadh ann a Bhatarnais. Ma thoiseach an fheasgair, thuit siabach de uisgetrom, agus air dha fas car sgith de bhi siubhal na mointich, chuir e roimhegu'n tilleadh e dhachaidh. Mar a bh'e cumail air adhart 's ann bu truime bhaan dile a' ciontain (cinntinn) gos ma dheireadh du'm b'eigin dha deanu air bothanairigh a bha dluth, airson fasgadh a ghabhail gos an tigeadh an turadh. Chaidhe steach do'n a' bhothan. Fhuair e torradan de mhoine ann an oisein agus aindha lasadair a chur ri beagan fhoidean, bha iad ag gabhail gu breagha ann ambeagan mhionaidean air teis meadhoin an urlair. Le solas lasair nan caoran,thug e fainear gu robh seid de fhraoch tioram thall ri taobh a' bhalla is gunan corr smaoin a thoirt, ghrad chaidh e null agus shin e air an t-seid. M'anrobh e gann deich mionaidean 'na laighe, de chunnaic e tighinn a stigh ach catmor colgarra glas. Thug an cat suil eagallach air, car tacain is e 'na sheasuanns an dorus. An sin chaidh e null gu socrach agus shuidh e air a' chagailte,An ceann mionaid no dha thainig an darna cat a steach a thug suil a cheart chofiadhaich air agus shuidh e ri taobh an fhir eile air oir na lic. Leis acholtas mhi-nadurra bha air na cait, bhuail an t-eagal am fear a bha air ant-slaod. Dh'aithnich e gle mhath nach e rud ceart sam bith a bha 's an aontigh ris, ach cha leigeadh an t-eagal leis gluasad. Uime sin, leig e air gu'nrobh e 'na throm chadal. An ceann tiotan beag, thainig an treas cat mor, glasa stigh a shuidh air taobh eile an teine ma choinniu chaich. Thug 'ad suil aira cheile is o cach a cheile air an oganach. An sin thoisich an sgiamhail ab'oillteil' eatorra. Cha b'e siod a' rud a b'uamhasaiche. Theann a chuile catair at, is air sior at gos ma dheireadh gu'n a dh'fhas gach aon diubh uiread rigamhainn. Cha b'urrainn do'n a' ghille bhochd cumail air fein na b'fhaide leisan eagal agus ghlaodh e mach aird a chlagainn, "A Dhia, gle sinn". M'an ganna bha na facail a mach as a bheul, thionndaidh na cait 'nan tri mnathan.Dh'aithnich e gach te dhiubh, oir bhoineadh 'ad do'n an aon sgire ris fein.Mhionnaich is bhoidich an triuir aca, na'n innseadh e do dhuine beo gu de chunnai¬e, nach biodh e oidhche na b'fhaide air thalu, gu marbhadh 'ad e is nach biodhdol as aige. Chaidh bliadhnachan seachad, agus chaochail dithis de na buidsicheShaoil leis an duine nach biodh e ann an cunnart sam bith ged a dh'innseadh e ansgeul, oir bh'e de'n bharail nach b'urrainn do sheann sgroidht moran de chron adheanu 'na h-aonar, is dh'innis e do a mhathair facal air an fhacal mar a thachai:Beagan mhiosan an deidh dha seo tachairt, nach ann a chaidh mathair fear ar sgeoi.agus a' bhuidseach far a cheile gu dubh. 'Nuair bha an tuasaid 'na h-airde,thilg an darna te air an te eile, gach ni mar a dh'aithris a mac m'an an airigh.Ach ma chuir seo stad air an trod, cha do chuir air a' mhi-run. Goirid an deidla' bhlair, thainig air mo dhionnlach falbh mu thrath-cadail gu baile 'n taobh eilena sgireachd airson lighiche agus a' bhean aige air a bhualadh as le tinneas.Gun smaoin a thoirt ma chailleach na ma bhodach, rinn e ri monadh 'na aonar.Turus na bochdainn. Bha an t-Abharsair ri shail. Chan fhaca an duine truaghlighiche, bean no dachaidh. Fhuaireadh 'na chorp fuar e anns a' mhaduinn aina reubadh, mar gu'n tuiteadh e fo lannan stailean.