Archival Reference

SSSA/TA/AT062/002

School of Scottish Studies SSS I.XXX.1

Transcript

AI
Annie Johnstone
Barra
S.S.S. Notebook
I.XXX.1
Bha siud ann reimheid coileach spaideail, agus chaidh a (a') straid la'
dhana lathaichean. Suil gu'n dug a as a dheoghaidh, chunncas a' mada
ruadh a' tigh'nn 'n a chabhaig air a shail. Nuair a chunnaig a' coileach
seo, luathraich a a chas, agus dh'éibh a' mada ruadh, "Nach ann ort a tha
(a') chabhag! Nach fuirich thu chuir failte air do chàirdean? Cha do
rinn an coileach dad air a shocair, ach dh'eibh a thar a ghuailleadh, "Tha
mi far a'n cuala mi càirdeas a bhith eadarainn."
"Dean thus' air do
shocair," ors a' mada ruadh, "agus innsidh mise dhut an dearbh-chàirdeas
a thà eadarainn:-
Is tusa Coileach Mac an Uighe,
Is mise Sionnach Mac an t-Sionnaich Bhuidhe,
Iar-ogha peathar is bràthar;
'S a ghaoil 's a ghràidh, deanamaid suidhe."
Nuair a chuala a' coileach gòrach spaideail cho cairdeach 's a bhà fhein
agus a' mada ruadh le cheile, shuidh a sios ri thaobh air a chnoc;
agus spad a' mada ruadh a.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.