Archival Reference

SSSA/TA/FL057/002

School of Scottish Studies SA1965.137.A3; SA1965.138.A7

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Transcript

AI
Informant : Mrs. Peggy MacDonald, Connel.
Collector : D.A. MacDonald
SA 1965/137 A3
Each-uisge
DAM Agus bha rud eile. Bhiodh daoine a' bruidhinn
air ... air an each-uisge. An cuala sibh riamh guth
air an each-uisge?
PM Chuala mi guth air an each uisge, ach chan eil
fhiosam dé ... Có th' ann ach an donas!
DAM Seadh.
Sin agad dìreach có th' ann.
DAM Seadh. 'S dé chuala sibh mu dhéidhinn?
PM Uh? Cha chuala mise guth ma dhéidhinn. Ach gu
dé seo ... chuala mi ma dhéidhinn. Cha chuala mi
bhiodh ...
guth mu dheidhinn an each-uisge, ach ᚳ gu biodh
dìreach daoine a' faicinn ...
DAM Seadh
PM Droch rud. Cha chuala mi dad.
DAM Seadh. Agus am biodh e uaireanan 'na each
agus uaireanan 'na dhuine, mar gum biodh.
PM Bha. Tha e coltach gu bheil.
DAM Seadh. Seadh, seadh.
ann a ...
PM Bha ... Chunna mi té ann a ᚳ ... ann a Staoinebrig.
Agus dé bha i 'dol a Loch Baghasdal. Tha fhios
agad air Staoinibrig.
DAM Tha. Dìreach.
PM Bha i 'dol a Loch Baghasdal. Dé bha i 'dol a
dh'iarraidh ach pige uisge-bheatha. Bha i 'reic uisge-bheath
Agus bha té eile 'dol a dh'fhalbh còmhla rithe.
Agus cha robh croit, no rud eile aice. Ach nuair a
dhùisg i bha gealach bhrèagha, gheall ann.
Agus thuirt i rithe fhéin gu faodadh gu robh an
té eile air falbh. Agus thadhail i aig an taigh,
's cha robh ... Bha an doras dùinte,
thuirt i rithe fhéin, "Tha i air falbh." 'S dh'fhalbh i.
Agus 'dol seachad suas Beinn na Corraraigh, thàinig
beathach glas ri 'taobh.
DAM Seadh.
PM Agus bha ise air ... air an darna taobh 's bha esan air
an taobh an iar. Bha ise air an taobh an ear.
DAM Seadh dìreach.
PM Agus bha i mar gum biodh i 'gabhail a h-ùrnaigh.
'S bha am beathach seo 'cumail coiseachd rithe.
DAM Seadh.
PM Agus nuair a thàinig e mu choinneamh Gleann Chill
Donain nuair ... Bhiodh an crodh againn 'dol a sin -
Gleann a' dol a mach mar seo, dìreach car mar a,
fhios agad, an taigh a's a robh Flòraidh MacDonald.
Gleann mór a mach mar sin
DAM Dìreach.
PM Gleann Chill Donain.
DAM Seadh.
PM Agus bhrist e mach ann a shin, beathach glas
DAM Seadh.
PM "Uh-h," ars ise, "tarraing thusa."
Agus thàinig a seo dithis bhoireannach 'na
còmhdhail.
DAM Seadh.
PM Agus bha crodh Ghearrabhailteas 'na laighe taobh
an rathaid mhóir. Fhios agad, cha robh ... Bha
Gearrabhailteas an uair sin gu leòr a bheathaichean
aca, taobh an rathaid mhóir. Agus ...
"Sibhse
ars ise, "tha laghach. Tholtagan
beannach, sibhse tha laghach."
Agus thàinig an dithis a bha seo 'na còmhdhail,
agus thuirt i, "Tha thu 'faotainn air n-aghaidh,"
ars ise ... iadsan.
"Tha," ars ise.
Agus cha tuirt iad móran guth, ach thuirt iad ri ...
rithe, nuair a bha iad a' dealachadh. Cha ... Bha iad
'dol a dhealachadh rithe aig taigh Eachainn
Iain Mhóir. Tha abhainn a' dol sìos ann, 's tha
... "Tha," ars ise, "gheibhear mac marbh a seo,"
ars ise, "uaireigin, agus 's e 'mhàthair fhéin a
gheibh e."
Ge ar bith an d'fhuaireadh e gus nach d'fhuair
Agus ... "Gheibhear mac a seo," ars ise, "agus 's e
'mhàthair fhéin a gheibh e.
DAM Seadh gu dearbh.
PM Nach eil sinn iongantach!
DAM Seadh.
Informant : Mrs Peggy MacDonald, Connel.
Collector : D.A. MacDonald.
(111)
SA 1965/138 A7
Each-uisge.
Agus 's aithnte dhomh té eile. Bha i 'falbh ... 'S ann
á Staoinibrig a bha i. Bha i 'falbh ag iarraidh
pige uisge-bheatha bha 'tighinn thuice. Bha i 'reic
uisge-bheatha, fhios agad. Agus bha té eile 'dol a dh'
fhalbh còmhla rithe. Agus dh'fhalbh i, agus nuair
a ràinig i an taigh aig an té eile bha dùil aice gun
a dh'fhalbh an té eile. Cha robh uair aice, ach a'
coimhead ris a' ghealaich.
Agus chum i roimpe, agu's cha deach i an comhair
na té eile. Bha an té eile 'na cadal nuair a dh'
fhalbh i. Agus suas ceann Beinn na Corrairigh, tha
t-seansa gun deach beathach glas mar gum biodh each
suas ri 'taobh. Agus bha ise air an taobh an ear
's bha am beathach a bha seo air an taobh an iar.
Agus bha e 'coiseachd suas ri 'taobh.
Ma chunna tu Gleann Chill Donain, a nuas mu choinneamh
an taigh a's a robh Floraidh MacDonald a sin. Gleann
mór 's bhiodh an crodh againn fhìn daonnan ann.
Agus bhrist e mach ann a shin. Agus an ceann
treise thàinig dà bhoireannach agus chaidh iad suas
... bha iad suas ri 'taobh.
Agus thuirt té riutha rithe ... Bha ise ... crodh
Ghearrabhailteis bha iad 'nan laighe. Bha iad an
uair ud na sales a' tighinn, an crodh mór. Bha iad
'nan laighe taobh ...
"O fortan 'gad bheannachadh," ars ise, "nach sibh
tha math. Tha an crodh sinn 'nan taighe."
Thàinig an dithis a bha seo 'dèanamh toileachas
ris a' chrodh," ars ise.
"Tha. Tha," ars an té eile.
Agus lean iad suas e gus an tàinig iad a thaigh
Eachainn Iain Mhóir. 'S bha abhainn a' dol
sìos mar sin. Agus sheas iad. Cha deach iad
bharr na drochaid idir.
Thuirt té dhiubh, "Gheibhear balach marbh ann
a sin," ars ise, "fhathast. Agus 's e 'mhàthair
fhéin a gheibh e."
Thuirt i sinn ris a' chaillich.
Agus chum a' chailleach oirre gun do ràinig i
Loch Baghasdal, agus fhuair i an t-uisge-beatha.
Shin agad e.
DAM Agus chaidh iadsan ás an t-sealladh, an deach?
PM O dh'fhalbh an dithis a bha sin. Chaidh iad
ás an t-sealladh mar siod.
Tha chuile duine 'na bhòcan an diugh. Cha
bhean an bochd dhan bhòcan eile.
Sin mar a tha. Taing a Dhia, cha chuala
's chan fhaca mi fhìn dad riamh fhad 's a
bha mi ann.
DAM Chan fhaca na mise.
PM Uh?
DAM Gu dearbh cha chòrdadh e rium ro mhath dad
fhaicinn.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.