Archival Reference

SSSA/TA/FL028/001

School of Scottish Studies SA1956.061.1

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Transcript

AI
251.
School of Scottish Studies
SA 1956/60/€1
Edinburgh University
RL 1066·1
Nan Machinnon
Disc No.
Other refs.
Seo agu òran a rinneadh do thé aig a robh leannan sìth agus bha
leanabh gill' aice bhuaithe, agus bha cuideachd uamhasach diombach dhi,
agus 's ann a thug iad oirre falbh agus a leanabh fhàgail ri taobh cnuic
goirid dha'n t-sìthein far a faigheadh athair e. Agus a mhadainn a bha
so dh'éirich a sìtheineach agus fhuair e leanabh ri taobh a chnuic agus
rinn e 'n t-òran agus seo agu an t-òran.
A Mhór a ghaoil till ri d' mhacan
Dh'éirich mi moch
dh'éirich mi moch
b' fheàrr nach d' dh'éirich
mo chreach léir na chuir a mach mi
hill eó bha hó hill eó bha hò
Bha laogh mo laoigh
bha laogh mo laoigh
ri taobh cnocain
gun teine gun sgàth gun fhasgadh
hill eó bha hó hill eó bha hò
A Mhór a ghaoil
a Mhór a ghaoil
taobh ri d' mhacan
's bheir mi goidein briagha breac dhuit
hill eó bha hó hill eó bha hò
Bheir mi dhut fìon
bheir mi dhut fìon
's gach ni b' ait leat
bheir mi goidein breagha breac dhut
hill eó bha hó hill eó bha hò
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.