Archival Reference

SSSA/TA/MA338

School of Scottish Studies SSS I.VII.2

Transcript

AI
Seumas Warran a dh'innis
Daoine làidir.
A' bruidheann air daoine làidir a bh'
ann a Gleanna Moireasdainn o na laithean
o shean. Tha clach shìos a sin. Tha sinn
cinnteach nach robh fada bha dà ciot innte
Ach cha b' e uile gu léir an cuideam ach
a champe a bh' oirre. Well thogadh feadhainn
i, a' chlach an nan glùinean, feadhainn a
rithist 'un a ghualainn, ach b' e an duine an
duine a chuireadh thairis i thar a ghualainn.
191
Cha robh a seo ach aon duine a chuireadh
thairis i, "fear mac Gille Bhràith. Well, cha
robh iad 'ga chreidsinn ach bha e aig
tiodhlacadh a' latha a bha seo. Is thòisich
a' seann-duine seo airson a bhith ga
spuireadh
"Nach," ors eise, "cha do chuir thu riamh
thairis i
"Cuiridh", ors ise, "agus tusa as a dhéidh," ors ise
1565
Rug e air a' chlach is chuir e thairis i. Shin agat
Mac Gillear, Mac Gille Bhraith.
Bha fear eile ann - chan eil cuimhne agam air
an ainim aige ach thogadh e bairrilte sgadain aig
a cheadha an Ionbhar Mhoireasdainn is chuireadh
e anns a' chairst e. Ach chan eil cuimhne agam
a nis air an ainim aige. Bha e ris a chuile
latha. Bha e ag obair air a' cheadha an Ionbhar
Mhoireasdainn. Se na stimeirean a bh' ann anns a
lathachan sin.
Bha aon duine - chan eil glé fhada bho'n a
chaochail e, Alasdair Domhnall, mac cìobair. Bha e
fuireach shuas ann a seo a's na coireachan,
Dho is bha e a' bruidheann air na carraichean an
diugh. Bha car aige. Bha e 'na bhuidsear an
Ionbhar-nis
Well, ors ise "chaidh mi", ors ise a dha dh'
bhar-nis iomadh trip cas rùisgt'", ors eis', "airson
grõthaich", ors eis', is air ais agas cha do shaoil
mi nicheann dheth
"Tha sin, tha mi cinnteach gu bheil sin."
faisg air dà fhichead mìle, dà fhichead mìle a'
dol. agus dà fhichead mìle a' tighinn agas", ors
ise
Bha mi sùrdail an uair sin is na carraichean,
Mhill na craichean a' sluagh an diugh.
Alasdair Domhnall, bha e 'na bhuidsear an
1566
Ionbhar-nis, A. D. MacDonald. Ach is tric, tric
a chaidh e càs-ruisgt a dh'Ionbhar-nis. Bhiodh
féile beag air.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.