Hen on journey to Pope in Rome
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT020/001
- Date
- 1900
- Item category
- Book
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT020/001
School of Scottish Studies MML
Transcript
AIars /p. 8214FOLK LORE OF THE WEST HIGHLANDSAT20DBha cearc latha a' sguabadh an seomair agus thuit am maide-mullach air a cas,agus bhriseadh a cas. Chaidh a dh'iarraidh leighis gus Papa na Roimh, agus 'nuaira bha i air an rathad.Co thachair oirr' ach feannag, agus thubhairt am feannag rithe,p. 8215"C'ait am bheil thu dol, a chearc bhreac bhoidheach?""Bha mi lath' a' sguabadh an seomair", ars a' chearc, "agus thuitmaide-mullaich an tighe am mo chas, agus bhriseadh i; agus tha midol gus Papa na Roimh a dh'iarruidh leigheis.""Theid mise cuid riut", ars am feannag."Cha d'theid a' chearc: agus dhealaich iad, agus chum a' chearcair a h-aghaidh, agus Co thachair oirr' ach madadh-ruadh."C'ait am bheil thu dol, a chearc bhreac bhoidheach?' thubhair ammadadh-ruadh."Bha mi lath' a' sguabadh an seomair", ars a' chearc, "agus thuitmaide-mullaich an tigh air mo chas, agus bhriseadh i, agus tha midol gus Papa na Roimh a dh'iarruidh leigheis.""Theid mise cuid riut," ars am madadh-ruadh."Tiugainn ma ta," ars a' chearc: oir bha i nis a' toiseachadh ribhi a' faireachadh an t-astar fada.Dh'fhalbh iad le cheil', ach cha deachaidh iad fad gus an dobhuail an t-acras am madadh-ruadh, agus ars esan."Leigeamaid ar sgios". Agus shuidh iad sios ri taobh tomain abha 'n sin. Ach 'nuair a bha iad ag gabhail an rest, dh'fhalbham madadh-ruadh agus fhuair e bat-leis an do mharbh e 'ncearc, agus dh'ith se i.