Archival Reference

SSSA/TA/AT313/009

School of Scottish Studies LM MSS No. 215

Transcript

AI
Mrs. Macmillan
2 or 3 days after last time
215 Bodach 'Churraichd Dheirg
Bha righ ann roimh so, 's bha triuir
mac aige. Chaidh fear dhiu [am mac bu shine]
thun an tulachain aitidh (queer) uaine,
bu thoil leis bhi cluith air a' chlar-
tàileisg. Thainig Bodach 'Churraichd
Dheirg. An aill leat cluith air a' chlar
tàileisg an diugh thuirt Bodach ch. dh.
Tha mi coma gad a b' eadh, thuirt mac
an righ. Gach cluith gu h-oidhche
choisinn Bodach Ch. Dh. Tog dhiom
buaidh do chluith, tha mi sgith dheth,
thuirt mac an righ. Cha'n iarr mise
bhuaidh cluith ort ach tachairt orm
an so maireach, thuirt B. Ch. Dh. Much
a maireach thainig mac an righ, 's
thainig B. Ch. Dh. An aill leat chluith
air a' chlar tàileisg an diugh, thuirt
B. Ch. Dh. Tha mi coma gad a b' eadh
thuirt mac an righ. Gach cluith gu
h-oidhche choisinn B. Ch. Dh. Tog dhiom
buaidh do chluith, thuirt mac an righ,
tha mi sgith dheth. Cha'n iarr mise
bhuaidh cluith ort ach tachairt orm
a so maireach, thuirt B. Ch. Dh. Thainig
mac an righ maireach. Thainig Bodach
Ch. Dh. An aill leat chluith air a' chlar
tàileisg an diugh, thuirt B. Ch. Dheirg.
Tha mi coma gad a b' eadh, thuirt
mac an righ. Gach cluith gu oidhche
choisinn bodach Ch. Dh. Tog dhiom
buaidh do chluith, thuirt mac an
righ, tha mi sgith dheth. Cha'n
iarr mi bhuaidh cluith ort, thuirt
B. Ch. Dh. ach bhi aig an tigh agams'
an ceann bliadhn', gabhaidh tu
latha 's bliadhn' 'ga ruigheachd. Càit
a bheil do thigh, thuirt mac an righ.
Lean do shron . gus am faigh thu e
thuirt B. Ch. Dh. Dh'fhalbh bodach Ch. Dh
's dh'fhàg e mac an righ sin. Chaidh
mac an righ, 's thoisich e air gal.
Thainig nighean mhor bodaich Ch. Dh
[a' bhodaich] far an robh e. Thuirt
i ris, 's lap a' mhineachd a th agai,
nach 'eil fios agad gur mi thug am
so thu, 's gur mi bheir as thu. Thug
i leatha mac an righ gus an robh i
an seall tugh h-athair. Seall, sid
agad an tigh, thuirt i, nach stigh,
agad
's fonn feadaireachd (whistle a tune),
ach na gabh ort gu fac' thu mise.
Thachair B. Ch. Dh. air. Thaine tu,
thuirt B. Ch. Dh. Thainig, thuirt mac
an righ. Gu ma h-olc dhuitsa, 's na
ma fearr am bial a dh'ionnsuich thu.
Fhuair mac an righ aran eorna 's blathach
goirt bha deas bho chionn seachd bliadhn',
84
's chaidh chur laidhe an cuil nan con.
Dar a ghabh an tigh ma thàmh, thàinig
nighean mhor a' bhodaich, 's thug i h-uile
mi a b' fhearr bha 's an tigh ga mac
an righ, 's thug e laidhe comhla ri
fhe e. [Ma's an d'thainig an latha,
bha es' air ais an cuil nan coin].
Ma's a much thainig an latha, 's muiche
na sin dh'eirich bodach ch. dh. Bhreab
e chas air 'n urlar, 's thuirt e ris gu'm
bu naire dha bhi 'na laidhe gus an tràs a
Iatha air urlar fear eile. Dh'eirich mac
an righ 's chaidh e mach. Seall, thuirt
bodach churrachd dh., am bathaich tha
thall a sin. Chaill mo sheanamhair
a rathad mhor air urlar a' bhathaich,
's cha deach a chartadh bho chionn seachd
bliadhn', 's mur cuir thu mach h-uile
(faigh
rainn' tha 'sa' bhathaich, 's mus gleidh
thu an t-snathad mhor dhomhs' ma's
an tig an oidhche, bidh do cheann
air cnapan [block] agam. Thoisich
mac an righ air a' bhathaich chartadh
H-uile lan
(grap
chuireadh
es' mach dh'fhasadh coig ceud 'na àite.
Dar bha e sgith 'g mar sin, shuidh
e, 's thoisich e air gal. Thainig nighean
mhor bhodaich e dhinneir. thuirt
ise, nach lag a mhisneachd a th' agad,
nach 'eil fios agad gur mi thug an
so ithe, 's
as thu. Thug
ise
beag as pocaid, chuir i lan
a' bhathaic 's
't-snathad mhor agus thuirt ri mac
an righ, nis thuirt ise, air an do
mhuilicheann i 's na toir as a sin i
gus an toir thu an laimh m' athar
i, 's na gabh ort gu fac' thu mise riamh
Thainig bodach ch. dh. thun na h-oidhche.
Fhuair e 'n t-snathad mhor bho mhac,
an righ. Ga ma h-olc dhuitsa, 's na
ma fearr 'm bial a dh'ionnsuich thu.
Fhuair mac an righ an t-aran eorn'
's am blathach goirt rithisd cha deas
bho chionn seachd bliadhn'. Chaidh
laidhe an cuil nan con. Dar
ma thàn
h-uile no b' fhearr dha 's
Thug i laidhe chomhla rithe e.
Much 'sa mhadainn thainig bodach ch. dh.
's bhreab e 'chas air 'n urlar. 'S naire
dhuit bhi do laidhe gus an trath so do'n
tha air urlar tigh f... eile. Dh'eirich
mac an righ, 's chaidh e mach. Thug
an bodach tuadh dha. Bheil thu faicinn,
tuirt am bodach, choille mhor tha
an sin. Tha, thuirt mac an righ
ri h-uil' craobh anns a' choill
agad air
na h-oidhche,
do cheann air cnapan agam. Thoisich
mac an righ air gearradh na coill. H-uile
ghearradh es' dh'fhasadh tri
'na n-ait. Dar bha e sgith
, shuidh e, 's thoisich
e air gal. Thainig nighean mhor a' bhodaich
nach 'eil fios agad gur
thu, 's gur mi
87
Dean suidhe, 's gabh do dhinneir. Thug
i tuadh bheag as pocaid, 's ghearr i craobh,
's leig an darn' craobh [a' chraobh sin]
craobh eile, gus na thuit h-uile craobh
bha 'sa choill. Nis, thuirt i, theirig
dhachaidh, 's fonn feadaireachd agad,
's na gabh ort gu fac' thu mise riamh.
Thachair am bodach air. Ghearr thu
'choill, thuirt e. Ghearr, thuirt mac an
righ. Gu ma h-olc dhuits', thuirt am
bodach, 's na ma fearr 'm bial a dh'ionn-
suich thu. Chaidh chur laidhe an cuil
na con ..... Chaidh e mach.
So dhuit strian, thuirt b. ch. dh. Chi
thu 'm monadh sin, thuirt esan, ma
do choinnimh, chi thu 'n loth tha sin,
thuirt esan, cha deach strian innte
bho chionn seachd bliadhn', 's mur
bi i agad dhomhs' air
na
h-oidhche, bidh do cheann air cnapan
agam. Mar bu luaithe ruitheadh mac
an righ, 's ann na b' fhaide bhiodh an
loth air falbh. Dar bha e sgith ruith
an deigh, shuidh e, 's thoisich e air
gal ..... Dean suidhe, 's gabh
dhinneir. Thug i strian
phocaid, 's chrath i 'n t-srian. Thainig
, 's chuir i ceann innte.
thuirt i ri mac an righ, na toir an
laimh duin i, thuirt ise, gan a
an laimh, m' athar i. Dh'fhalbh
mac an nigh dhachaidh leis an leth.
Thachair b. ch. dh. air .......
rainig nighean mhor a' bhodaich, 's thug
...., 's dh'fhalbh iad sin. Chaidh
ise air aghart, 's bha ise 'na rith, 's
es' 'na marcachd. Dar thainig an latha
thuirt ise, coimhead, thuirt ise', am faic
thu tighinn iad. Tha iad a tighinn, thuirt
e. Seall am chluais, thuirt i. Sheall
e a cluais. Cha'n fhaic mise (ann), thuirt
es', ach prin' cam. Tilg 'nad dheigh e,
thuirt ise. Thilg e am prin' as a dheigh,
dh'fhas dris, is dreaghan, 's druighneach.
Thainig iads [am bodach 'sa chailleach],
's cha'n fhaigheadh iad troimh so. Thuirt
80
am bodach ris a' chailleach, an dh'thug
thu leat an tuadh. Cha d'thug, thuirt
a' chailleach. Till 'ga sireadh, thuirt
am bodach. Thill a' chailleach shir 'na
thuadh, 's dar thainig i air ais leis an
tuadh, bha iads' pios math air aghairt.
Thoisich iad air rathad a ghearradh
troimh na choill. Air chionn daibhs'
faighinn troimh, bha mac an righ, 's
nighean . _ ... pios math air aghairt.
Coimhead am faic thu tighinnn iad, thuirt
i. O, tha ia gu bhi againn, thuirt es'.
Seall am chluais, thuirt i. Tha boinne
[stud]
sridh ann, thuirt es'. Tilg a'd dheigh e,
thuirt i. Thilg e 'na dheigh e, 's dh'fhan
muir mhor ann. Thainig am bodach 's
a' chailleach, 's cha'n fhaigheadh iad
thairis. An d'thug thu leat an copan
traigh
traghaidh. Cha d'thug, thuirt a' chailleach.
Till 'ga shireadh. Till a' chailleach
shireadh a' chopain traghaidh, 's dar
thainig ise air ais leis, thoisich iad air
traghadh na mara gus an d'fhuair iad
90
troimhe. Dar fhuair iad troimh, bha
cach pios math air aghairt, ach bha
iad teannadh orra rithist. Coimhid,
thuirt ise am bheil iad a' tighinn. Tha,
thuirt esan, tha iad gu bhi againn. Dh'
fhas ise an so 'na fuaran, agus bha
es' 'na bhreac anns an fhuaran. Thainig
am bodach 'sa' chailleach. Bha nighean
mhor 'na fuaran, 's bha mac an righ
'na bhreac anns an fhuaran. Nighean
mhor, thuirt a' chailleach ris an fhuaran,
thoir dhomh an t-snathad mhor gus an
cuir mi an suil mhic an righ i. Ga
dhachaidh, chaillich, theireadh an nighean,
Dar bha iad sgith an sin sireadh na
snathais mhoine, smuainich iad gu'm
bi cho maith dhaibh falbh dhachaidh,
's dar chaidh am bodach, 's a' chailleach
dhachaidh, thainig am breac as an
fhuaran, 's bha e 'na mac an righ
mar bha e roimh. Bha ise 'na te mar bha i
roimh cuideachd. 'S e bh' ann an sin gu'n
do phos mac am righ, 's nighean bodach
ch. dh. 'S rinn iad banais se.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.