The Magic Flight
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT313/008
- Date
- 1951
- Item category
- Transcription
- Aarne-Thompson index
- AT0313: The Girl as Helper
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Sollas
- Parish
- North Uist
- Collector
- Prof Kenneth Hurlstone Jackson
- Narrator
- Angus MacLeod
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT313/008
School of Scottish Studies SSS I.XL.1
Transcript
AIAngus MacleodMalaclett, SollasS.S.S. NotebookI.XL.1Bha mac rìogh Lochlann. Cha e 'na dhuin' òg aig an am tha (a') sgeula seotòiseachadh. Bha e ma'n cuairst air tri bliadhna fichead a dh'aois, bhae 'na dhuine treun misneachail borb ceann-làidir. Bha e dol ma'n cuairst,rachadh e air ais 's air adharst mar a thogradh e fhein. Bha e cuir uallachair (a) athair nach robh e gabhail dragh 'sam bith do chùisean na rioghachd.'S ann a chuir e ma dheodhainn gu'n cruinnicheadh e na daoine glice 's aluchd comhairle agus am prionnsa thoirst air a'm bialaibh. 'S e seo roinnad; chaidh am prionnsa air a'm bialaibh, dh'éirich an arsd-chomhairlicheagus thuirst e ris a' phrionnsa "Chuir sinn air comhairle comhla ri t' athaira' rì, thànaig sinn chon a' cho-dhùnadh gu robh an t-am agad fàs suidhchtestéitheail, agus suim a gabhail do ghnothaichean na rìoghachd seo, aguspòsadh; oir thig a là a' sa' bi thu 'na do rìgh oirrne. Bidh iomchaidhdhut thu fhéin a ghìulan a réir t' inbhe." Ghrad-las e suas le feirg, agusthuirst gu robh esan ro-òg airson a dhianamh mar a bhà'd aig iarraidh air,gu feumadh e tuilleadh dha'n t-saoghal fhaicinn agus coinneachadh ri daoinenach fhaca e riamh roimhe, gu robh e airson e fhéin a thoileachadh,gaisgich a choinneachadh agus mar sin air adharst. Ma dheòin pòsadh, nuairthigeadh an t-am gu'n taghadh e fhéin bean, 's nach e ad-san a athair na(a) mhàthair a thaghadh dha ì. Bh' e dol a dh'fhàgail na dùthchadh 'sa'mhaduinn le ao' bhiurlainn; agus dh'ainnein na theireadh ad dh'fhalbh e.Dh'fhàg e beannachd aca; 's e a mhàthair 's a bhanaltrum an fheodhainn madheireadh a dh'fhàg e slàn aca. Phòg a mhàthair e 's bheannaich i e.Chuir a bhanaltrum seun air, agus thug i dhà fàinne òir chuir i air màthairna lùdaig na làimhe deise aige, agus dh'iarr i gun e thoirst dheth an fhàinneuair 's am bith a bhiodh e giùlan arm.* Dh'fhalbh e fhéin 's sgiobadh nabiurlainn; cha do thachair dad riutha 's fhiach ainmeachadh a' cheud dàlà. Air a' treas là chunnaic ad dà bhiurlainn as deoghaidh ao' bhiorlainn.Bha a' bhiurlainn a bhà air toiseach a' teicheadh roimh chàch, bha 'd madheireadh gos a bhith aice; thionndaidh a' bhiurlainn a bha teicheadh,thànaig i a'n coinneamh na té a b' fhaisge dhi, bhuail an dà bhiurlainn 'nachéile, ach 's e an tè bha rith 'na tè 'le bu mhiosa thànaig dheth.Thugadh toll oirre, ach thòisich an t-sabaid eadar an dà bhuidhean. A'rceann tiotain bha 'n bhiurlainn eile tigh'nn a chuirdeachadh na biurlainn abha comhla rithe, agus d' fheuch an tè bha ad a' rith ri faighinn air falbh,ach bhà càch ro-fhaisg oirre. Thuig am prionnsa, 's e air tighinn gu maithfaisg oirre, gu robh tuilleadh 's a chòir aig a bhiurlainn a bha 'na hònarri dhianamh. 'S ann a thuirst e ris a sgiobadh, "Théid sinn a chuideachadhna té tha 'na hònar." Roinn e siod, bhuail e 'sa' té air a robh 'n toll,'s bha i fodha ann a'n tiotan. Cha robh ad fada ceannsachadh na té'le.Dh'fhoighneachd a' prionnsa cò bha air a chuideachadh. Fhreagair ceannarsdna biurlainn gu robh biurlainn le rì Alba. Dh'fhiadhaich e ad dha'n bhaile-puirst a b' fhaisge dhaibh. Chaidh ad air tìr, thug ad go cùirst a' rìoghe. Nuair a chuala a rì mar a roinn ad dh'fhoighneachd e cò ad. Fhreagairam prionnsa, dh'inns e gur h-esan prionnsa crùin rìogh Lochlann. Roinn adcuirm mhór air a shon, bha òl is ceòl is aighir gu leòr. A'n ceannseachdainn thuirst a' prionnsa gu feumadh e falbh. Roinn e siod, chaidh eair tìr b' fheudar dha, oir bha droch-shìd' ann. Bha beanntaidhean móraarsd timcheall air. Cha robh an tìr ach a' coimhead lom. Chaidh adfeuch a' faigheadh ad fasgadh a miosg nan creag. Ghabh ad suas, chunnaicad bial uamha, bha 'd toilichte àite air choraiginn fhaighinn a's a' fuiricheadhad fad na h-oidhch'. Thug ad an aire gu robh leapanan fraoich air a'ncuir air dòigh agus connadh air a chuir ann a'n àite teine. Cha robh maill's a' chùis, cha robh ad fada gun braidseal teine bhith aca. Fhuair adbiadh air a chuir air dòigh gu snog. Bha e air (a) ullachadh mar gubìodh dùil aig an fheodhainn a chuir air dòigh e ri cuideachd mhór. GhabhS.S.S. NotebookI.XL.1Ghabh ad a' biadh 's bha 'd air an deogh-dhòigh. Cha robh ad fada an deoghaidham biadh a ghabhail nuair a chual' ad ceòl uamhasach binn, cha robh ad fadagos a'n do thuit ad na'n cadal. Nuair a dhùisg ad 'sa' mhaduinn bhà 'nuamha làn dhaoine, agus fuamhaire mór air a'n ceann. Nuair a dh'fhosgailam prionnsa a shùilean thànaig a' fuamhaire, sheas e ri (a) thaobh,dh'fhoighneachd e dheth gu dé chuir a' siod e, e fhein 's a chuideachd."Chuir," ars am prionnsa, "droch-shìde agus droch-mhuir; cha riginn a leasa bhith air tighinn a' seo mara tograinn fhéin, tha rìoghachd fharsuinn aigm' athair agus a' saoghal romham." "Nì thu seirbhis dhomh?" ars a' fuamhaire,"air no bidh do bheatha a dìth orst." Cha robh cothrom air, b' fheudarstriachdadh, bha 'n àireamh ro-mhór na'n aghaidh. Chuireadh ann a'm prìosanad. Ach bha nighean aig an fhuamhaire, agus chunnaic i am prionnsa, thuiti ann a'n trom-ghaol air, agus fhuair i dhol far a robh e gun fhiosd dha'nfhuamhaire. Chunnaic am prionnsa ì, chan fhac' e boireannach riamh chobriagh' rith', cha robh e fada gos an do dh'inns e seo dhi. Roinn ad suasgu'n cuidicheadh i e gu teicheadh. "O," thuirst esan rithe, "na'ncuidicheadh tu sgiobadh na biurlainn a'n toiseach, theicheadh tu fhéincomhla rium a rìst." Bha seo cearst gu leòr, dh'fhalbh ise 's chluich ia' chlàrsach. Thuit a' fuamhaire agus na bha cuide ris na'n cadal. Ligan uair sin a' nighean sgiobadh na biurlainn air falbh. Thuirst am prionnsa's e fàgail slàn aca gu ruigeadh esan Lochlann a'n deogh-am. Nuair a dhùisga' fuamhaire 's a chunnaic e 'm prionnsa bha e 'n dùil gu robh an corr dhachuideachd sàbhailte gu leòr fo'n ghlais. Dh'iarr e air a' phrionnsa dholfar a robh e. Roinn a' prionnsa siod agus thuirst a' fuamhaire ris gufeumadh e dhol comhla ri 'san, thogal creach bho nàmhaid a bh' aige. "C'uin'a tha thu dol ann?" ars am prionnsa. "Tha," ars a' fuamhaire, "seachduinbho'n diugh." Dh'fhoighneachd a' prionnsa robh a nàmhaid fad' air falbh.Dh'inns a fuamhaire far a robh ad agus thuirst am prionnsa gu'n d' reaghadhe ann comhla ris. Dh'inns e seo do nighean (sic) an fhuamhaire. "Seodhut, ma tha, a' chlàrsach, agus falbhaidh tu anochd, agus théid thu gu toighnàmhaid m' athar agus seinnidh tu (a') chlàrsach, agus tuitidh ad na'ncadal, agus bheir thu leat a' chreach; chumaidh tu a' seinn na clàrsaich,thig daoine sìth agus iomainidh ad an crodh agus an t-inbheas uileag aignàmhaid m' athar agus bheir ad dhachaidh a' seo e." Seo mar a thachair a's a'mhaduinn air là'r n-a mhàrach. Nuair a dh'éirich a' fuamhaire chunnaic ecreach mhór a thog am prionnsa, 's cha robh fhios aige ce mar a chaidh aigair a togail. Chuir e fios air, dh'fhoighneachd e dheth ce mar a roinn e e."Bhiodh tu cho glic liom fhéin na'n innsinn sin dhut," ars am prionnsa, "achma bheir thu dhomh do nighean innsidh mi dhut e." "Cha doir an drasdaco dhiubh," ars a' fuamhaire, "ach biodh dòchas maith agad." Dh'inns a'prionnsa dha'n nighin mar a thuirst a h-athair. "Bha mi smaoineachadh sin",ars a' nighean, "tha e cho sanntach 's cha doireadh e seachd rud 's a' bith.'S e bann-sìth bha na mo mhàthair, agus theich i air, ach bidh i tigh'nn achoimhead orm-sa gun fhios agus nì rud 's a' bith a dh'iarras mi oirre.'S mi thug air a' chuideachd agad-sa tuiteam na'n cadal, air eagal gu'ntàirneadh ad na claidhimhdean air an fhuamhaire 's air a chuideachd 's gumarbhte ad, oir bha cuideachd mhór aig an fhuamhaire. Ach cluichidh mi(a') chlàrsach agus teichidh mi comhla riut anochd. Bheir sinn linnairgead 's òir gu leòr." Seo mar a roinn ad; nuair a dhùisg a' fuamhaire'sa' mhaduinn cha robh sgial air a nighinn 's air a' phrionnsa. Ghradchaidh e as a'n deoghaidh, ach bha eich mhaithe luath aig a' phrionnsa 'saig a nighin, ach bha a' fuamhaire as a' deoghaidh agus a' sìor-theannadhorra. Thionndaidh a nighean, ghearr i meanglan far craoibheadh, 's chaithi as a deoghaidh è, air ball dh'fhàs coille mhór eadar ad fhéin 's a'fuamhaire. Cha robh aig an fhuamhaire ach tilleadh dhachaidh, dh'iarraidhS.S.S. NotebookI.XL.1tuagh a ghearradh rathad throimh 'n coille. Thug e làthaichean ma'n dorànaig e iomall na coilleadh. Lean e ruaig air a' dithis bh' e aig iarraidh.Thuirst a' nighean gu robh i faireachdainn anail a h-athar, agus thionndaidhi, fhuair i clach agus chaith i as a deoghaidh ì, agus dh'fhàs creag mhóruiread ri beinn eadar ad fhéin 's a' fuamhaire. Cha robh aig an fhuamhaireach tilleadh a dh'iarraidh orsd is sgathair, thug e ùine mhór ma'n d' fhuaire rathad a' ghearradh; ach rànaig e ma dheireadh thall taobh eile nacreigeadh. Bh' e 'teannadh faisg air a' chàraid arìst. Dh'fhalbh e air antoir a rìst. Thuirst a' nighean gu robh i cluinnteail fuaim nan cas aiga h-athair tigh'nn faisg orra, agus gu robh (a) anail cho teth ris an teine.Bha fallus air na h-eich, fhuair i boinne falluis, chaith ì as a deoghaidhe, agus chaidh e na locha mór. B' fheudar dha'n fhuamhaire bàta thogail.Nuair a bha e a' meadhoin a' locha thòisich a' bàta ri dhol fodha, achthòisich a' fuamhaire ri snàmh chon an taobh eile. Rànaig e ma dheireadhthall gu fann 's chum e roimhe. Ann a'n ùine gun a bheith ro-fhadadh'fhairich a' nighean gu robh e faisg orra 'rìst, agus (a) anail na buteotha na bha i riamh. Thuig i gu marbhadh e iad cho luath 's a bheireadhe orra. Chunnaic i lòn puill, thànaig i feir muin an eich, thog i làn adà chròigeadh, chaith i as a deoghaidh e, agus ghuidh i nach faigheadh a'fuamhaire seachad air a' pholl. Thànaig bogach mhór eadar ad fhéin 's a'fuamhaire. Leis an fheirg a bh' air an fhuamhaire chum e roimhe a theis-meadhoin na bogaich gos ma dheireadh shluig a' bhogach suas e. Chuir sincrìoch air an fhuamhaire. Bha 'd an uair sin faisg air Lochlann, rìoghachda' prionnsa. Bha tri bliadhna bho'n a dh'fhàg am prionnsa 's bha e sgìthsiubhail. Cha robh fhios aige c'àite fàgadh e nighean an fhuamhaire. 'Sann a roinn ad suas gu fanadh i ann a'n toigh seann-ghriasaiche a bha fuireach'na ònar, agus b' aithne dha'n phrionnsa e. Chaidh am prionnsa 'stoighcomhla rithe, dh'fhoighneachd e dha'n ghriasaiche an doireadh e rùm dha'nnighin. "O," thuirst an griasaiche, "gu'n doireadh gu toilicht'." Thugad dha airgead. Roinn ad suas gu'm pòsadh ad a'n ceann ùine ghoiridh nuaira gheabhadh e a ghnòthaichean a chuir air dòigh comhla ri athair. Thuirsta' nighean ris ma'n do dhealaich ad gun e dh'òl fìon aig cùirst (a) athar,air nò gu'n dìochannaicheadh e ise, nach biodh cuimhne aige gu faca e riamhi. Chaidh am prionnsa suas an uair sin gu cùirst (a) athar. Roinn (a)athair 's a màthair toileachadh mór ris. Chruinnich ad sluagh na dùthchadh agus bha cuirm mhór aca. Leis mar a chaidh am prionnsa na bhreislich's ann a dh'òl e fion gun fhios dha fhéin 's e air deoch iarraidh.Dìochannaich e nighean an fhuamhaire an uair sin. 'S ann a bha e deanamhsuas ri bainntighearna mhór Lochlann bha h-athair ann a'n arsd-inbhe aigcùirst rìogh Lochlann. Dh'fhan nighean an fhuamhaire comhla ris a'ghriasaiche. Bha i 'ga cuideachadh a' cumail an taighe air dòigh, (a')frithealadh dha cho dìleas 's ged a bhiodh i leis fhéin. Bha a' ghriasaichecho toilichte 's bha e tigh'nn air adharst na chrannchar 'ch uile là. Bha(a') sluagh a bha na'n cuairst cho miosail oirre, bha i cho briagh' 'scho beusach a's 'ach uile dòigh. Bha sgeul a' dol ma'n cuairst gu robh 'mprionnsa dol a phòsadh, agus bha là na bainnseadh air a shuidheachadh. Bhafiadhachadh farsuinn ann. Chaidh nighean an fhuamhaire dha'n chaistealcomhla ri feodhainn eile. Cha robh duine dha h-aithneachadh, bha e cuiriongnadh orra boireannach cho briagh' rithe nach chual' ad iomradh oirre.Bha 'm prionnsa dol seachad, chunnaic e i, bha e smaoineachadh gu fac' eroimhe i ach cha robh cuimhn' aige c'àit. Thug ise 'mach an chlàrsach,chluich i; ghrad chuimhnich esan air 'ach uile dad ma (a) deodhainn.Thànaig e anuas far a' stòl phòsta, agus dh'iarr air a' bhainntighearnafalbh, gur e i seo a gheall e phòsadh bho chionn fada, cha robh atharrachadhS.S.S. NotebookI.XL.1air a chùis. Phòs am prionnsa nighean an fhuamhaire an uair sin fhéin,bha 'ch uile duine glé-thoilichte air prionnsa 's bann-phrionnsa nab' eireachdala na chunncas riamh ann a' Lochlann. Bha (a') griasaiche airdheogh-phàidheadh agus bha e glé-mhoiteail airson gu robh bann-phrionnsaLochlann a frithealadh dhà. Bha iad gu toilichte riamh tuilleadh.