Cath nan Eun
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT313/006
- Date
- 1965
- Item category
- Magazine
- Aarne-Thompson index
- AT0313: The Girl as Helper
- Language
- Scottish Gaelic
- Narrator
- Hughie Dan MacDonell
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT313/006
School of Scottish Studies GAIRM 50
Transcript
AIGAIRM 50SPRING 1965CATH NAN EUNSgeulachd air a h-aithris le HUGHIE DANMACDONNEL, à Inbhir Nis, Ceap Breatainn,agus air a recordadh 's air a sgrìobhadh leCAITLIN NIC FHIONGHUIN, An t-Oban.'S ann á Loch Abair a thainig sinnsirean ansgeulaiche, a tha a nis gu bhith tri fichead's a deich.THA mi dol a ghabhail dhuibh sgeulachd air Cath nan Eun.Bha sid uair ann, Iompaire ris an abradh iad Iompaire naFrainge, agus bha aon mhac aige, ach cho fad 's a bha e fhéinair chomas a bhith dol a mach dha'n bhean' t-seilge bha e dol a machdha'n bhean t-seilge. Agus thuit dha gur robh mial-chu aige a bhiodha' falbh còmh ris fad na h-ùineachd nuair a bhiodh e dol a shealgaireachd. Ach co-dhiù 's co-dhà, thòisich an gille a dhol a mach a shealgaireachd. Ach co-dhiù bha latha sin a chaidh e mach dha'nbhean'-sheilge 's bha 'm mial-chu aige còmh ris, agus cha deach euamhasach fada. Bha sneachd air an talamh agus chunnaic e earbsa,agus loisg e air an earbsa. Cha d' rinn e ach an earbsa leòn 's thog anearbsa rithe, 's ma thog thog am mial-chu an déidh na h-earbsa.Dh'fhalbh mac Iompaire na Frainge ás déidh sin, ach, co-dhiù, nuairthug e suas 's nach gabhadh i faighinn stad e. Chuir e bos a' ghunn' airuachdar a choise, agus a dhà bhas air uachdar barail' a' ghunn' agusa smig air uachdar sin, agus thòisich e air cuimhneachadh. 'S bha ecoimhead air fuil na h-earbsa falbh air an t-sneachda, agus a' coimheadair a' mhial-chu. Thàinig i 's laigh i làmh ris. Thug e seachad bòide anuair sin, nach robh e dol a phòsadh nighean gu bràth ach nighean abhiodh cùl a cinn cho dubh ri cùl cinn na mial-chu, agus a dà ghruaidhcho dearg ri fuil na h-earbsa air an t-sneachda, an còrr dha craicionnbhi cho geal ri 'n t-sneachda.Ach co-dhiù, thill e dhachaidh 's chaidh e chadal an oidhche sin,agus sa' mhaduinn an la-arn-a-màireach bha e anmoch gu éirigh. Ach,co dhiù, bha e cur iongatas uamhasach air athair dé bu choire nachrobh e 'g éirigh. Chaidh e suas ma dheireadh far an robh e, 's bhruidhinn e ris. Dh'fhoighnich e dha carson nach robh e 'g éirigh. "Bheilsian sam bith ceàrr" thuirt Iompaire na Frainge. "O, chan eil" thuirtesan. "Well, tha e glé bhochd dhomhsa an aon mhac a th' agam risan t-saoghal 's a' cheud cheist a chuir mi riamh air nach do dh'fhuasgaile i." "Well, mas ann mar sin a th' ann" thuirt esan "innsidh midhuit." 'S dh'innis e 'nuair sin dha mu na bòidean a thug e anns a'– 136 –Cath nan Eunbheinn. "O, dhuine bhochd" thuirt esan "tha mi uamhasach truaghair do shon. 'S iomadh mac righ is ridire dh'fheuch ris an aon rud 'scha do bhuannaich iad riamh." "Ma roghainn 's ma dha" thuirtesan "tha mise dol a dh'fheuchainn ri faighinn."Ach co dhiù, fhuair e deiseil, 's thug athair dha cuideachadh – rudri itheadh 's rud mar sin 's dh'fhalbh e. Bha e coiscachd, 's a' coiseachd, 's a' coiseachd, 's bha nuair sin neul na h-oidhche a' tighinn 'sbha coltas air nach robh e dol a dh'fhaicinn àite san rachadh e. Achchunnaic e 'nuair sin bothan beag taobh an rathad. Chaidh e stigh adh'ionnsaigh a' bhothain a bha seo 's bha bodach ann an sin agusfeusag mhòr ghlas air.Choimhead am bodach air. "'S fàilt ort, 'ill' òig. 'S math tha fhios'm air ceann do sheud 's do shiubhal, ach bha e san naidheachd bhoshean gu robh mac righ no ridire ann a dh'fhalbhadh 's a thilleadh, agusdh'fhaoidhte gura tus e. Ach fuirichidh tu còmh rium fhéin annochd."'S ann mar sin a bh' ann. Dh'fhuirich e còmh ris a' bhodach anoidhche sin 's bha e uamhasach uile gu léir sgìth, 's chaidh e chadal.Agus 's e gliogadaich nan sgian 's nam forc a dhùisg mac an rìgh sa'mhaduinn, agus am bodachan a' faighinn deiseil am breiceis. Achco-dhiù, dh'éirich e 's fhuair e bhreacanais 's ghabh e bhreacanais."Well, feumaidh mi falbh." "Well," thuirt am bodachan ris "thabràthair athair dhòmhsa air thoiseach ort, agus ruigidh tu e, agusinnsidh e dhuit an gnothuch na's fheàrr na dh'innseas mis' e." "Cofad 's a tha e bhuam?" "Tha e fad coiseachd là agus bliadhna.""O well, 's fheàrr dhòmhsa bhith falbh." "Well, chan fhalbh buileachan dràsda " thuirt esan. "Tha paidhir de bhrògan siubhail agam annan sin 's cuiridh tu ort iad, agus, am beul na h-oidhche, bithidh thu aigàite bràthair m' athair, 's cha bhi sian agad ri dhèanamh ach leum annsna brògan siubhail 's an aghaidh a chur air an dachaidh 's an ear-dheasair am màs, 's na biodh an còrr cùram ort mu dheidhinn nam brògan."'S ann mar sin a bh' ann. Dh'fhalbh e 's leum e sna brògan-siubhail,'s cha robh fhios aige co-dhiù 's e 'n t-adhar a thog e no 'n talamh ashluig e, ach am beul na h-oidhche ràinig e àite bràthair athair a'bhodachain. Ach chaidh e stigh 's bha bodach ann an sin 's feusagmhór ghlas air. "Fàilt ort 'ill' òig. 'S math tha fhios 'm air ceann dosheud 's do shiubhail. 'S iomadh mac rìgh no ridire dh'fhalbh 's nachdo thill, ach bha e san naidheachd bho shean gu robh mac rìgh noridire .... ann a thilleadh; 's có fios nach tus e. Fuirichidh tu– 137 –Gairmcòmh rium fhìn an nochd." Agus, gus an gnothuch a dheanamhgoirid, chaidh e chadal.'S e gliogadaich nan sgian 's nam forc a dhùisg mac an iompaire sa'mhaduinn, agus dh'éirich e, co-dhiù, 's ghabh e bhreacdanais agusbha e dol a dh'fhalbh. "Well chan fhalbh buileach an dràsd," thuirtesan. "Tha mo sheanair an so, 's tha fhios aige air cùisean nas fheàrrna th' agamsa. 'S thòisich e rùrach sa' bheairte chloimhe 'n sin. Thuge bodachan beag às a' bheairte chloimhe agus feusag mhór fhada air.Agus choimhead am bodachan beag so air. "'S math tha fhios 'mair ceann do sheud 's do shiubhal. 'S iomadh mac righ 's ridire bh' anna dh'fhalbh 's nach do thill, ach bha e san naidheachd bho shean gurobh mac rìgh no ridire ann a dh'fhalbhadh 's a thilleadh 's dé fiosnach tus e." "Well," thuirt e ris an uair sin "ma ni thu mar a dh'iarras mis' ort gheibh thu air n-adhart. Falbhaidh tu 's cumaidh tuort 's ruigidh thu bonn beinn. Tha agad an uair sin air tòiseachadh ridìreadh na beinn tha so, agus tha bheinn mar gum biodh i dol a rolladha nuas air do mhuin, ach, air na chunnaic thu riamh, na coimhead ás dodhéidh" thuirt esan, "agus mura coimhead thu ás do dhéidh, ni thusuas gu mullach na beinn' i, agus nuair a gheibh thu gu mullach nabeinne" thuirt esan "tha àite fomhair mór an sin, agus thig a stigh 'sfeuch air bràigh an doruis, 's gheibh thu slatan draoidheachd, agus rudsam bith air am buail thu 'n ceann garbh dh'an t-slatan draoidheachd,ni thu creag shalainn dhe, agus rud sam bith air am buail thu 'n ceannmin dh'an t-slatan draoidheachd, ni thu òganach dheth." Ach co-dhiù 's co-dhà, "Dé cho fad 's a tha e bhuam," thuirt mac an iompaire."Tha e fad coiseachd là agus bliadhna," "Well " thuirt e "feumaidhmi falbh." "Chan fhalbh" thuirt esan. "Tha paidhir de bhròganshiubhail an so 's cuir ort iad, agus ruigidh tu bonn na beinne feasgar.Cha bhi sian ann a dhèanamh an uair sin, ach leum ás na brògansiubhail 's an aghaidh a chur air an dachaidh 's an eara-dheas air ammàis."Agus 's ann mar sin a bh' ann. Leum e sna brògan siubhail 's charobh fhios aig' co-dhiù 's e 'n t-adhar a thog e no 'n talamh a shluig e.Feasgar beag ràinig e bonn na beinne. Thòisich e 'nuair sin air dìreadhsuas a' bheinn a bha so, agus bha bheinn a' choltas oirre gu robh i dola rolladh air a mhuin ach cha d' rinn e sian coltach ri coimhead ás adhéidh, ach lean e air 's fhuair e gu mullach na beinne. Chunnaic eàite an fhomhair a bha so, agus chaidh e stigh, 's dh'fheuch e airbràigh an doruis 's fhuair e slatan draoidheachd. Bhuail e 'n slatan-– 138 --Cath nan Eundraoidheachd air an fhomhair 's rinn é creag shalainn air. Ach co-dhiù 's co-dhà, dh'fhalbh e 'nuair sin 's thàinig e mach ás a sin 'sthachair earbs' air. "Leum air bac mo dhà chruachain" thuirt ise"'s bheil mi dhuit siubhal." Leum e air bac dà chruachain na h-earbsa,co-dhiù, agus dh'fhalbh e. Feasgar beag land e ann an àite sin agusthàinig fitheach. "Leum air bac mo dhà sgiath 's bheir mi siubhaldhuit." Leum e air bac dà sgiath an fhithich 's dh'fhalbh am fitheach's anmoch beul na h-oidhche ràinig am fitheach pealais mhór an sin,agus thuirt am fitheach ris an oidhche chur seachad ann an so.Agus 's ann mar sin a bh' ann. Chuir e seachad an oidhche san t-àitebha so, is sa' mhaduinn an la-arn-a-maireach bha Cath nan Eun a'dol air adhart 's bha Cath nan Eun seachad uile gu léir ach eadarfitheach is nathair, agus bha coltas air an nathair gu robh i dol a churfinish air an fhitheach, agus bhuail e ceann garbh an t-slatan draoidheachd air an nathair 's rinn e creag shalainn air. Leum an uair sin anfhitheach 's thuirt e "Leum air bac mo dhà sgiath 's bheir mi dhuitsiubhal." Leum e air bac dà sgiath an fhithich, 's dh'fhalbh am fitheachagus bha 'm fitheach a' falbh 's a' falbh 's cha robh an coltas air gunrobh e dol a stad.Ach, feasgar beag, ràinig e pealais mór eile, agus chaidh e stigh, 'sthuirt am fitheach ris fuireach ann an sin gu maduinn. Co-dhiù, sinan rud a rinn e. Chaidh e stigh 's dh'fhuirich e còmh ris anns a'phealais a bha so. Sa' mhaduinn an la-arn-a-màireach chaidh e mach's cha robh sign air an fhitheach, ach thàinig òganach briagha 'nachoinneamh 's rug e air làmh air agus thuirt e "Rinn thu feum mórdhòmhsa an dé. Tha mise an déidh faighinn clear 's na geusan chaidha chur orm, agus an rud a tha thu 'g iarraidh tha e 'n so." 'S thug edha parcel. "Well" thuirt esan, "theid thu nis dhachaidh, 's air nachunnaic thu riamh," thuirt esan, "na fosgail do pharcel gus am faicthu 'n t-àit is fheàrr leat fhéin do shuidheachan a thogail – do phealais".Ach co-dhiù, dh'fhalbh mac an Iompaire dhachaidh 's thug e leis amparcel. Cha robh an t-astar idir cho fada 's a bha e a' falbh, agusfeasgar beag ràinig e swampa fo thigh athair 's chaidh e stigh sant-swampa bha so. Ach co-dhiù, bha e coimhead 'son fhaighinn a machdé bha sa' pharcel, 's shrac e pharcel bha so ás a chéile 's bha 'm pealaisbu bhriagha chunnaic e riamh air thogail ann an teas-meadhoin ant-swampa. Ach co-dhiù 's co-dhà, thionndaidh e mun cuairt 's chaidhe mun cuairt air a' phealais 's thainig e gu dorus. Bha 'n nighean a thuge seachad a ghealltainean 'na déidh, bha i ann an sin 's i 'g éirigh air– 139 —Cath nan Euncaoineadh. Well, cha robh fhios aige dé dheanadh e ach thill e air ais arithis mun cuairt 's shuidh e aig corner an tighe, 's cha robh e fada annan sin gus an tàinig fomhair far an robh e. Agus, "'S briagha dophealais, ach coireach an t-àit san do thog thu e." "Well, 's ann marsin a th' ann" thuirt esan. "Well, ma bheir thu dhomh gealladh airdo cheud mhac," thuirt esan "cuiridh mis' a' phealais tha sin sa'pharcel a rithis mar a bha e roimhe," Dh'fhalbh e 's thug e seachad angealltanas a bha so dh'an fhomhair, 's thug am fomhair slat ás abhroilleach. Bhuail e 'm pealais 's thainig gliogadaich 's glagadaich's gleadhraich de phealais a' tuiteam 's a' dol ás a chéile. Chaidh esa' pharcel mar a bha e roimhe.Ach co-dhiù 's co-dhà, dh'fhalbh e 'nuair sin, agus bha 'n oidhche andéidh tighinn gu dòigheil an uair sin 's chunnaic e àite laghach fo thighathair agus dh'fhalbh e 's thuirt e gur e so àite laghach airson aphealais a thogail. Ach co dhiù, thug e sraing far a' pharcel 's fhrois a'pharcel ás a chéile a rithis. Ach co-dhiù, choisich e mun cuairt 's bha'n nighean a bha so a' suidhe 's i gaireachdainn 's i ann an cathairairgid 's cathair òir làmh rithe. Thuirt i ris suidhe sa' chathair òir, 's thami cinnteach gun do chuir iad seachad oidhche cuimeasach math toilichte.Sa' mhaduinn an la-arn-a-màireach dh'éirich athair 's choimhead emach air an uinneag 's chunnaic e 'm pealais a bha so. Well, cha robhfhios aig air an fhortan dé bha ceàrr. Bha e deanamh a mach gur erudeigin a bha e faicinn 's gun robh e sna sùilean aige. Shuath eshùilean cho math 's a ghabhadh e. Ach co-dhiù, chaidh e sin a choimhead air 's bha a' phealais ann. 'S thog e ris sìos a dh'ionnsaigh a'phealais 's bha ghill' aige fhéin ann 's bha ghill' aige fhéin ann 's annighean a bha e 'g iarraidh. Agus 's ann mar sin a bh' ann. Dh'fhalbh iad 's chuir iad seachad latha cuimeasach math ann an sin.Well, nis tha sinn dol a dh'fhàgail sin mar sin. Ach, co-dhiù, 'nuairsin thainig leanabh gu mac an rìgh. Ach co-dhiù, nuair a bha 'nleanabh so suas ma bhliadhna, thainig am fomhair far an robh e.Thoir dhòmhsa do mhac" thuirt esan. "O, bheir, bheir" thuirtesan. Chaidh e 's bha mucaire an rìgh 's bha leanabh aca fhéin mu'naon aois 's dh'fhalbh e 's thug e seachad mac mucaire an rìgh dh'anfhomhair. 'S cha deach e uamhasach uile gu léir fada nuair a thug eslat as a bhroilleach 's dh'fhoighnich e dh'an leanabh dé bhiodh athaira' déanamh leis an t-slat a bha sin." Ceannsachadh mucan an rìgh.""Tha mis' an déidh tuigsinn gur e mac mucaire an rìgh a th' agam anàite mac an rìgh." Rug e air chasan air 's spad e ris an rathad e.– 141 –GairmThill e air ais 's bhruidhinn e ris a' ghill' 's thuirt e ris "Machdhòmhsa do mhac." "Bheir" thuirt an gille 's dh'fhalbh e 's fhuaire mac stiùbhairt an rìgh. Cha deach e fada gus an tug e slat ás abhroilleach 's dh'fhoighnich e dh'an ghille bheag a bha so "Dé bhiodhd' athair a' déanamh leis an t-slatag?" "Goisnicheadh mucan anrìgh" thuirt e. "Tha mise tuigsinn gur e mac stiùbhairt an rìgh ath' agam." 'S rug e air chasan air 's spad e ris an rathad e.Thill e air ais a rithis gu àite mac an rìgh. "Mach dhòmhsa do mhac"thuirt e" no 'n clach as àirde 'n clach as ìsle dha d' phealais." Agus's ann mar sin a bh' ann. Dh'fhalbh e 's b' fheudar dha mhac a thoirtseachad dh'an fhomhair. Dh'fhalbh an fhomhair 's cha deach euamhasach uile gu léir fada gus an tug e 'n t-slat ás a bhroilleach. "Débhiodh d' athair a' déanamh leis an t-slat a tha so?" "A' ceannsachadh rìoghachd an rìgh." Well, 's e mac an rìgh a bh' aige 's dh'fhalbh e dhachaidh 's thug e leis an gille beag a bha so.Ràinig e dhachaidh 's thòisich an gill' air fàs mór. Bha nighean aigan fhomhair 's bha i uamhasach uile gu léir briagha. Ach, co-dhiù,thòisich e air deanamh suas ris an nighean a bha so. Ach 's ann mar sina bh' ann, bha 'n coltas air gun robh iad dol a phòsadh. "Well,"thuirt an fhomhair "mum faigh thu 'n nighean agamsa feumaidh tutrì ceistean fhuasgladh, agus, ma ni thu sin gheibh thu mo nigheanri phòsadh. Tha bàthach an sid" thuirt e "'s tha i seachd ceud troigha dh'fhad 's seachd ceud troigh a dh'àrd, 's seachd ceud troigh a leud.Chan eil sian de thugha air a' bhàthach 's feumaidh i a bhith air atughadh le iteagan eòin, agus chan eil math ach aon iteag a bhith ann degach seòrsa."Ach, co-dhiù, 's ann mar sin a bh' ann. Chaidh e mach a dh'ionnsaigh an t-sabhal 's thug e dha bogh'-saighde airson beirid air nah-eòin. Ach mu mheadhon là, nuair a thainig an nighean a mach ledhìnearachd cha robh aig ach aon fhitheach air a mharbhadh an uairsin 's chan fhaodadh e uisinneachadh ach aon iteag. "Thig 's gabh dodhìneir" thuirt ise. "O, chan eil sian a reusan agamsa mo dhìneir aghabhail" thuirt e, "Bidh mo cheann air an stob an nochd an uair thigt' athair dhachaidh." "Thig thusa 's gabh do dhìneir." Chaidh e 'sthòisich e air gabhail a dhìneir. 'S thilg i saighead dh'an choille, agusan uair a bha e réidh dha dhìneir bha bhàthach air a tughadh. "Well,nis, foighnichidh m' athair dhuit an nochd 'n do thugh thu bhàthach,'s abair ris gun do thugh. Their e "Well, cha do thugh thus' i." Theirthusa "Well, thugh cuideigin i."– 142 –Cath nan EunWell, bha cheud gnìomh seachad an sin. Ach sa' mhaduinn an la-arn-a-màireach, dh'éirich am fomhair 's mac an rìgh. "Well, thabhàthach air a tughadh, ach tha bàthach eil ann an sin" thuirt e"'s tha i seachd ceud troigh a dh'fhad, 's seachd ceud troigh a leud; 'sseachd ceud troigh a dh'àird, agus cha deach a cartadh bho chionnseachd bliadhna, agus feumaidh tu a cartadh cho glan 's gun ruithubhal bho'n dàrna ceann a dh'ionnsaigh a' chinn eile dhith." Thuge mach dh'an outhouse e 's dh'fhosgail e dorus an outhouse 's bha dàspaid ann an sin – spaid mheirgeach dhubh is spaid òir. "Có 'n tédhiubh sin is fheàrr leat fhaighinn." Well, choimhead e air na spaideans bha 'n spaid òir a' coimhead uamhasach laghach. Dh'fhalbh e 'sthug e leis an spaid òir 's chaidh e leis dh'an bhàthach. Cheud spaida chuir e mach as a' bhàthaich thàinig a trì a stigh. Ach bha e 'g obairann an sin gus an tàinig àm na dìneir 's bha a thrì uiread deug anns a'bhàthach. Ach thuirt an nighean ris "Thig 's gabh do dhìneir!""O, cha leig mi leas mo dhìneir a ghabhail an diugh. Tha mo cheanndol a bhith air an stob gu cinnteach." "Thig thusa nall 's gabh dodhìneir." Thòisich esan ri dhìneir a ghabhail 's thilg ise an spaidmheirgeach so a bh' aice, 's thilg i stigh sa' bhàthach i. An uair a bhae réidh dha dhìneir bha bhàthach air a cartadh cho glan 's gun ruitheadhubhal bho'n dàrna ceann a dh'ionnsaigh a' chinn eile. "Wellthuirt i "foighnichidh m' athair dhuit an do chairt thu bhàthach 'sabair gun do chairt. Abraidh esan "Cha do chairt thus' i." Abraidhthusa "Well, chairt cuideigin i."Well, bha 'n dàrna gnìomh seachad an sin. Ach co-dhiù 's co-dhà,chaidh an oidhche sin seachad is sa' mhaduinn an la-arn-a-màireachdh'éirich iad a rithis. "Well" thuirt esan "tha fìreun sid 's tha neadaice ann an craobh, agus tha trì uighean innte, 's feumaidh na h-uigheansin a bhith agad dhomh air mo shuipear an nochd." Ach co-dhiù,dh'fhalbh an gille 's chaidh e dh'ionnsaigh an craobh agus cha robhmeur air a' chraobh a bha so 's bha i ceud troigh a dh'àird. Well,thòisich e air dol mun cuairt air a' chraobh. 'S cha robh dòigh aig'air streup anns a' chraobh ach aon uair 's a dh'fhalbh e, thòisich iseair dèanamh chnagan air lìon. Ach co-dhiù 's co-dhà, nuair thainigàm na dìneireachd dh'fhalbh i le dhìneir a dh'ionnsaigh a' ghille.Agus "Thig a nall 's gabh do dhìneir." "O, cha ruig mi leas. Tha.mo cheann dol a bhith air an stob cinnteach an nochd" thuirt e. "Chateid agamsa air dol suas sa' chraoibh." Ach co-dhiù, thuirt i ris "thiga nall 's gabh do dhìneir." 'S chaidh e null 's thòisich e air gabhail a– 143 –Gairmdhìneir. Thòisich is' air tilgeil nan cnagan, 's bha cnagan a' bualadhsa' chraobh 's bha meur a' fàs ás a h-uile cnag a bha i tilgeil sa' chraoibh's bha i aon mheur goirid gu ruighinn air an nead a bha so. 'S dh'fhalbh i 's fhuair i corc a bh' aice 's ghearr i dhith lùdag 's thilg i suasa lùdag gu bàrr na craoibhe. Ach co-dhiù 's co-dhà nuair a ghabh edhìneir, dh'éirich e suas sa' chraoibh agus nuair a ràinig e mullach nacraoibhe fhuair e na h-uighean 's thug e nuas iad. Chaidh iad dhachaidh's bha na h-uibhean bruich roimh 'n fhomhair nuair a thainig e dhachaidh. Agus "'N d' fhuair thu na h-uighean?" thuirt esan. "Fhuair"thuirt an gille. "Well, cha d' fhuair thus' iad." "Fhuair cuideiginiad."Ach 's ann mar sin a bh' ann. Bha na trì ceistean mar sin air andèanamh 's bha 'n nighean aige ri fhaighinn an uair sin co-dhiù. Aguschaidh iad an uair sin a chadal san oidhche 's thug ise leatha ubhal.Agus co-dhiù, chaidh iad dh'an leabaidh 's thuirt i ris "Feumaidh sinnnis éirigh a dh'aona luath 's a chaidleas am fomhair. Agus feumaidhsinn togail rithe no marbhaidh e thu mun tig a' mhaduinn."Ach co-dhiù, dh'éirich iad 's dh'fhalbh iad a mach 's dh'fhàg iceithir earrannan dh'an ubhal ma chuairt an leabaidh 's aig an dorus 'slean i 'n ubhal gus an d' ràinig i ceann am mach an doruis. Ach co-dhiù, dh'fhalbh iad 's fhuair iad an làir a b' fheàrr a bh' aig an fhomhair's thog iad rithe. Ach co-dhiù, dhùisg an fhomhair am meadhon nah-oidhche 's dh'eubh e. "An do chaidil sibh?" "Cha do chaidil"thuirt pìos dh'an ubhal. Chaidil e sin treis eile 's dhùisg e rithis."'N do chaidil sibh?" "Cha do chaidil" thuirt pìos eile dh'an ubhal.Ach co dhiù, an ceann spell dhùisg e rithis, 's lean sin air gus an dofhreagair am pìos ma dheireadh aig an dorus. "A" thuirt esan, "thamo nighean an déidh mo mhealladh, agus feumaidh mi falbh ás adéidh."'S dh'éirich e 's thog e rithe. Bha iad a' coiseachd 's a' coiseachd 'sthuirt ise ris "Tha anail m' athair a' losgadh mo dhà shlinneagan" 'si air an làire bha so comh ris an gille. "Dé ni mi" thuirt an gille."Feuch ann an cluas deas na làire feuch dé gheibh thu." "Chan fhaighmi sian ann an so" thuirt esan "ach pìosan beag de spruis." "Tilgás do dhéidh e. Thilg e 'm pìosan beag de spruis so ás a dhéidh. Rinn eseachd ceud troigh de dh'fhad, 's seachd ceud troigh a dh'àird, seachdceud troigh a leud de choille cho dlùth 's nach rachadh snàthadann. Ach co-dhiù, bhuail an fhomhair so 's cha robh dòigh aige airfaighinn through. Fhuair e tuagh beag a bh' aig an tigh 's thòisich e air– 144 –gearradh troimh 'n choille gus an d' rinn e rathad 's thuirt e "Fàgaidhmi 'n tuagh an so gus an till mi." "Ma dh'fhàgas" thuirt pioghaid,'s i ann am mullach craobh "goididh mis i.""Tha mi cinnteach gun goid." Thill e dhachaidh leis an tuagh.Ach co-dhiù, dh'fhalbh e 'nuair sin 's bha e falbh 's a' falbh as déidhna h-ighinn. "Ah" thuirt ise "tha anail m' athair a' losgadh mo dhàshlinneagan." "Dé ni sinn?" thuirt an gille. "Feuch ann an cluasceàrr na làire feuch dé gheibh thu." "Chan fhaigh mise sian ann an soach pìosan beag de chlach." "Tilg ás do dhéidh e." Rinn e seachdceud troigh a dh'fhad, 's seachd ceud troigh a dh'àird 's seachd ceudtroigh a leud de chreag chruaidh. Bhuail an fhomhair anns a' chreag abha so 's cha robh dòigh aige air faighinn troimhe. B' fheudar dhatilleadh dhachaidh 's pick is tools fhaighinn airson rathad a dhèanamh.Ach, thòisich e ris an tunnel a bha so a chur tro'n chreag. Rinn erathad alright, ach thuirt e, "Tha mi dol a dh'fhàgail na tools an so gusan till mi." Thuirt a' phioghaid 's i air mullach na creig' "Goididhmis' iad." "Goididh no goididh, chan eil an còrr ùin' agamsa ri chall,"thuirt e.Ach 's ann mar sin a bh' ann. Dh'fhalbh e 's thog e ris 's dh'fhàg ena tools an sin. "O" thuirt ise" tha anail m' athair a' losgadh mo dhàshlinneagan." "Dé ni mi?" "Feuch ann an cuinnean deas na làirefeuch dé gheibh thu." "Chan fhaigh mise sian ann an so ach boinne dedh'uisge." "Tilg ás do dhéidh e." Rinn e lek uamhasach ann an sinnach robh riamh a leithid ann, agus bhuail am fomhair anns an lek.Co-dhiù, thoisich e air snàmh tro'n lek. Bha coltas air an fhomhairgun robh e dol a dheanamh an gnothuch air dol tro'n lek. Ach thuirtise "Tha anail m' athair a' losgadh mo dhà shlinneagan." "Dé nìsinn?" "Feuch ann an cuinnean ceàrr na làire feuch dé gheibh thu.""Chan fhaigh mise sian ann an so ach pìosan beag de shoirbheas."Tilg ás do dhéidh e." Thilg e 'n soirbheas ás a dhéidh 's thainigstoirm uamhasach a bha coltach ris an stoirm a bh' againn an so annan Ceap Breatainn. Agus co-dhiù, chaidh an fhomhair a mharbhadh.Well, thionndaidh i 'nuair sin mun cuairt. "Tha mise an déidh curás dha m' athair" thuirt ise. "'S tha mi nis a' dol a bhith dependadhortsa, agus feumaidh tu mar a dh'iarras mise dhèanamh." O, dheanadhe rud sam bith air a son. Ach co-dhiù rainig e 'nuair sin goirid do dh'àit athair, agus thuirt ise "Well, tha mise dol a dh'fhuireach ann an soan nochd," thuirt ise, "agus theid thusa dhachaidh an toiseach agusinnis dhaibh aig an tigh mar a dh'éirich a mach, ach, air na chunnaic thu– 145 –Tog do ghlaine so do shlaint',De'n uisge bheatha 's fhearr nacach,'S e an drama bheir dhuit cail,Faigh botul "Sandeman" gundail.'S e righ nan uisge beatha.Cath nan Eunriamh, na leig le sian do phògadh, neo ma phògas rud sam bith thu,leigidh tu mis' ás do chuimhne." Ach co-dhiù, thionndaidh e 's thug eseachad na geallaidhean a bha so, 's dh'fhalbh e 's ràinig e pealaisathair.O, rinn iad toileachadh ris an sin a bha gàbhaidh. Dé thuit a bhithmun cuairt ach mial-chu a bh' aige fhéin. Thainig a' mhialchu 'sthòisich i air leum mun cuairt air 's nach do bhuail i bus ás a bheul.Chaill e cuimhne air an nighean. Ach co-dhiù, bha iad ann an sin a'faighinn deiseil 's dol a dheanamh banais mhór uamhasach dha, 'snighean eireachdail aca dha airson a pòsadh.Agus thug ise 'n aire 'nuair sin gun do dh'éirich rudeigin a mach.Agus bha craobh mhór an sin, agus meur mór a' fàs ás, agus bha tobairso 'n mheur a bha so. Ach thòisich iad an uair sin air faighinn deiseilairson a' bhanais a bha so. Thòisich na gillean air cur m' a dheidhinnbrògan fhaighinn airson dannsa 's rud mar sin. 'S bha aon ghreusaichsan àite 's bha bean aige 's bha triùr nigheanan aige 's bha chence gunrobh iad uamhasach uile gu léir uile granda. Ach co-dhiù, thòisich iadair òrdughadh na pumps a bha so airson dannsadh. Agus thòisichan greusaich air deanamh nam pumps. Bha leithid dhiubh tighinn 'sbha ghreusaich ag obair a latha 's a dh'oidhche.Ach aon oidhche bha gealach mór briagha ann, agus thuirt e ri te dona nigheanan "Falbh 's faigh dhòmhsa bucaid de dh'uisge. Tha mi ribhith marbh leis a' phadhadh." Co-dhiù dh'fhalbh an nighean 's ràinigi 'n tobair a bha so, 's bha 'n nighean bhriagha a bha so coimheadsìos oirre. Chrom i sìos a dh'iarraidh bucaid uisge 's chunnaic ifaileas fhéin, mar gum b' eadh, san tobair. "Nach eil e gàbhaidhnighean cho briagha riumsa bhith fuireach còmh ri greusaich." Dh'fhalbh i 's thilg i na bucaidean dh'an choille 's thog i rithe 's ràinig i àit'a' ghreusaich 'g éirigh air càineadh a' ghreusaich, cho grànda a bha e 'san teaghlach, 's cho briagha 's a bha ise. Thog i rithe 's dh'fhàg i 'ngreusaich an sin.Thuirt an greusaich ri te eile dha na h-igheanan falbh agus bucaiduisge fhaighinn. Dh'fhalbh ise san nòs ceudna, 's dh'fhalbh an uairsin an treasa te san nòs ceudna, airson an sgeulachd fhàgail beagannas giorra. Ach, co dhiù, bha e 'g obair 's bha e gu bhith marbh leis a'phathadh 's thuirt e ri bhean an uair sin "Falbh airson an fhortan 'sfaigh dhòmhsa bucaid de dh'uisge." Dh'fhalbhi a bhean 's bha i cho,grànda tha chence 's a ghabhadh i bhith, 's chrom i aig an tobair, 'schunaic i cho briagha 's a bha i, 's thilg i na bucaidean dh'an choille– 147 –Gairm's thill i air ais. Ged bhiodh seachd teanganan 'na ceann 's ann a'càineadh a' ghreusaich 's ga grad-moladh fhéin a bhiodh i. Ach co-dhiù 's co-dhà, dh'fhàg i 'n greusaich an sin.Dh'fhalbh an greusaich an uair sin 's thog e leis bucaid 's chaidh edh'ionnsaigh an tobair. Chrom e sìos san tobair 's chunnaic e 'mfaileas a bha so san uisge. Thog e 'nuair sin a cheann 's choimheade suas, 's bha 'n nighean a bha so sa' chraoibh. "Well, 's briagha docholtas, ach corrach do shuidheachan. Thig a nuas 's falbh còmhrium fhéin." Ach co-dhiù, thainig an nighean an nuas. "Tha mi 'ndéidh coire dheanamh dhuitsa o'n thainig mi 'n so." "Well, moroghainn 's mo dha, cha ghabh e cuideachadh" thuirt e. Ach co-dhiù, thainig an nighean an nuas 's dh'fhalbh i còmh ris a' ghreusaich.Chaidh i dhachaidh gu àit a' ghreusaich.Thòisich an uair sin na gillean bòidheach òg a thighinn a dh'òrduchadh pumps. Bha iad a' coimhead air an nighean, cho briagha's a bha i. Ach dh'iarr iad air a' ghreusaich saoil dé bhiodh i 'g iarraidhairson faighinn còmh rithe oidhche. Well, cha robh fhios aig a'ghreusaich. Well, thug iad air a' ghreusaich foighneachd dhith débhiodh i 'g iarraidh. Bhruidhinn e ris an nighean, 's thuirt an nigheanris "Well, a' cheud fhear a thig còmh rium an nochd, bheir e punndSasunnach dhomh, agus an ath fhear, tigh'nn an ath oidhche, bheire dà phunnd Sasunnach," thuirt i "'S an treas' fear, trì puinnd."Thug e seachad a history a bha so do na gillean.Agus bha iad uamhasach toilichte airson a leithid so do rud adheanamh.Ach co-dhiù, thionndaidh iad mun cuairt 's thaing a' cheud fhear lepunnd Sasunnach 's bha e dol a dh'fhaighinn còmh ris an nighean, 'stha mi cinnteach gun robh duil aige time mhath a bhith aige còmh risan nighean bhriagha bha so. Ach co-dhiù, fhuair e deiseil an uair sinaig àm cadail 's thuirt ise gun robh i airson dol dh'an leabaidh antoiseach. "O, tha sin alright" thuirt esan. Ach co-dhiù, chaidh annighean dh'an leabaidh 's rainig an gille an uair sin, 's bha e faighinndeiseil airson dhol dh'an leabaidh. "O" thuirt ise "feumaidh miéirigh 's cupa de dh'uisg' fhaighinn." "Cha ruig thu leas, gheibh mi-fhìn cupa dhuit." 'S dh'fhalbh e sìos 's fhuair e pitcher de dh'uisg', 'sthainig e nuas 's thòisich e air dol a thoirt seachad an cup' uisge dh'annighean. Stick a dhà làmh ris a' phitcher 's ris a' chupa, 's a dhà choisris an ùrlar, 's bha e coimhead air an nighean an sin fad na h-oidhche's i 'na suain chadail. Sa' mhaduinn an la-arn-a-màireach, leig i clear– 148 –Cath nan Eunan gille, 's cha ghabhadh an gille airson na chunnaic e riamh innseadhdo chàch mar a dh'éirich dha.Ach co-dhiù, an ath oidhche, thainig an dàrna fear, 's phàidh e dàphunnd Sasunnach. Bha sin trì puinnd Shasunnach aig a' ghreusaichair faighinn. Agus thainig àm chadail, 's chaidh is' a chadal air thoiseach air a' ghille 's chaidh i dh'an leabaidh. Fhuair i deiseil 's chaidhnuair sin an gille suas. Thionndaidh e mun cuairt 's thuirt ise. "Well,feumaidh mi 'n dorus a dhùnadh." "Dùinidh mi-fhìn an dorus"thuirt e. Stick a dhà làmh ris an nob 's a dhà chois ris an ùrlar, 's bhae coimhead air an dorus fad finn-foinneach na h-oidhche, ach 's annmar sin a bh' ann 's leig i clear e.Ach an treasa fear, thainig e 's phàidh e trì puinnd Shasunnach, agusdh'fhalbh ise sa' cheart dòigh 's chaidh i dh'an leabaidh 's i dol achadal. Ràinig esan. Leig i leis an duine sin suidhe air deireadh naleaba a' cur dheth a bhrògan 's stick a dhà chois ris an ùrlar 's ancòrr ris an leabaidh 's bha e 'n sin a' coimhead air an nighean. Sa'mhaduinn an la-arn-a-màireach, leig i clear a' ghille agus bha a' ghreusaich an déidh an airgiod fhaighinn.Ach co-dhiù, thainig an uair sin àm na bainnse, agus thainig cuireadha chur mun cuairt, agus thainig cuireadh gu àit' a' ghreusaich. Achchunnaic iad an nighean a bha so 's i cho briagha, agus dh'fhalbh iad's thug iad dhi cuireadh a dhol a dh'ionnsaigh na bainnse. Ach co-dhiù, dh'fhalbh i a dh'ionnsaigh na bainnse còmh ris a' ghreusaich.Dé thug i leatha ach coileach is cearc, agus ràinig i tigh na bainnse.Chaidh iad a stigh, a' ghreusaiche 's an nighean – an nighean bhriaghabha so – ach cha do dh'aithnich an gille riamh i.A' cheud rud a bha dol air adhart ann an tigh na bainnse an uair sinbha stòpan de dh'fhìon a' dol ma chuairt bho dhuine gu duine.Thòisich an stòpan air dol ma chuairt gus an d' ràinig e 'n nigheanbha so. Thuirt an nighean an uair sin "Cha robh mi aig banais riamh,thuirt i" nuair bhiodh stòpan a' dol ma chuairt de dh'fhìon," thuirt i."Bu toigh leam gnìomh a dheanamh." Ach co-dhiù, chaidh ceadthoirt dhi.Dh'fhalbh i 'nuair sin 's leig i 'n cearc 's an coileach a bha so air anùrlar. Thilg i spileagan de pheasair air an ùrlar. Thionndaidh ancearc 's i air an spileagan a bha so a thogail. Leum an coileach 's thuge 'n spileagan bhuaipe. "A" thuirt a' chearc ris a' choileach "chadheanadh tu sin an latha thugh mi bhàthach dhuit." Ach co-dhiù,dh'fhalbh i 'nuair sin 's thilg i spileagan eil' air an ùrlar. Thog an– 149 –Gairmcoileach an spileagan le bheak. "Well" thuirt a' chearc "cha dheanadhtu sin an latha chairt mi bhàthach dhuit." Agus thilg i 'nuair sinspileagan eil' air an ùrlar. Leum a' chearc airson an spileaganfhaighinn 's thug an colleach bhuaip' an spileagan. Thuirt a' chearc"Cha dheanadh tu sin an latha a chuir mi na cnagan anns a' chraobhairson na h-uighean a thoirt a nuas á bàrr na craobh, 's bha mi aonchnag goirid, 's b' fheudar dhomh mo lùdag a ghearradh 's a chur suasam bàrr na craoibhe." 'S chuir ise làmh am mach 's, sure enough, charobh sign air an lùdag.Thainig a h-uile sian air ais ann an cuimhne mac an rìgh, 's thionndaidh e ma chuairt 's dh'fhàg e 'n nighean a bha e dol a phòsadh 'sleum e còmh rithise. Thionndaidh e 'nuair sin 's dh'innis e 'n naidhcachd dhaibh uile, mar a dh'éirich a mach 's a h-uile sian. Agus 's annmar sin a bh' ann. Phòs mac Iompaire na Frainge 's an nighean a bhaso. O well, an uair sin rinn iad banais 's cha chuala tu riamh idir uilegu léir uile leithid.Agus thuit dhomh fhìn gun robh mi ann agus Cathy 'n so, 's bha 'ntime a b' àille air an t-saoghal againn ann an sin. Agus an uair sin aigdeireadh na bainnse, theirig am fìon dhuinn 's dh'fhalbh mi-fhéin 'sCathy dh'iarraidh botul de dh'fhìon, 's bha sinn a' dol seachad airallt 's bha 'n allt car mór 's bha paidhir de bhrògan paipeir oirnn, 'sthuit gun do thuit sinn san allt, 's dh'fhalbh na brògan dhinn, 'sdhealaich sinn ri chéile.– 150 –