The Son of the King of Ireland and the Daughter of the King of the Red Cap
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT313/005
- Date
- 1890
- Item category
- Book
- Aarne-Thompson index
- AT0313: The Girl as Helper
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Town
- Port Appin
- Parish
- Lismore And Appin
- Collector
- Rev James Macdougall
- Narrator
- Alexander Cameron
- Narrator source
- Campbell, James
Archival Reference
SSSA/TA/AT313/005
School of Scottish Studies W & S III
Transcript
AISGEULACHD AIR MAC RIGH ÉIRIONNAGUS NIGHEAN RIGH A' CHURRAICHD RUAIDH.BHA Righ roimhe so 'an Éirinn a bha pòsda dà uair, agus aigan robh mac ris gach té d' a mhnathaibh. Bha 'n dara beanro dhona do mhac na céud mhnà, agus ro mhùirneach muthimchioll a mic féin. Thug i air an Rìgh caman òir agusball airgid a cheannach d' a mac-sa. Cha robh aig mac nacéud mhnà ach caman fiodha agus ball fiodha, ach chuireadhe air a bhràthair leis a' chaman a bh' aige.Air là àraidh chuir e mòran thaobhuill air a bhràthair.Ghabh a bhràthair so gu dona, agus thilg e air nachrobh aigesan ach caman fiodha. Thubhairt e, "Is mise's docha le m' athair, agus mar chomhar air sin thug168 Sgeulachd air Mac Rìgh Éirionn aguse dhomh caman òir." Ràinig so mac na céud mhnàgu mòr. Dh'fhalbh e dhachaidh, agus ràinig e 'n Caisteala' caoineadh. Thàinig 'athair a mach 'na choinneamh,agus thubhairt e ris, "A dhuine bhochd gu dé 'tha 'curort?" "Thilg mo bhràthair orm gu'm b' e 'bu docha leibhsa,agus gu'n tug sibh dha caman òir, agus nach robh agamsaach caman maide." "Mata," ars' athair, "cha bhi sin aige rithilgeil ort tuillidh; bheir mise dhuit caman òir agus ballairgid."Fhuair am balach an caman agus am ball, agus an uair achunnaic a mhuime iad aige, ghabh i mìthlachd mòr; agusthubhairt i ris gun a chridhe 'bhi aige cluich le mac-sa tuillidh.Bha e 'nis ni 'bu bhrònaiche na bha e riamh, a chionn nachrobh créutair aige a rachadh a chluich leis, ach galla mhial-choin a bha 's a Chaisteal. Dh'fhàs e féin agus a' ghallamhial-choin cho mùirneach m' a chéil' 'us nach robh dealachadh eatarra a là no 'dh'oidhche.Chaidh ùine mhath seachad mar sin, ach air aon là àraidhdh'fhalbh e o'n Chaisteal, agus ràinig e taobh na mara. Bhae 'siubhal ri aghaidh na tuinne 'n uair a chunnaic e maighdean-mhara, agus i a' cur dhi a cochuill. Chuir i 'n cochull 'amfalach 'an sgor creige, agus bha i 'n sin 'na boirionnach chobriadha 's a chunnaic e riamh. Chum e 'shùil gu géur oirrefeuch gu dé 'bha i 'dol a dheanamh. Léum i mu dheireadh amach air an loch, agus thòisich i air i féin a ghlanadh. An sosmaointich e gu'n goideadh e 'n cochull aice.Dh'èalaidh e air a ghlùnaibh agus air a bhroinn gus and' fhuair e greim air a' chochull. Dh'fhalbh e 'n sin, aguschaidh e 'm falach ann an àite fàr am faiceadh e gu dé 'dheanadh a' mhaighdean-mhara 'n uair a dh'ionndraineadh i e.Thill i 's tigh, agus an uair nach d' fhuair i 'n cochull fàr ando chuir i e, thug i sùil ceithir thimchioll oirre, agus dh'fhalbhi dìreach a dh'ionnsaidh an àit anns an robh Mac Righ Éirionnam falach. Thubhairt i ris, "A Mhic Righ Éirionn, thoirdhòmhsa mo chochull." "Cha tabhair; cha-n fhaigh thu egun chùmhnant." "Gu dé 'n cùmhnant a tha thu 'g iarraidh?""Gu'm fàg thu dhìot do chochull, agus gu'm pòs thu mise.""Cha dèan mi sin, oir tha gealladh pòsaidh aig fear eil' ormNighean Righ a' Churraichd Ruaidh. 169Bithidh ùine mhòr mu'n tig e air mo shon, ach tha mi 'dol adh'fheitheamh ris. Ach, a Mhic Righ Éirionn, gabh mochomhairle-sa, agus toill mo bheannachd. Thoir dhomh mochochull, agus geallaidh mise gu'm bi mi 'm bhan-charaiddhlleas dhuit as a dhéigh so. Agus càs no cruadal a thig ort,agus anns an urrainn mise cuideachadh a dheanamh dhuit nimi e. Tha mòran agad ri 'dhol troimhe air nach 'eil fhiosagadsa, ach ma ghabhas tu comhairle agus ma bhitheas tudìleas gheibh thu as gach càs agus as gach cruadail a thigort." An uair a chual e so thug e dhi an cochull. Thubhairta' Mhaighdean-mhara, "Mo bheannachd agad a nis. A h-uilelà a dh'éireas tu, thig thu so gu taobh na mara, agus mabhitheas féum agad orm chi thu mis' ann."Dh'fhalbh e dhachaidh gu sunndach. Air an ath latha ràinige taobh na mara, agus bha e coiseachd ri aghaidh na tuinnemar bha e air an là roimhe, ach cha-n fhac e ni air bith. Airan dara là thàinig e rithist, ach cha-n fhac e dad air an uair sincuideachd. Air an treas là thàinig e, agus chum e 'shùil annsgach luib, agus ób, agus camus feuch am faiceadh e 'mhaighdean-mhara. Ach sùil 'g an tug e mu dheireadh gu déchunnaic e ach tri ealachan air an t-shnàmh. B' i té dhiù ealabhàn a' mhuineil réidh, agus a soillse mar dhearrsadh gréine aircùl froise ann am madainn earraich. Sheas e 'coimhead oirre,agus thug e bóid agus briathar ris féin an sin, nach stadadh e,agus nach gabhadh e fois air muir no air tìr gus am faiceadh ebean a bha cho briadha ris an eala. An sin shnàmh nah-ealachan air falbh, agus chaidh iad as an t-shealladh anns a'chuan.Air tionndadh dha mu'n cuairt chunnaic e a' Mhaighdean-mhara ann an ób laimh ris. "A Mhic Righ Éirionn,thubhairt i, "ghabh thu gaol air Eala Bhàn a' mhuineil réidh.Falbh dhachaidh, agus iarr air d' athair bàta fhaotainn duit,agus falbhaidh tu innte, agus leagaidh tu do chùrsa 'cheart taobha ghabh na h-ealachan." Air dhi so a ràdh chaidh i fodha annsan uisge, agus cha d' fhuair e 'n ath shealladh dhi.Chaidh e dhachaidh. Ràinig e 'athair, agus thubhairt e risgu'n robh e 'falbh air turus cuain, agus gu'm féumadh esanbàta fhaotainn da. "Gheibh thu sin, agus sgioba," thubhairt170 Sgeulachd air Mac Righ Éirionn agusathair. "Am màireach rach sìos a dh'ionnsaidh a' chladaich,agus bithidh bàt' agus Sgioba 'feitheamh ort ann. Is e Gonachridh a's ainm do'n bhàta, agus bithidh an Sgioba ùmhaldhuit anns gach ni a dh'iarras tu orra 'dheanamh."Ràinig e 'n cladach, agus bha 'm bàta 'feitheamh air marthubhairt athair. Chaidh e air bòrd, agus leag e a cùrsa a'cheart taobh a ghabh na h-ealachan. Bha iad a' seòladh réùine mhòir air a' chuan gun fhearann fhaicinn. Mu dheireadhthàinig fearann 's an t-shealladh, agus rinn iad dìreach air.An uair a ràinig iad an cladach dh'iarr Mac Righ Éirionnair an Sgioba an aire 'thabhairt do'n bhàta, agus gu'n rachadhesan air tìr.Chaidh e air tìr. Thug e 'n aire do thigh mòr, sgiamhachfada bhuaithe aig bun coille mhòir, agus rinn e dìreach air.B' e so Caisteal Eilean Mòr nam Muca-mara. Mu'n d' ràinige 'n Caisteal chunnaic e Seann duine 'tighinn 'na choinneamh.An uair a thàinig iad an astar bruidhinn d' a chéile thubhairtan Seann duine, "A Mhic Righ Éirionn, tha do ghnothuchduilich dhuit fhaotainn, ach tha iad ann, agus gabhaidh iadfaotainn. Cha mhisd thu mo chomhairle agus mo chuideachadh-sa, agus gheibh thu iad. Fanaidh tu leamsa 'nochd,agus falbhaidh mise leat am màireach."Ràinig iad an Caisteal agus chaidh iad a's tigh. Thubhairtan Seann duine, "Ghabh thu gaol air Eala Bhàn a' Mhuineilréidh, Nighean Òg Righ a' Churraichd Ruaidh a tha fuireachdann an Éilean Mòr Spiorad a Cheò. Thàinig mòran churaidhnean air thoiseach ortsa 'dh'iarraidh Deàrsadh-gréine,Nighean Òg Righ a' Churraichd Ruaidh, agus cha do thilliad, agus cha till thusa ni's mò mur bi thu cruadalach, dìleas,agus mur gabh thu comhairle. So dhuit snàthad, agus boghaagus saighead, agus gleidhidh tu 'n t-snàthad gus an tig féumagad oirre. Anns a' mhadainn am màireach falbhaidh tu leGonachridh, do bhàta, agus an uair a gheibh thu i fo siùilcuiridh tu 'n t-snàthad ann am barr na saighde, agus cumaidhtu dìreach anns an athar i, agus an rathad a bhitheas an t-snàthad ag amharc an uair a thuiteas i anns a' bhàta leagaidhtu do chùrsa. Agus falbhaidh mise leat, oir cha mhisd thumo chuideachadh mu'n till thu. Tha bràthair dhomhsaNighean Righ a' Churraichd Ruaidh. 171'fuireachd ann an Éilean Bòidheach Faileas nan Réul, agusbithidh sinn 'na thigh-san an ath oidhche. Innsidh esan gudé 'ni thu as a' dhéigh sin, agus bheir e dhuit ni éiginn eile'bhitheas a chum d' fhéum. Ach bithidh e mar chùmhnantagam ort mu'm falbh mi gu'n cuir thu air tìr mi 'n so 'n uair athilleas tu." "Tha mi gealltainn sin duit," arsa Mac RighÉirionn.Air an ath mhadainn an uair a ràinig Mac Righ Éirionnagus an Seann duin' an cladach fhuair iad Gonachridh fo' siùila' feitheamh orra. Cho luath 's a chaidh iad air bòrd chuirMac Righ Éirionn an t-snàthad 'am barr na saighde, leig ean t-saighead as dìreach anns an athar, agus an rathad a bha 'nt-snàthad ag amharc an uair a thuit i leag e cùrsa na luinge.Sheòl iad air an aghaidh fad' an là. Mu chromadh na gréinechunnaic iad fearann air thoiseach orra, agus rinn iad dìreachair. An uair a ràinig iad an cladach dh'iarr an Seann duineair Mac Righ Éirionn dol air tìr agus falbh a dh'ionnsaidh a'Chaisteil.Chaidh e air tìr, agus rinn e air a' Chaisteal. Mar bha e 'dolair aghaidh bha gach ni a chunnaic e 'cur ioghnaidh mhòir air.Cha robh clach no creag a thachradh air anns nach robh e'faicinn 'fhaileas fhéin a' deàrsadh. Mu dheireadh thàinig e 'mfradharc a' Chaisteil agus chunnaic e Seann duine 'tighinn 'nachoinneamh. An uair a thachair iad thubhairt an Seannduine, "A Mhic Righ Éirionn, is mòr do naigheachd na'nrobh fhios agad fhéin oirre. Ach tha iad ann, agus gabhaidhiad faotainn. Tha mòran chruadal agad ri dhol troimhe, achgheibh thu asta gu léir ma bhitheas tu cruadalach, dìleas, agusma ghabhas tu mo chomhairle-sa. Ach thig a's tigh, agusfanaidh tu maille riumsa 'nochd, agus innsidh mise dhuit ruda bhitheas a chum d' fhéum." Lean e 'n Seann duine 's tighdo Chaisteal Mòr Eilean Faileas nan Réul."Nis," ars' an Seann duine, "tha thu air turus nach 'eilfurasta dhuit a dheanamh. Bhòidich thu nach pòsadh tu gusam faiceadh tu bean a bhitheadh cho bòidheach ri Eala Bhàna' Mhuineil Réidh. Is i sin Nighean Òg Righ a' ChurraichdRuaidh a tha fuireachd 'an Eilean Mòr Spiorad a' Cheò. Thabràthair dhomhsa 'fuireachd an sin, agus bithidh sinn aige 'n172 Sgeulachd air Mac Righ Éirionn agusath oidhche, agus innsidh esan duit gu dé 'bhitheas agad r'adheanamh 'na dhéigh sin. An uair a théid thu air bòrdGonachridhe cuiridh tu 'm mèuran so air barr na saighde, agusleigidh tu as e dìreach anns an athar, agus an rathad a bhitheasam mèuran a' coimhead an uair a thuiteas e leagaidh tu cùrsa a'bhàta. Falbhaidh mise leat, oir cha mhisd' thu mo chuideachadh. Ach bithidh an cùmhnant so agam ort mu'mfalbh mi, gu'n cuir thu air tìr mi 'n so 'n uair a thilleas tu."Moch air an ath mhadainn chaidh iad air bòrd Gonachridhe.Chuir Mac Righ Éirionn am mèuran 'am barr na saighde, leige 'n t-saighead as dìreach anns an athar, agus an rathad a bha'm 'mèuran a' coimhead an uair a thuit e leag e cùrsa na luinge.Sheòl iad air an aghaidh fad an là air a' chuan. Aig cromadhna gréine chunnaic iad fearann air thoiseach orra, agus rinniad dìreach air. An uair a ràinig iad an cladach thubhairt a'chéud Sheann duine ri Mac Righ Éirionn, "Am bheil doshnàthad agad?" Fhreagair e gu'n robh. "Gleidh gu cùramach i, oir is i céud dhearbhadh do dheuchainnean." Thubhairt an dara Seann duine, "Am bheil do mhèuran agad?""Tha," arsa Mac Righ Éirionn. "Gleidh gu cùramach e, oiris e dara dearbhadh do dheuchainnean. Theid thu nis airtìr, agus cumaidh tu dìreach air d' aghaidh gus an ruig thucaisteal mòr. Ma choinnicheas mo bhràthair thu mu'm bithu aig a' Chaisteal bitheadh deagh mhisneach agad, ach murcoinnich is droch comhar e air do shoirbheachadh 'na dhéighsin. Fanaidh sinne 'n so gus an till thu."Léum Mac Righ Éirionn air tìr, agus dh'fhalbh e air athurus a dh'ionnsaidh a' Chaisteil. Bha fhios aige gu'n robhan Caisteal an àit' éiginn 's an Eilean, ach cha robh e 'gafhaicinn. Bha e 'cumail a shùla gu géur roimhe féuch amfaiceadh e 'n duine 'tighinn. Ach an àite Caisteil no duine 'sann a chunnaic e badan do cheò druidheachd air thoiseach air.Cha deachaidh e ro fhad' air aghaidh 'n uair a sgaoil am badanceò, agus a dh'fholuich e bhuaith' an dà chuid talamh agusathar. Thubhairt e 'n so ris féin gu'n robh e deas, a chionnnach b' urrainn e 'n Caisteal fhaicinn, agus nach b' urrainnduin' anns a' Chaisteal esan fhaicinn tromh 'n cheò. Anns aneagal sin sheas e fàr an robh e. 'An ùine ghoirid thàinig oiteagNighean Righ a' Churraichd Ruaidh. 173fhann ghaoith bharr na mara a sguab air falbh an ceò, agus anuair a chaidh an ceò seachad chunnaic e 'n Caisteal air thoiseach air. Chum e dìreach g'a ionnsaidh, ach cha robh duineri fhaicinn roimhe. An uair a thàinig e fo dhubhar bhallachana' Chaisteil thug e 'n aire do Sheann duine 'tighinn a mach airan dorus, agus a' gabhail 'na choinneamh. Thubhairt anSeann duine, "A Mhic Righ Éirionn, ghabh thu 'n t-eagal, achna caill do mhisneach. Tha mòran agad ri dhol troimhefhathast, mu'm faigh thu Deàrsadh-gréine. Ach thig a's tigh,agus innsidh mise dhuit ni éiginn a bhitheas a chum d'fhéum."Chaidh e 's tigh. "Nis," ars' an Seann duine, "so dhuitsiosar, agus so bogha agus saighead. Anns a' mhadainn ammàireach seasaidh tu air a' Chreig Mhòir a tha cùl a' Chaisteil,agus cuiridh tu 'n siosar' air barr do shaighde, agus leigidh tuas i dìreach anns an athar. An rathad a bhitheas an siosar a'coimhead an uair a thuiteas e sin an rathad a dh'fhéumas tusad' aghaidh a chur. Is iad na trì Ealachan a chunnaic thu trìnigheannan Righ a' Churraichd Ruaidh a tha 'fuireachd fad'air falbh anns an Eilean so. Tha e 'gan gleidheadh fogheasaibh gus an tig curaidh g'an iarraidh mar tha thusa.An sin togaidh e na geasan diù, agus bithidh iad 'nan trìòighean maiseach. Thàinig iomad curaidh romhads' air anson, ach bha na déuchainnean a leagadh orra cho cruaidh a'snach do bhuanaich aon aca té de na h-igheannaibh. Ach o'nfhuair thusa air d' aghaidh cho fada ri so cuidichidh mise leat'an aon ni 'is urrainn mi 'dheanamh air do shon. Tha na trìealachan a' snàmh an ceart uair so air Lochan Sèamh GàraidhMhòir Chraobh nan Ùbhlan Òir 's an Eilean Uaine 'n iomallan Domhain Toir. An uair a ruigeas tu 'n Lochan èulaidhidhtu orra le d' shaighead, cuiridh tu do shnàthad 'na barr, aguscuimsichidh tu i air an té air am bheil do mhiann. Cho luath's a bheanas an t-snàthad dhi itealaichidh an trì air falbh o'nLoch, agus cha stad iad gus an ruig iad Caisteal Mòr Righ a'Churraichd Ruaidh, an athair."Air an ath mhadainn chaidh e mach, agus ràinig e mullachna Creige Mòire 'bheir cùl a' Chaisteil. Chuir e 'n siosar airbarr na saighde, agus leig e as dìreach anns an athar i, agus 'n174 Sgeulachd air Mac Righ Éirionn agusuair a thuit i bha 'n siosar a' coimhead air a' mhuir fo'n àites an robh e 'na sheasamh. An sin dh'fhalbh e 'n rathad abha 'n siosar a' coimhead gus an d' ràinig e taobh na mara.Ach ni b' fhaide na sin cha b' urrainn e dol. Thubhairt e 'nso ris féin gu'n tilleadh e, agus gu'n tugadh e leis Gonachridh. Ach mu'n d' fhalbh e thug e sùil agus chunnaic e a'Mhaighdean-mhara 'n oir na tuinne air thoiseach air."A Mhic Righ Éirionn," thubhairt i, "tha thu smaointeachadh air tilleadh agus Gonachridh a thabhairt leat do'nEilean Uaine, ach cha dean i 'n gnothuch dhuit. Oir cho luath's a dh'fhalbhadh tu leatha dh'éireadh ceò drùidheachd bharran Eilein, agus chuireadh e cho fad' air seachran sibh 'us nachruigeadh sibh fearann gu bràth. Ach an là 'thug thu dhomh-sa mo chochull gheall mi 'bhi 'm bhan-charaid mhaith dhuit,agus cuideachadh leat 'an àm do chruaidh-chàis. Agus a nisni mi fuasgladh ort as a' chàs anns am bheil thu. Thig agussuidh air an earball agamsa, agus cha chuir ceò druidheachdEilein Mhòir Spiorad a cheò mis' air seachran gus an cuir mithu air tìr gu sàbhailt' anns an Eilean Uaine 'n iomall anDomhain Toir. Ach ged chuireas mi 'n sin thu cha toir mi asthu. Theid an Seann duine leis an robh thu 'n raoir air bòrdGonachridhe còmhla ri càch, agus ruigidh iad thu 'n àm d'fhéuma. Ach, a Mhic Righ Éirionn, seall nach caill thu domhisneach gus an tig iad."An sin shuidh e air earball na Maighdein-mhara. Chuir isea h-aghaidh ris a chuan, agus shnàmh i air falbh le luathas mòr.Cha deachaidh iad ro fhad' air an aghaidh 'n uair a thug esanan aire do bhadan ceò ag éiridh bharr an Eilein. Bha 'n ceò'tighinn 'nan déigh, agus a' buidhinn orra gu luath. An ùineghoirid rug e orra, agus chòmhdaich e iad féin agus a' mhuir.Agus bha e cho dòmhail 'us nach faiceadh e bho h-earball ceannna Maighdein-mhara. An sin thubhairt i, "A Mhic RighÉirionn, gu dé 'dheanadh tu féin agus do Ghonachridh a nis?""Oh, gu dé ach gu'n caillinn mo chùrsa, agus nach bitheadh fiosagam ceana 'bhithinn a' dol," ars' esan. Dh'fhàs an ceò rothiugh agus ro dhorcha 'nis, agus thubhairt a' Mhaighdean-mhara ris, "Ge b' e nì a chì no chluinneas tu féuch nachcaraich thu do cheann a null no' nall, agus nach freagair thuNighean Righ a' Churraichd Ruaidh. 175facal a théid a ràdh riut gus am bruidhinn mise. Is coingeisleamsa falbh air uachdar na mara no fo'n mhuir. Tha mi'nis dol a chur mo chinn fodha, agus an sin cha chuir ceòEilein a' Cheò as mo chùrsa mi."Air dhi so a ràdh thug i a ceann fo'n uisge, agus dh'fhalbhi le luathas mòr. Bha Mac Righ Éirionn 'ga fhaicinn féin 'na ònar a nis, agus bhuail eagal gu'm faodadh e tuiteam bharrearbaill na Maighdein-mhara e. Ach chuimhnich e air a comhairle, agus rinn e mar dh'iarr i air. Cha deachaidh iad rofhad' air an aghaidh 'n uair a dh'fhairich e plub laimh ris.Thug e claon-shùil thar a ghualainn, agus bha leis gu'm fac' eboirionnach anns an uisge. An sin chunnaic e làmh anns anuisge, agus chual e guth 'g ràdh, "A Mhic Righ Éirionn,thoir dhomh do làmh, oir tha mi 'gam bhàthadh. Dhì-chuimhnich e 's an àm a ghealladh, agus bha e dol a bhreithair laimh oirre 'n uair a chuir a' Mhaighdean-mhara a ceann anuachdar, agus a ghlaodh i ris, "A Mhic Righ Éirionn, thoir anan aire ort féin, agus cuimhnich cean' a tha thu 'dol. Thathu féin 'an cunnart a's mò gu mòr na tha 'n té sin. Is coingeis leatha muir no athar. Seall gu'm bi thu air d' fhaicillnach tig i rathad eil' ort."Air dhi so a ràdh thug i 'ceann fodha ris, agus shiubhail ile luathas anabarrach gus an do ghlan an ceò air falbh. Thugi 'n sin a ceann an uachdar, agus dh'fhalbh i air aghaidh namara gus an d'thàinig iad an sealladh fearainn. Cho luath 'sa chunnaic Mac Righ Éirionn am fearann air thoiseach air dh'éirich inntinn cho mòr 'us gu'n do chaill e cuimhn' air gacheagal agus àmhghar tromh 'n d'thàinig e. An uair a bhaiad a' dlùthachadh ri tìr thàinig faoileann ag itealaich os acheann, agus thubhairt i ris, "A Mhic Righ Éirionn, so dhuitsgrìobhadh: éirich agus beir air uam." Ach chuimhnich eghealladh, agus cha do fhreagair e i. "A Mhic Righ Éirionn,"ars' i rithist, "beir air an sgrìobhadh uam, agus innsidh e dhuitrud air nach 'eil fhios agad." Ach chuimhnich e 'n darah-uair air a ghealladh, agus cha do fhreagair e i. An uair abha iad fagus do thìr thug àilleachd an fhearainn air thoiseachorra, agus briadhad nan craobh fo 'm meas aire gu buileach ogach ni a dh'iarradh air agus a gheall e 'dheanamh. Anns an176 Sgeulachd air Mac Righ Éirionn agusdoille sin theirinn an fhaoileann an treas uair, agus thubhairt i,"A Mhic Righ Éirionn, beir air an sgrìobhadh so, oir is ann od' mhuime 'tha e, 'gad' chuireadh gu banais do bhràthar."Cho luath 'sa chual e ainm a bhràthar 'ga luaidh thug e éiridhair féin, agus shìn e 'làmh a bhreith air an sgrìobhadh. Dh'fhairich se e féin ag aomadh thairis, agus a' dol a thuiteam annsan uisge. Bha fhios aige na'n tuiteadh e 's an uisge gu'mbitheadh e caillte. Ach thug a' Mhaighdean-mhara 'n aireciod a bha dol a thachairt, agus ghlaodh i ris a ris, "A MhicRigh Éirionn, nach cuimhnich thu do ghealladh?" Ach dh'aom esan cho fada thairis 'us gu'm b' ann 's an uisge 'bhitheadhe mur bhi gu'n robh e cho dlùth do thìr, agus gu'n do thilgi le aon bhreab d' a h-earball air talamh tioram e."Nis," thubhairt i, "tha thu air tìr. Seall gu'm bi thudìleas, agus nach dìchuimhnich thu ni a thubhairt mise riut.Na caill do mhisneach, oir thig Gonachridh gu d' iarraidh.Théid thu air d' ais leatha gu Eilean Mòr Spiorad a' Cheò.'Nuair a ruigeas tu 'n t-Eilean sin coinnichidh Righ a' Churraichd Ruaidh le thrì nigheannaibh thu air a' chladach, agustheir e riut gu dé 'tha thu 'g iarraidh, no gu dé 'th' agad r'athabhairt seachad. Their thu ris ma thig e féin agus anigheannan air bòrd gu'n leig thu fhaicinn doibh gu dé 'th'agad. Thig iad, agus sìnidh tu 'n t-snàthad do'n Righ, agusinnsidh an treas Seann duine dhuit gu dé 'ni thu 'na dhéighsin. Cuir do bhogha 's do shaighead 'an òrdugh, agussiubhail romhad gu Lochan Sèamh Gàraidh Mhòir nanÙbhlan Òir, agus féuch gu'm bi do chuimse math. Aonchomhairl' eile: Air muir no air tìr, 'an cruaidh-chàs no 'néiginn air bith 's am bi thu seall nach dìchuimhnich thu doghealladh 'am fad a's beò thu. Mo bheannachd leat. Cha-neil féum tuillidh agad ormsa."Dh'falbh e 'n sin a dh'ionnsaidh an Lochain. Mar bha edol air aghaidh bha gach ni a' fàs ni 'bu bhriadha gus mudheireadh an robh aìlleachd nan craobh agus bòidhichead anfhearainn a' cur as aire 'n gnothuch a bha roimhe. Ach ghradchuimhnich e comhairle na Maighdein-mhara 'bhi air 'fhaicilla' ruigsinn an Lochain. Sùil g' an tug e air thoiseach airchunnaic e 'n Lochan agus na trì Ealachan a' snàmh airNighean Righ a' Churraichd Ruaidh. 177'uachdar. Ghrad leig e air a ghlùinibh e féin, agus dh'fhalbhe a' màgaran agus a' cumail gach craobh agus tolman athachradh air eadar e agus iadsan gus an d' fhuair e 'an astarurchair saighde dhoibh. Chuir e 'n sin a shaighead 'an crois,tharrainn e 'n taifeid, agus le cuimse cho math 's a b' urrainne 'ghabhail leig e air falbh i. Ruith an t-saighead troimh iteachdhroma Eala Bhàn a' Mhuineil Réidh, agus le sgriach ghointeléum i anns an athar, agus dh'itealaich i air falbh 's an dithiseile 'ga leantainn.Chum e a shùil an taobh a ghabh iad gus an deachaidh iadcho fad' air falbh bhuaith 's gu'n do chaill e sealladh orra.Cha robh aige 'n sin ach falbh an taobh a ghabh iad, agus chume air gus an d' ràinig e taobh na mara. N'a b' fhaide na sincha b' urrainn e dol.Bha e 'siubhal air ais agus air aghaidh, a' cumail a shùl annsgach oisinn, feuch am faiceadh e a' Mhaighdean-mhara, ach gusan do chuimhnich e gu'n d'thubhairt i ris nach faiceadh e isetuillidh. An sin thug e togail air a shùil ris a' mhuir,agus chunnaic e Gonachridh a' tighinn. Dh'éirich amhisneach, ghabh e direach 'na coinneamh, agus b' iad nacéud fheadhainn a chunnaic e air bòrd oirre na trì Seannbhràithrean.Cho luath 's a ràinig Gonachridh an cladach chaidh e airbòrd, agus dh'iarr e air an Sgioba 'cur mu'n cuairt. Rinniad sin. Shuidh e féin an sin aig an stiùir, agus leag e cùrsana luinge cho dìreach 's a b' urrainn e 'n taobh a ghabh nah-ealachan. Chum e oirre gus am fac' e fearann fad' as a'tighinn 's an fhradharc', ach ma b' fhada bhuaith' e cha b'fhada 'ga ruigheachd.An uair a bha iad dlùth do thìr thubhairt an treas Seannduine, "A Mhic Righ Éirionn, cho luath 's a ruigeas sinn ancladach chi sinn Righ a' Churraichd Ruaidh agus a thrìnigheannan a' feitheamh oirnn. Is e a' cheud ni a dh'fheòraicheas e dhìot 'gu dé 'tha thu 'g iarraidh no gu dé 'th'agad r'a thabhairt seachad?' Bheir thu 'n aire nach téid thuair tìr, ach their thu ris ma thig e féin agus a nigheannan airbòrd gu'n leig thu fhaicinn doibh cuid de na nithibh a th'agad ri thabhairt seachad. Thig iad air bòrd, agus sìnidh tuN178 Sgeulachd air Mac Righ Éirionn agus'n sin do'n Righ an t-snàthad an toiseach, am meuran a rìs,agus an Siosar mu dheireadh. An sin sìnidh esan iad aon andéigh aon do thé mu seach d' a nigheanaibh o'n té a's sine gusan té 's bige. Agus ma ghleidheas do roghainn-s' iad bitheadhmisneach mhath agad."Ràinig iad tìr, agus fhuair iad Righ a' Churraichd Ruaidhagus a thrì nigheannan a' feitheamh orra mar dh'innis anSeann duine. Thug Mac Righ Éirionn sùil orra, agus an uaira chunnaic e Nighean Òg Righ a' Churraichd Ruaidh thubhairte, "Sin mo roghainn-sa, oir tha i cho briadha 'm shealladh riEala Bhàn a' Mhuineil Réidh."An sin ghlaodh Righ a' Churraichd Ruaidh, "A Mhic RighÉirionn, gu dé 'tha thu 'g iarraidh an so, no gu dé 'th' agad r'a thabhairt seachad?" Fhreagair Mac Righ Éirionn, "Thami 'g iarraidh agus bheir mi seachad. Ma thig thu féin agusdo nigheannan air bòrd chi sibh cuid de na nithibh a th' agam rithabhairt seachad."Thànaig iad air bòrd. Shìn Mac Righ Éirionn a shnàthaddo Righ a' Churraichd Ruaidh. Dh'amhairc an Righ oirre,agus shìn e i d' a Nighinn Mhòir. Cha do ghabh an NigheanMhòr ach beag suim dhi, agus shìn i do'n Nighinn Mheadhonaich i. Cha do ghabh an Nighean Mheadhonach tuillidhsuim dhi na ghabh an té mhòr, agus shìn i do'n Nighinn Òigi. Ghabh an té so tlachd mòr dhi, agus cha d' fhàg i crò nobarr air nach do choimhead i. An uair a thàinig an t-àm dhia sìneadh air a h-ais bha i mar gu'm bitheadh i duilich dealachadh rithe. Thug Mac Righ Éirionn so fainear, agusthubhairt e rithe ma bha tlachd 's am bith aice do'n t-snàthaidgu'm faodadh i a gleidheadh. Shìn e 'n so am mèuran do'nRigh, shìn an Righ e d' a Nighinn Mhòir, agus shìn nah-igheannan e d' a cheile gus an d' fhàgadh e aig an NighinnÒig mar dh'fhàgadh an t-snàthad. An sin shìn e 'n Siosar do'n Righ, agus dh'fhuirich e còmhla ris na rudan eile aig anNighinn Òig."Nis," arsa Righ a' Churraichd Ruaidh, "a Mhic RighÉirionn, ghabh thusa gaol air Eala Bhàn a' Mhuineil Réidh,agus thug thu bòid 'an Eirinn nach stadadh tu agus nachgabhadh tu tàmh gus am faiceadh tu boirionnach cho briadh'Nighean Righ a' Churraichd Ruaidh. 179ann ad shealladh ris an Eala. Chunnaic thu nis i, agus is isin Deàrsadh-gréine, mo Nighean Òg-sa, agus roghnaich ise thule d' shnàthaid, le d' mhèuran, agus le d' shiosar. Ach mu'nd'thainig thusa thàinig iomad aon 'ga h-iarraidh nach do thillagus nach d' fhuair i; agus cha-n fhaigh thus' i gus an coisinnthu i le déuchainnean a's cruaidhe na so fathast. Thig airtìr, agus falbh leamsa 'dh'ionnsaidh mo Chaisteil, agus mabhuidhneas tu i anns gach déuchainn a chuireas mis' ortgheibh thu i."Thionndaidh Mac Righ Éirionn r'a sgioba, agus thubhairt eriù, "Cha-n 'eil fhios agamsa c'uin' a thilleas mi, ach bitheadhGonachridh agaibhsa deas a dh'fhalbh a là agus a dh'oidhche.Cha till mise gun Deàrsadh-gréine maille rium."Léum e 'n sin air tìr, agus an treas Seann duine còmhla ris.Chum iad air an aghaidh gus an d' ràinig iad Caisteal Righ a'Churraichd Ruaidh. Thug an Righ a's tigh iad do sheòmarbriadha, tharrainn e 'mach bòrd air meadhon an ùrlair, agus fhuaire a dhìsnean. "Nis," ars' e, "a' Mhic Righ Éirionn, theid thuchluich còmhla riumsa, agus ma choisneas tu Deàrsadh-gréineormsa bithidh do chéud déuchainn seachad, ach ma chailleastu caillidh tu do bheatha." Thòisich a' chluich, agus bhuidhinn Mac Righ Éirionn tri uairean an déigh a cheile air Righ a'Churraichd Ruaidh. "Mata," arsa Righ a' Churraichd Ruaidh,"choisinn thu i le cluich nan dìsne, ach cha-n fhaigh thu i lesin fathast. Féumaidh tu déuchainn eile a sheasamh, agus murbuidhinn thu tri uairean an déigh a cheile caillidh tu do bheatharis."Tharrainn e 'n sin brat-sgàil eadar dà thaobh an t-seòmair,agus chuir e a thriùir nigheannan air dara taobh a' bhrait agus dh'fhuirich e féin le Mac Righ Éirionn air an taobh eile. "Nis,"thubhairt e ri Mac Righ Éirionn, "stobaidh mo nigheannan ant-snàthad tromh 'n bhrata tri uairean, agus ma bheireas tus' oirreach 'n uair a bhitheas i aig mo Nighinn Òig caillidh tu dobheatha." Ach bha fhios aig Deàrsadh-gréine romh laimh airan déuchainn, agus chagair i romh laimh 'an cluais Mhic RighÉirionn gu'm b' e crò na snàthaid a chumadh ise ris. ChaidhRigh a' Churraichd Ruaidh a's tigh fo'n bhrat, agus thug e ammeuran do thé d' a nigheanaibh. Thill e 'n sin a mach, agusN 2180 Sgeulachd air Mac Righ Eirionn agusthubhairt e ri Mac Righ Éirionn, "Beir air an t-snàthaid."Thubhairt Mac Righ Éirionn, "Cha bheir mi oirre uaipe sinfathast." Chaidh an Righ a's tigh an dara h-uair, agus thug e'n siosar do thé eile. Thàinig e 'n sin a mach, agus thubhairt eri Mac Righ Éirionn, "Beir air an t-snàthaid." Fhreagair MacRigh Éirionn a rìs, "Cha bheir mi oirre uaipe sin fathast."Chaidh an Righ a's tigh an treas uair, agus thug e 'n t-snàthadd' a Nighinn Òig. Thàinig e mach, agus dh'iarr e air MacRigh Éirionn breith oirre. Chaidh Mac Righ Éirionn a null,agus an uair a chunnaic e crò na snàthaid tromh 'n bhrat rug eoirre."Rinn thu 'n gnothuch," arsa Righ a' Churraichd Ruaidh,"agus gheibh thu i." Chaidh am pòsadh a dheanamh gun dàil,agus an déigh dha 'bhi seachad thubhairt Righ a ChurraichdRuaidh ri Mac Righ Éirionn, "Ma theannas tu ri teicheadhair falbh as an Eilein bithidh do bheatha féin agus beatha domhnatha ris."Thug Mac Righ Éirionn ùine mhath 's an Eilean, ach bha 'nSgioba daonnan a' gleidheadh Gonachridh deas airson falbh.Air oidhch' àraidh an déigh do Righ a' Churraichd Ruaidhtuiteam 'na chadal thubhairt Deàrsadh-gréine r'a fear, "'S enis d' àm agus do chothrom, agus mur gabh thu iad cha-nfhaigh thu iad gu bràth tuillidh." "Togaidh sinn oirnn, agusfalbhaidh sinn mata," ars' esan.Dh'fhalbh iad, agus ràinig iad an cladach. Chaidh iad ansin air bòrd Gonachridh. Ach cho luath 's a bhean cas Deàrsadh-gréine dhi ghlaodh Righ a' Churraichd Ruaidh 'na leaba,"Dh'fhalbh Gonachridh, agus theich Mac Righ Éirionn le m'nighinn." Ach chaidh an Nighean Mhòr a's tigh, agus thubhairt i ris, "Cha do theich; cha-n 'eil thu ach a' cluinntinnfuaim na gaoithe 'dol tromh chraobhan a' ghàraidh." Choluath 's a chuir Gonachridh mar sgaoil ghlaodh e rithist, "ThaGonachridh air falbh, agus theich Mac Righ Éirionn le m'Nighinn Òig. Ach bheir mis' air nach teid e fada gus am bisin daor da."Léum e mach, agus dh'fhalbh e as an déigh. Dh'aithnichDeàrsadh-gréine gu'n robh e 'tighinn, agus thubhairt i r'a fear,"Tha m' athair a' tighinn, agus mur bi thu cruaidh cuiridh eNighean Righ a' Churraichd Ruaidh. 181fodha 'm bàta agus bàthaidh e sinn uile, a chionn cha-n 'eil abhàs air an t-saoghal ach 'an aon bhall-dóbhrain a th' air 'ambonn-dubh¹ na coise."Chunnaic iad e a' tighinn 'nan déigh air an t-snàmh, agus a'cur na mara 'na sradan teine air thoiseach air. Cha b' urrainnMac Righ Éirionn cuimse fhaotainn air bonn a choise cho fad's a bha e 'na dhéigh. Ach an uair a bha e tighinn a nìos ritaobh a' bhàta léum Deàrsadh-gréine agus spìon i 'm boghaagus an t-saighead a lamhan a fir. Chum i 'n sin an t-saigheadri bonn coise a h-athar, agus an uair a bha e dol seachad oirrechuir i anns a' bhall-dóbhrain i. Chuir esan car dh'e annsa' mhuir, agus bha e marbh. Thionn Deàrsadh-gréine 'n sinr'a fear, agus thubhairt i ris, "A Mhic Righ Éirionn, bi dileasdhomh as a dhéigh so, oir mharbh mi m' athair air do shon."Chum iad air an aghaidh gu Eilean Mòr Faileas nan Réul,agus chuir iad air tìr an dara Seann Duine. Cho luath 's abhuail a chasan an cladach thionndaidh e agus thubhairt e, "AMhic Righ Éirionn, o'n bha thu cho math 's do ghealladhdhòmhsa fanaidh tu air aoidheachd còmhla riumsa 'nochd."Dh'fhalbh Mac Righ Éirionn leis an t-Seann Duine, agusràinig iad a Chaisteal. B' e sin an Tigh Mòr àlainn nach fhace riamh a leithid. Bha pailteas do gach biadh agus deoch a b'fhearr na chéile ri fhaotainn a's tigh, agus bha faileas nan réulri fhaicinn ann a mach. Aig an t-suipeir thubhairt an SeannDuine, "A Mhic Righ Éirionn, mur bhi mo bhràthair agusbuaidh a shiosair cha d' fhuair thu Deàrsadh-gréine."Air an ath mhadainn dh'fhàg iad beannachd aig an t-SeannDuine, agus dh'fhalbh iad le Gonachridh. Chum iad air anaghaidh gus an d' ràinig iad Eilean Mòr nam Muca-mara.Chuir iad a' chéud Sheann Duine air tìr, agus cho luath 's abhuail a bhuinn an cladach thionndaidh e mu'n cuairt, agusthubhairt e, "A Mhic Righ Éirionn, fhuair thu leat Deàrsadh-gréine, ach mur bhi mo dhara bràthair agus buaidh a mhéurain cha d' fhuair thu i. Agus mur bhi mi féin agus moshnàthad cha d' amais thu riamh air an àite 's an robh i. Achso Eilean mo ghaoil agus Eilean mo ghràidh! Cha d' fhuair mi182 Sgeulachd air Mac Righ Eirionn agusmo leoir o'n dh'fhàg mi e." An sin shìn e a làmh, agus thug enuas a sgeilp creige slat mhòr iasgaich le driamlaich agus ledubhan, agus le cliob air an dubhan. Thug e aon siabadhmòr leatha mach air an loch, agus dh'iasgaich e muc-mhara,agus dh'ith e i. Thug e 'n sin siabadh an déigh siabaidh, agusmu'n deachaidh Gonachridh a fradharc an Eilein dh'iasgaich agus dh'ith e seachd muca-mara!Sheòl Mac Righ Éirionn air ais a dh'ionnsaidh a' cheartchalaidh 'an Éirinn o'n d’ fhalbh e. An uair a bha e 'dol airtìr thuirt Deàrsadh-gréine ris, "Tha thu 'nis a dol do thigh d'athar far am bheil banais do bhràthar gu bhi air a gleidheadhan nochd. Cho luath 's a chi a' ghalla mhial-choin thu tighinnruithidh i a' d' choinneamh, ach bheir thu 'n aire nach bean i domhìr a d' aodann no 'd' chraicionn, oir ma bheanas cha bhicuimhn' agad gu'm fac thu mise riamh." "A Dheàrsadh-gréine," thubhairt e, "cha-n 'eil nì air an t-saoghal a chuireastus' as mo chuimhne-sa." "Cuimhnich mata ciod a thubhairtmi riut, agus soirbheachadh math dhuit."Dh'fhalbh e, agus an uair a bha e 'dlùthachadh ri Caistealathar thàinig a' ghalla 'na choinneamh, agus mu'n d' fhuair ea làmh a thogail léum i, agus bhuail i e le 'gnos anns a' bhéul.Air ball dhìchuimhnich e gu'm fac e Deàrsadh-gréine riamh.Bhuail e 's tigh do'n chuideachd, agus rinn athair othailmhòr ris, agus nochd a mhuime tuillidh caoimhneis d 'a narinn i riamh roimhe.Thubhairt Déarsadh-gréine ri Sgioba Gonachridh, "Dh'fhalbh am fear ud, phòg a' ghalla mhial-choin e, agus dhìchuimhnich e gu'm fac e mise riamh. Cha till e 'n so gus antéid mis' as a dheigh, agus an toir mi air ais e. Ach fanaidhsibhse air bòrd Gonachridh gus an tig mi."Dh'fhalbh i 'n sin air tìr, agus ràinig i tigh Seann ghobhainna bh' aig an Righ. Dh'iarr i cead fuireachd 's an tigh, achdhiùlt e sin d' i an toiseach, a chionn nach robh àite freagarrach aige d' a leithid do bhean-uasail. Thubhairt i gu'ncuireadh i féin an tigh 'an uidheam na'n leigeadh esan fuireachddh' i. Dh'iarr e oirre dol a's tigh, agus thubhairt e na'mfaigheadh i cead a mhnatha nach bitheadh esan 'na h-aghaidh.Chaidh i 's tigh, agus an uair a chunuaic bean a' ghobhainnNighean Righ a' Churraichd Ruaidh. 183àilleachd a' bhoirionnaich thuirt i gu'm b' e a beatha fuireachdna'n deanadh i i féin toilichte 'na leithid do dh'àite.Chuir i tigh a' ghobhainn 'an uidheam anabarrach briadha lefùirneis agus leis gach ni a bha féumail ann an tigh.Bha tobar mòr laimh ris an lùchairt, agus b' ann as abha 'n t-uisg' air a tharrainn airson féum an Righ. BhaDeàrsadh-gréine gach feasgar a' gabhail sràid rathad an tobair'an dòchas gu'm faiceadh i a fear, ach cha d' fhuair i sealladhdh'e.Air là àraid dh'iarr i air a' ghobhainn coileach òir aguscearc òir a dheanamh dhise. Thubhairt an gobhainn nachrobh de dh'òr aigesan na dheanadh coileach agus cearc.Thubhairt i ris gu'n tugadh i féin da na dh'fhoghnadh.Fhuair an gobhainn an t-òr, agus thòisich e air a' choileach,ach dh'fhairslich air a dheanamh. An sin dh'iarr i 'an t-òrd air, agus 'an ùine ghoirid bha 'n coileach aice deas, agusan sin rinn i a' chearc. Lìomh an gobhainn iad dhi, agus andeigh sin thug i leatha iad a's tigh.An ath oidhche chaidh i a dh'ionnsaidh an tobair. Andéigh dhi a ruigsinn thàinig Àrd-bhuidealair an Righ a dh'iarraidh uisg' a ghlanadh casan an Righ. An uair a chróme os ceann an tobair chunnaic e faileas Dheàrsadh-gréine 's anuisge. Air ball ghabh e gaol oirre, agus cha deanadh ni airbith an gnothuch ach gu'm faigheadh e i r'a pòsadh. Dh'fheòraich i dh'e cò e? Fhreagair e gu'm b' esan Àrd-bhuidealair an Righ. Thubhairt i ris gu'm pòsadh i e air chùmhnantan."Gu dé na cùmhnantan a dh'iarradh tu nach fhaigheadh tu?"thubhairt esan. "Mata, 's iad na cùmhnantan a bhitheas agamort gu'm faigh mi romh laimh céud bonn òir agus searrag dedh'fhìon an Righ, agus gu'm fair thu taobh mo leapa gumadainn. Ma ni thu sin pòsaidh mi thu 'm màireach." Ghealle dhi gach ni a dh'iarr i air.Thàinig e 'n oidhche sin a dh'fhaireadh, agus thuge dhi céud bonn òir agus searrag fhìona. Thubhairt i ris gu'n robh e 'na chleachdainn aicese greis cluiche 'bhi aicemu'n rachadh i 'laidhe. Fhuair i 'n sin an coileach agus a'chearc, agus chuir i air a' bhòrd iad. Léum an coileach agusthug e pioc as a' chirc. "Oh," thubhairt a' chearc, "cha b' e184 Sgeulachd air Mac Righ Eirionn agusdo chomain, agus gu d' chùm mi crò na snàthaid riut." Thugan coileach pioc eil' as a' chirc. "Oh, thubhairt a' chearc,"cha b' e do chomain, 'us gu d' chuir mi air d' earalas thuromh 'n ghalla mhial-choin." Chòrd an sealladh ris a' bhuidealair gu mòr, oir cha-n fhac e riamh roimhe a leithid.An déigh dhi dol a laidhe thubhairt i ris a' bhuidealair deochde'n fhìon a thabhairt di. Chaidh e null a dh'ionnsaidh bùirda bh' aig taobh eile 'n t-seòmair, agus rug e air an t-searraig.Thug e ionnsaidh air a togail, ach cha tigeadh i leis. Lean alàmh ris an t-searraig, an t-searrag ris a' bhòrd agus am bòrdris an ùrlar, 'us anns an t-suidheachadh sin bha e fad na h-oidhche. Air an ath mhadainn thubhairt am boirionnachris, "Gu dé 'bha thu 'deanamh an sin fad na h-oidhche? Anann mar sin a tha thu a' faireadh taobh mo leapa-sa? Bhristthu na cùmhnantan, agus chaill thu 'n t-òr agus mise.""Oh," thubhairt am buidealair, "bha 'n oidhche cho reòta 'usgu d' lean mo làmh ris an t-searraig, an t-searrag ris a' bhòrdagus am bòrd ris an ùrlar, 'us as a so cha-n fhaighinn. Tha 'nt-àm dhomh a bhi aig an tigh, oir ma dh'éireas an Righ mu'nruig mi caillidh mi m' àite."Ghlaodh am boirionnach air a ghobhainn agus thàinig e.Rug e air a' bhuidealair agus thug e slaodadh fuathasach air,ach cha tigeadh e leis. Fhuair bean a ghobhainn uisge teth,agus dhòirt i mu chasan a' bhùird e, agus dh'fhuasgail iad o'nùrlar. Dhòirt i 'n sin an t-uisg' air màs na searraige, agusthàinig an t-searrag o'n bhòrd, ach ged sgald i lamhan abhuidealair, cha tigeadh iad o'n t-searraig. "Oh," ghlaodham buidealair, "tha 'n t-àm a suas, agus féumaidh mi falbh.Dé ni mi?" "Oh, falbh mar th' agad," thubhairt am boirionnach. "Oh, ma chì 'n Righ an t-searrag caillidh mi m' àiteris." "Féumaidh tu, mata, tighinn do'n cheàrdaich. Dh'fhalbh e leatha. Thug i air a' ghobhainn lamhan a' bhuidealair a chumail 's an teine, agus chaidh i féin a shéideadh a'bhuilg. Cha b' fhada gus an do ghlaodh am buidealair aleigeil as, a chionn nach b' urrainn e 'n cràdh a sheasadh ni'b 'fhaide. An uair a bha 'n ùine fagus do bhi suas thubhairti, "Feuchaidh mi aon dòigh eil' ort fhathast." Rug i 'n sin airmàs na searraige, dhòirt i 'm fìon m' a lamhan, agus thàinigNighean Righ a' Churraichd Ruaidh. 185iad o'n t-searraig. "Mata, bho'n fhuair mis' as, cha till mituillidh," ars' am buidealair, agus dh'fhalbh e.Air an ath fheasgar choinnich i Àrd-chòcair' an Righ aig antobar, agus gheall i esan a phòsadh na'm faigheadh i céudbonn òir agus poit de bhrot an Righ, agus na'm faireadh etaobh a leapa gu madainn. Dh'aontaich e ri so a dheanamh,agus thachair gach ni dhasan mar thachair do'n bhuidealairach gu d' lean a làmh ri brod na poite, am brod ris a phoit,agus a' phoit ris an ùrlar.Air an treas feasgar choinnich i Àrd ghille-carbaid an Righ,agus dh'aontaich i esan a phòsadh na'n tugadh e dhi céudbonn òir, agus gu'm faireadh e taobh a leapa gu madainn.Thàinig e gu tigh a' ghobhainn 's an oidhche. Aig àm dol alaidhe chuir am boirionnach an coileach agus a' chearc aira' bhòrd. "Oh, nach bòidheach iad?" ars' esan. "Ambruidhinn iad?" "Bruidhnidh," ars' ise. An sin léum a'chearc 'us thug i pioc as a' choileach. "Oh," ars' an coileach,"thug thu àit' an t-seann ghobhainn fo'n Righ do ghobhainneile." "Am bheil sin ceart," arsa Deàrsadh-gréine ris aghille-charbaid. "Tha," ars' esan. "Mata, bheir thu air aisdha e, mu'm pòs mise thu." Cha d'thubhairt e dad ri so.An sin léum an coileach, agus phioc e 'chearc. "Oh, cha b' edo chomain, 'us gu d' chum mi crò na snàthaid riut," ars' a'chearc.An déigh do'n bhoirionnach dol a laidhe thubhairt i gu d'dhìchuimhnich i 'n dorus a dhùnadh. "Druididh mis' e,"thubhairt an gille-carbaid. Dh'éirich e, agus dhruid e 'n dorus,ach lean a làmh ris a' chrann, an crann ris an dorus, agus andorus ris na ludlain, agus as a sin cha d' fhuair e fad na h-oidhche. Air an ath mhadainn thuirt i ris mar thuirt i ri càch,agus fhreagair esan mar fhreagair càch.Thàinig an gobhainn agus a bhean, agus dh'fheuch iad atharrainn o'n dorus, ach cha b' urrainn iad. Dh'fheuch iad ansin an dorus a tharrainn bharr nan lùdlan, ach dh'fhairslichsin orra. An uair a bha 'n ùine fagus do bhi mach, agus afhuair e pailt uibhir cràidh ri càch, rub am boirionnachìocshlaint r'a lamhan, agus leig i as e.Air an ath oidhche bha a fear a' dol a phòsadh bean-uasal186 Sgeulachd air Mac Righ Eirionn.àrd-inbheach. Fhuair gach duine mu'n Chaisteal cuireadhchum na bainnse. An uair a bha iad uile cruinn bha ni-éiginn d' an dìth, agus b' e sin cuid-èiginn a bheireadh àbhachddhoibh le cleasaibh. Thubhairt am buidealair gu'n robhboirionnach 'an tigh an t-Seann ghobhainn a dheanamh nacleasan a b' iongantaiche 'chunnaic esan riamh. "Oh tha, oirchunnaic mis' i," ars' an t-Àrd-chòcaire. "Oh, chunnaicagus mise, ars' an t-Àrd-ghille-carbaid. "Tha coileach aguscearc aice, agus bruidhnidh iad. Dh'innis iad dhomhsagach ni a rinn mi riamh." "Faigheadh an so i," ars'an Righ.Thàinig Deàrsadh-gréine, ach cha d' aithnich a fear gu'mfac e riamh i. Chuir i 'n coileach agus a' chearc air a' bhòrd.Léum an coileach, agus phioc e a' chearc. "Oh, cha b' e dochomain e, 'us gu d' chum mi crò na snàthaid riut," ars' a'chearc. Léum a' chearc an sin, agus phioc i 'n coileach."Oh, cha b' e do chomain, 'us gu d' bhuidhinn mi tri uaireanthu le m' shnathaid, le m' mhèuran, agus le m' shiosar," ars' ancoileach. Léum an coileach a rìs, agus thug e pioc as a' chirc."Oh, cha b' e do chomain, 'us gu d' mharbh mi m' athair airdo shon," ars' a' chearc. Thòisich Mac an Righ a nis air a'chluasan a bhiorachadh. Léum an coileach agus phioc e a'chearc an treas uair. "Na dean, oir chuir mi air d' earalasromh phòig na galla mhial-choin thu," ars' a' chearc."A Dheàrsadh-gréine! mo ghaol de mhnathan an t-saoghail!"arsa Mac Righ Éirionn, 'us e léum fàr an robh i, a' cur a làmhan m' a muineal, agus 'ga pògadh. Dh'innis e 'n sin do'nchuideachd gu'm b' i Deàrsadh-gréin' a bhean, agus NigheanRigh a' Churraichd Ruaidh. Fhuair bean-na-bainnse cead asiubhail, agus chum iad a suas a' chuilm fad là 'us bliadhna;agus mur d' fhàg iad an Caisteal o sin tha iad ann fhathast.