Archival Reference

SSSA/TA/AT313/004

School of Scottish Studies W & S II

Transcript

AI
I.
MAC RÌGH EIRINN.
BHA aon mhac aig righ Eirinn, 's bha e fìor
thoigheach air a bhi' sealgaireachd. Bha e là
'sealgaireachd, agus mharbh e fitheach mòr,
dubh. Thog e 'na làimh am fitheach, agus dh'
amhairc e air. Bha fuil a' tighinn a ceann an
fhithich far an deachaidh an luaidh ann, agus
thubhairt e ris fhéin, "Cha phòs mi té gu bràth
ach té 'bhios a falt cho dubh ri iteagan an
fhithich, agus a gruaidh cho dearg ri fuil an
fhithich."
Chaidh e 'n sin dhachaidh feasgar, agus thu­
bhairt 'athair ris, "An d' rinn thu sealg mhath
an diugh?"
Thubhairt an gille ris, "Cha d' rinn; cha do
mharbh mi ach aon fhitheach. Thubhairt mi
rium fhéin nach pòsainn té sam bith nach biodh
a ceann cho dubh ri it' an fhithich, 's a gruaidh
cho dearg ri fuil an fhithich."
Thubhairt 'athair an sin ris, "Cha'n 'eil e
cho furasd' a leithid sin fhaotainn."
Thubhairt an gille, "Falbhaidh mi air feadh
gach àite dh'fheuch am faic mi a leithid."
Thubhairt 'athair, "Tha thu gòrach dol a'
dheanamh a leithid sin."
4
Mac Rìgh Eirinn.
Thubhairt a mhac, "Tha sin 's a roghainn
a bhi dha; falbhaidh mi co dhiubh."
Dh'fhàg e 'n sin beannachd aig 'athair, 's dh'
fhalbh e. Mar bha e 'gabhail air 'aghaidh 's a'
deanamh forfhais mu 'leithid fhuair e fios c'àit
an robh a leithid ri 'fhaotainn, agus dh'fheòruich
e c'àit an robh i. Thubhairt iad ris gu'm bu
nighean do rìgh an domhain mhòir i, gu'n robh
triùir pheathraichean ann, agus gu'm b' ise 'n té
'b' òige dhiubh. Ghabh e air 'aghaidh an sin,
agus ràinig e ceàrdach anns an robh gobhainn
ag obair, agus bhuail e 'n dorus. Dh'fhosgail
an gobhainn an dorus, agus thubhairt e ris,
"Oh! thig a-stigh; 's e duine sona 'bhios
annad."
Thubhairt an gille, "Mata, cha'n eil 'fhios
agam fhèin co dhiubh. Cia-mar tha 'fhios
agad gu'm bi mi sona?"
"Innsidh mi sin duit," ars' an gobhainn.
"Tha mise 'g obair an so air snàthaid mhòir,
agus dh'fhairlich orm an crò a chur ìnnte
gus an do bhuail thusa 'n dorus; an sin chaith
agam air a' chrò a dheanamh air an t-snàthaid.
Suidh agus innis dhomh do naigheachd. Cia as
a thainig thu, agus co thu?"
Thubhairt an gille ris, "Is mac do rìgh
Eirinn mi."
Thubhairt an gobhainn ris, "C'àit am bheil
thu 'dol?"
6
Mac Rìgh Eirinn.
Thubhairt an gille ris, "Innsidh mi sin duit.
Chuala mi iomradh air nighean rìgh an domhain
mhòir, agus tha mi falbh air a tòir los gu'm faic
mi sealladh dhi, agus gu'm bruidhinn mi ri h­
athair dh'fheuch an toir e dhomh i ri 'pòsadh."
"U!" thubhairt an gobhainn, "tha fios gu'm
faigheadh mac rìgh Eirinn nighean rìgh an
domhain mhòir. Dh'innis mi dhuit cheana
gu'm biodh tu sona. 'S ann do rìgh an domhain
mhòir a tha 'n t-snàthad air am bheil mise 'g
obair; agus gheibh thu 'n t-aiseg am màireach
leotha, agus bruidhnidh mi-fhéin air do shon
iad a thoirt duit an aisig. Bithidh tu còmhla
rium fhéin a nochd, agus cha bhi dìth bidh no
leap' ort."
Chuir e seachad an oidhche sin gu sunndach,
gasda leis a' ghobhainn. An là'r na mhàireach
thàinig bàta rìgh an domhain mhòir a dh'
iarraidh na snàthaid, agus bhruidhinn an
gobhainn riù iad a thoirt an aisig don òganach
ud. Thubhairt iad gu'n d'thugadh. "Tha
sinn anabarrach toilichte gu'n robh an t-snàthad
deas 'n uair a thàinig sinn," ars' iadsan, "'s nach
ruigeamaid leas a bhi 'feitheamh air a son."
Dh'fhalbh iad an sin agus thill iad dhachaidh
a dh'ionnsuidh tigh rìgh an domhain mhòir,
agus thug iad an t-snàthad do'n rìgh. 'N uair
a chunnaic an rìgh mac rìgh Eirinn dh'aithnich
8
Mac Rìgh Eirinn.
e nach buineadh e do'n àite, agus dh'fheòr­
uich e dheth gu 'dé 'bha dhìth air. Thubhairt
an gille ris gu'n d'thàinig e 'dh'iarraidh té de
na nigheanan aige gu 'pòsadh.
Thubhairt an rìgh ris, "Co leis thu 's cia as
a thàinig thu? Feumaidh gu bheil thu de dh'
inbhe na's urramaíche na tha mise 'smuain­
eachadh 'n uair a tha thu air tighinn a dh'
iarraidh mo nighinn-sa."
Thubhairt an gille ris, "Is mise mac do rìgh
Eirinn."
Thubhairt rìgh an domhain mhòir, "Bha mi
smuaineachadh gu'n d'thàinig thu urramach
mu'n iarradh tu mo nighean-sa. Gheibh thu
mo nighean; ach tha trì nithe agad r'a dhean­
amh mu'm faigh thu i."
Thubhairt mac rìgh Eirinn ris, "Ni mi na
nithe sin ma's urrainn domh"; agus dh'fheòraich
e gu 'dé na nithe a bh' ann.
Thubhairt an rìgh ris, "Tha bàthaiche mòr
agam airson cruidh, agus tha seachd lànainean
ann, agus tha thu ri gach salachar a th' ann a
chur a-mach an diugh, agus feumaidh e 'bhi cho
glan 's gu'n ruith ubhal òir o'n dàrna ceann gu
ruig an ceann eile."
Thug an rìgh e 'dh'ionnsuidh a' bhàthaiche,
's leig e fhaicinn da e. Thòisich e 'n sin air a
ghlanadh a-mach, agus mar a chuireadh e 'mach
e thigeadh a dhà uiread a-stigh. Bha e 'g obair
10
Mac Rìgh Eirinn.
air an sin, 's e 'ga shàrachadh, 's cha b' urrainn
e 'ghlanadh, agus thubhairt e ris 'fhéin, "B'
fheàrr leam nach d'thàinig mi riamh a dh'
iarraidh nighean rìgh an domhain mhòir."
Mu dhà uair dheug a là thàinig triùir nighean­
an an rìgh an rathad a ghabhail sràid, agus thu­
bhairt an té 'bu shine ris, "Tha thu 'gad shàr­
achadh, a mhic rìgh Eirinn."
"Tha," ars esan.
"Na'n soilinn," ars' ise, "gur h-ann air mo
thòir-sa 'thàinig thu chartainn am bàthaiche air
do shon."
Thubhairt an té mheadhonach an ni ceudna,
agus thubhairt an té òg; "Co dhiubh is ann no
nach h-ann air mo thòir-sa 'thainig thu cartaidh
mise 'm bàthaiche, 'mhic rìgh Eirinn." An sin
thubhairt i, "Cart, cart, a chromain, cuir a-
mach a shluasaid." Chaidh am bàthaiche a
chartadh an sin gu grinn gus an ruitheadh ubhal
òir o cheann gu ceann deth. Thill triùir nigh­
eanan an rìgh, agus dh'fhàg iad esan aig a'
bhàthaiche.
An là sin fhéin thàinig an rìgh a 'dh'ionn­
suidh a' bhàthaiche, agus thubhairt e, "A mhic
rìgh Eirinn, am bheil am bàthaiche glan?"
"U! tha," arsa mac rìgh Eirinn.
"Tha mi ro bhuidheach dhiot cho glan 's a
rinn thu e," ars' an rìgh.
12
Mac Rìgh Eirinn.
Thubhairt mac rìgh Eirinn an sin, "Am
faigh mi 'nis do nighean?"
Thubhairt rìgh an domhain mhòir, "Tha
tuilleadh agad ri 'dheanamh am màireach.
Tha 'm bàthaiche agad ri 'thubhadh am
màireach le iteagan ian. Bithidh bun gach
iteig a-stigh 's a bàrr a-mach. Bithidh aon
snàthainn suarach sìoda cumail dìon a dhroma
ris an tigh."
Thubhairt mac rìgh Eirinn, "An toir sibh-
fhéin dhomh na h-iteagan?"
"Cha toir," ars' an rìgh; "ach feumaidh tu-
fhéin an trusadh anns gach àit am faigh thu iad."
An là'r na mhàireach thòisich e air trusadh
nan iteag feadh a' chladaich. 'N uair a thrusadh
e làn an dùirn, 's a chuireadh e air a' bhàthaiche
e thigeadh oiteag ghaoithe, agus sguabadh e
air falbh e. Thubhairt e ris fhéin, "B' fheàrr
leam nach d'thàinig mi riamh a dh'iarraidh
nighean rìgh an domhain."
Mu dhà uair dheug a là thàinig triùir nigh­
eanan rìgh an domhain a ghabhail sràid an
rathad a bha e. Thubhairt an té 'bu shine
dhiubh, "A mhic rìgh Eirinn, tha thu 'g ad
shàrachadh fhéin a' tubhadh a' bhàthaiche.
Na'n saoilinn gur h-ann air mo thòir fhéin a
thàinig thu thubhainn am bàthaiche air do
shon. Thubhairt an té mheadhonach an ni
14
Mac Rìgh Eirinn.
ceudna. Thubhairt an té òg, "Co dhiubh is ann
no nach ann air mo thòir-sa 'thàinig thu, 'mhic
rìgh Eirinn, tubhaidh mise 'm bàthaiche air do
shon." Chuir i 'làmh 'na pòca, 's thug i 'mach
feadag, agus shéid i 'n fheadag; agus thàinig
na h-eòin agus chrath iad iad-fhéin os ceann a'
bhàthaiche, agus bha 'm bàthaiche air a thub­
hadh le iteagan nan ian, bun gach aon it' a-stigh
is bàrr gach aon it' a-mach, agus aon snàthainn
suarach sìoda cumail dìon a dhroma ris.
Thill clann an rìgh dhachaidh, 's dh'fhàg iad
esan aig a' bhàthaiche. Thàinig an rìgh an
rathad an là sin fhéin far an robh e, agus thub­
hairt e ris, "A mhic rìgh Eirinn, tha mi 'faicinn
gu'n do thubh thu 'm bàthaiche; tha mi fad' ad
chomain, ach chan eil mi buidheach de'n aon a
dh'ionnsaich dhuit e."
Thubhairt mac rìgh Eirinn ris an rìgh, "An
toir thu dhomh a nis do nighean?"
"Cha'n fhaigh thu i an diugh fhathast," ars'
an rìgh: "tha tuilleadh agad ri 'dheanamh am
màireach." An sin thill an rìgh dhachaidh.
Am màireach chunnaic mac rìgh Eirinn rìgh
an domhain, agus thubhairt rìgh an domhain
ris, "Tha còig ealachan agam; agus théid thu
g'an gleidheil; agus ma leigeas tu air falbh
iad théid do chrochadh; ach ma gheidheas tu
iad gheibh thu mo nighean."
16
Mac Rìgh Eirinn.
Chaidh e 'n sin a bhuachailleachd nan ealachan,
agus dh'fhairslich air an gleidheadh; theich
iad air falbh air. Dh'fhalbh e, 's shuidh e mar a
bh' aige, agus thubhairt e ris fhéin, "Is bochd
gu'n d' fhàg mi tigh m' athar a dh'iarraidh a'
bhoirionnaich. Shoirbhich gach ni leam gus a
so, ach tha 'n ni so air tighinn ann am aghaidh."
Mu dhà uair dheug a là thainig triùir nigh­
eanan an rìgh a ghabhail sràid an rathad a bha e;
agus thubhairt an té 'bu shine dhiubh, "Tha na
h-ealachan air teicheadh ort, a mhic rìgh Eirinn."
"Tha," arsa mac rìgh Eirinn, "agus cha'n
urrainn domh-sa am faotainn; chaidh iad a-
mach air an loch orm gun taing."
Thubhairt ise ris, "Mata, a mhic rìgh
Eirinn, na'n saoilinn gur h-ann air mo thòir a
thàinig thu gheibhinn-sa na h-ealachan duit."
Thubhairt an té mheadhonach an ni ceudna.
Thubhairt an té òg, "Co dhiubh is ann no
nach ann air mo thòir-sa' thàinig thu gheibh
mise na h-ealachan dhuit." An sin shéid i 'n
fheadag a bh' aice, agus thill na h-ealachan
dhachaidh.
Bha e 'n sin 'gan gleidheadh; agus thàinig
an rìgh feadh an là far an robh e, agus thub­
hairt e ris, "Tha mi 'faicinn gu'n deachaidh
agad air na h-ealachan a ghleidheadh, a mhic
rìgh Eirinn."
18
Mac Rìgh Eirinn.
"U! Chaidh," ars esan. "Am faigh mi do
nighean a-nis?"
"Cha'n fhaigh," ars an rìgh: "tha rud beag
fhathast agad r'a dheanamh, agus 'n uair a ni
thu e gheibh thu i."
An sin thill mac rìgh Eirinn agus rìgh an
domhain dhachaidh a dh'ionnsuidh a' phailis.
Thubhairt rìgh an domhain ri mac rìgh Eirinn,
"Tha mise 'dol a dh'iasgach am màireach;
agus an t-iasg a gheibh mi feumaidh tusa
'ghlanadh, 's a bhruicheadh dhomh."
An là'r na mhàireach fhuair an rìgh iasg,
agus thug e do mhac rìgh Eirinn e g'a
ghlanadh 's g'a bhruicheadh. "Tha mise dol
a dheanamh greis chadail," arsa rìgh an dom­
hain, "agus biodh an t-iasg bruich agad-sa 'n
uair a dhùisgeas mise."
Thòisich e air an iasg a ghlanadh, agus mar
bha na lannan a' tighinn dheth bha 'dhà uiread
a' dol air; agus cha b' urrainn da'n gnothuch a
dheanamh air. An sin thàinig an té 'bu shine
de na h-igheanan, agus thubhairt i ris, "Na'n
saoilinn gur h-ann air mo thòir-sa 'thàinig thu
ghlanainn an t-iasg air do shon"; agus thubh­
airt an té mheadhonach an ni ceudna. Thubh­
airt an té òg, "Co dhiubh is ann no nach ann
air mo thòir-sa thàinig thu glanaidh mise 'n
t-iasg air do shon."
20
Mac Rìgh Eirinn.
Thòisich i, 's ghlan i 'n t-iasg, agus chaidh a
chur air an teine g'a bhruich. An sin thug i
mac an righ an uaigneas a bhruidhinn ris, agus
thubhairt i ris, "Feumaidh tusa 's mise teich­
eadh còmhla mu'n dùisg m' athair. Chaidh
steud an t-aon 'fhaotainn doibh a stàbull a h-
athar. Theich iad an sin air falbh còmhla.
Thubhairt an nighean òg ri mac rìgh Eirinn,
"Cho luath 's a dhùisgeadh m' athair mharbhadh
e thu-fhéin is mise."
'N uair a dhùisg an rìgh dh'fheòraich e c'àit
an robh mac rìgh Eirinn agus a nighean.
Thubhairt iad ris gu'n do theich iad air falbh
còmhla. Ghabh mac rìgh Eirinn is nighean an
rìgh air an aghaidh cho luath 's a bheireadh
casan an steud iad. Dh'fhalbh an rìgh as an
déigh dh'fheuch am beireadh e orra. Mho­
thaich iadsan tartaraich mhòr as an déigh;
agus thubhairt nighean an rìgh ri mac rìgh
Eirinn, "Seall am faic thu ni sam bith an
cluais an steud."
Thubhairt esan, "Chì mi bioran droighinn
an so."
"Tilg 'ad dhéigh e," ars' ise. Rinn am
bioran coille mhòr anns an robh seachd mìl' air
fad agus tri mìl air leud. Bha mac rìgh Eirinn
air an darna taobh de'n choille agus rìgh an
domhain air an taobh eile dhi. Cha b' urrainn
22
Mac Rìgh Eirinn.
rìgh an domhain faotainn troimh 'n choille leis
cho tiugh 's a bha i. B' fheudar dha tilleadh
dhachaidh agus an tuagh fhaotainn a ghearradh
rathaid troimpe. An sin fhuair e rathad a
dheanamh troimpe. Mhothaich mac rìgh Eirinn
's an nighean òg do'n rìgh a' tighinn as an
déigh a ris. Bha iad-fhéin sgith, 's leig iad
an anail greis; agus leis a so bha 'n tuilleadh
ùin' aig an rìgh gu tighinn a suas riutha. 'N
uair a mhothaich iad e 'tighinn dh'fhalbh iad.
'N uair a bha e 'dlùthachadh orra gu math thub­
hairt an nighean ri mac rìgh Eirinn, "Feuch
'de gheibh thu ann an cluais na steud."
"Chì mi clachag bheag ann," ars' esan.
"Tilg 'ad dhéigh i," ars' ise. Rinn e sin, is
dh'fhàs a' chlach bheag 'na creig mhoir, àird.
Bha seachd mìl' air fad innte agus mìl' air àirde.
Bha 'n rìgh aig bun na creige is iad-san air a
mullach. Thug iad sùil thar bile na creige dh'
fheuch am faiceadh iad cia-mar a rachadh dha.
Sheall e 'n àird os a cheann; agus 'n uair a
chunnaic e nach deanadh e 'n guothuch thill e
dhachaidh. Ghabh iadsan air an aghaidh gu
tilleadh do dh'Eirinn. 'N uair a fhuair iad
thairis do dh'Eirinn, 's iad mar bheagan astair
do phailis rìgh Eirinn thubhairt ise ris, "Cha
téid mise 'dh'ionnsuidh an tighe car tacan.
24
Mac Rìgh Eirinn.
'N uair a théid thusa dhachaidh bithidh an
cuilean a' leum suas ri d' bhroilleach le sodan.
Feuch thusa an cum thu dhiot e; oir ma
bheanas e ri d' eudan cha bhi cuimhn' agad
gu'm fac thu mise riamh."
An sin dh'fhàg iad beannachd aig a chéile,
's chaidh ise dh'fhuireach le gobhainn a bh'
anns an àite. Cheannaich i eudach firionnaich,
's chuir i orr' e. Ràinig i 'n gobhainn, 's dh'
fheòruich i 'n robh gille dhìth air. Thubhairt
an gobhainn gun robh, oir gu'n d' fhalbh an
gille 'bh' aige an dé. Thòisich an gill' ùr an so
air ionnsachadh na goibhneachd, 's bha e 'g
ionnsachadh gu h-anabarrach math, 's a h-uile
duine 'g iomradh air cho briagh 's a bha e.
Thug e bliadhn' aig a' ghobhainn an sin ag
obair. Cha d' fhuair an gobhainn riamh gille
'bha cho teòm' air ionnsachadh agus cho math
ris air a h-uile dòigh.
An sin thàinig iomradh gu'n robh mac rìgh
Eirinn 'dol a phòsadh nighean rìgh Fhara-fo-
thuinn. Còmhla ris a h-uile duine a fhuair
cuireadh gu banais mhic an rìgh fhuair an gob­
hainn cuireadh; agus thubhairt e ris a' ghille
gu'm feumadh e dol còmhla ris a dh'ionnsuidh
na bainnse. Thubhairt an gille ris, "Tha rud
agam ri 'dheanamh 's a' cheàrdaich a bu mhath
leam a bhi agam 'n uair a ghalbhas mi. An
26
Mac Rìgh Eirinn.
toir sibh dhomh 'a cheàrdach a nochd?"
"Bheir," ars' an gobhainn. Rinn gille 'ghob­
hainn cearc òir agus coileach airgid 's a' cheàr­
daich. Air là na bainnse dh'fhalbh e-fhéin 's
an gobhainn a dh'ionnsuidh na bainnse. Chuir
e gràinneanan de spiligeanan cruineachd 'na
phòca mu'n d' fhalbh e. Ràinig iad tigh na
bainnse, pailis an rìgh. 'N uair a chaidh iad
a-stigh bha làn seomair de dhaoine air thoiseach
orra. Dh'aithnich mòran diubh an gobhainn,
's chuir iad fàilt air. Dh'fheòraich iad dheth
am b' urrainn e fearas-chuideachd a dheanamh
a chuireadh an ùine seachad. "Cha'n urrainn,"
ars' esan, "ach dhaoite gu'n dean an gill' agam
an so tacan dibhearsain a thoirt duinn."
Dh'fheòraich iad an sin de'n ghille am b'
urrainn da 'dheanamh, is thubhairt e gu'm
feuchadh e ris. An sin chuir e 'mach air an
ùrlar a' chearc òir 's an coileach airgid, agus
thilg e trì spiligeanan cruineachd g'an ionn­
suidh. Thog an coileach a dhà dhiubh 's cha
d' fhuair a' chearc ach a h-aon. Thubhairt a'
chearc, "Gog! gog!" 's thubhairt an coileach,
"'Dé 'th' ort?"
Thubhairt a' chearc, ris a' choileach, "Am
bheil cuimhn' agad-sa an là 'chart mise 'm
bàthaiche mòr air do shon-sa?"
Thòisich a' chuideachd air gàireachdaich
's air dibhearsain. An sin thilg gill' a' ghob­
28
Mac Rìgh Eirinn.
hainn trì spiligeanan eile mach. Thog an
coileach a dhà dhiubh, 's cha d' fhuair a' chearc
ach a h-aon. "Gog! gog!" thubhairt a' chearc.
"'Dé 'th' ort?" ars' an coileach.
Thubhairt a' chearc ris a choileach, "Na'm
biodh cuimhn' agad-sa an là 'thubh mi 'm
bàthaiche mòr air do shon-sa le iteag nan ian,
le bun gach aon it' a-stigh, 's le bàrr gach aon it'
a-mach, snathainn suarach sìoda cumail dìon
a dhroma ris, cha'n itheadh tusa 'dhà 's mise air
a h-aon."
Sheall mac an rìgh air gill' a ghobhainn agus
thàinig an rud 'na chuimhne, agus thubhairt e
ris, "Feuch am bheil tuilleadh agad a thilgeas
tu g'an ionnsuidh." Chuimhnich e 's a'
mhionaid mar a dh'éirich dha-san 'n uair a
chaidh e 'dh'iarraidh nighean an rìgh, agus
thubhairt e ris-fhéin, "Ma gheibh mi dearbh­
adh eil' air an rud bithidh mi na's cinntiche."
An sin thilg an gille spiligeanan eile 'mach,
agus thog an coileach a dhà, s' cha d' fhuair
a' chearc ach a h-aon. Thubhairt a' chearc an
sin, "Gog! gog!" 's thubhairt an coileach, "'Dé
'th' ort?"
Thubhairt a' chearc, "Am bheil cuimhn'
agad-sa an là fhuair mi na h-ealachan dhuit-sa?
Na'm biodh cha'n itheadh tusa dhà agus mis'
air a h-aon."
30
Mac Rìgh Eirinn.
Thuig mac an rìgh mar bha 'chùis, agus
chaidh e 'nunn, agus chuir e dhà làimh mu'n
cuairt air gille 'ghobhainn, agus thubhairt e, "A
chiall de na mnathan, 's tu 'th' ann"; agus dh'
fhosgail e broilleach gille 'ghobhainn an làthair
na cuideachd, agus leig e 'fhaicinn doibh gur h-e
boirionnach a bh' ann. Gun tuilleadh dàlach
chaidh a toirt a-stigh do sheòmar eile, agus
deise boirionnaich a chur orra. Chaidh slabh­
ruidh òir a chur mu 'muineal, fàinne òir air a
làimh, agus uaireadair òir a thoirt dhi.
Thubhairt e ris an té bha e 'dol a phòsadh,
"So an té chaidh mi a dh'iarraidh, 's cha
ghabh mi té eil' ach i, a chionn thàinig mi
troimh mhòran dheuchainnean is chunnartan
air a son. Ma thogras tusa fan, agus gheibh
thu do chuid de dh'fhearas-chuideachd na
bainnse; 's mar togair, faodaidh tu falbh, oir
cha'n 'eil ceangal agad orm." Ghabh an té
bha e 'dol a phòsadh an toiseach 'na àrdan
's 'na thàmailt mhòir e, is dh'fhalbh i. An sin
chaidh mac rìgh Eirinn is nighean rìgh an
domhain a phòsadh air an là sin fhéin leis a'
mhinnistear a bha 'stigh.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.