The Key to the Secret Room
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT312/001
- Date
- 1949
- Item category
- Transcription
- Aarne-Thompson index
- AT0312: The Giant‑killer and his Dog (Bluebeard)
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Embo
- Parish
- Dornach
- Narrator
- John Main Mackay
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT312/001
School of Scottish Studies Log 359
Transcript
AIJohn Main MacKay,Embo, SutherlandLog 359Bha boireannach òg a muigh ann an France agus phòs i lord - - - agus chaidhi, bha i, bha i invited le uaislibh aig bord, bha na h-uaislibh x - - - agusdh'fhalbh i agus thug i leis a piuthar is invite-ig an dà bhràthair aiceairson a bhith aig a' bhord.Thuirt an duine - an lord: "tha mise dul air visit mach as a' bhaile, agustha mi fàgail na fiuchraichean tha so duit agus feumas tu enjoy-igeadhguests (?) tha tighean staigh do'n taigh. Agus tha aon fiuchair ann socha'n fheum thu chuir anns a' ghlas e, agus thug i na mionnan nach cuireadhi anns a' ghlas e. Dh'fhalbh e nis, is e falbh air each, àitean fada as.Agus choinnich e anns an darna leth an rathad fireannach eile air each.Roinn iad an gnothaich oca an ard, agus bha e nis tighean air ais.Chaidh ise bhàn do'n chlòsaid bhan fo'n talamh. Chuir i an iuchair a steach's a' ghlas - - Leis na dh'fhoisg an dorus ann an cabhag, thuit an iuchaira bhàn 's an fhuil, agus dé chunnaig i nuair a dh'fhoisg an dorus, dabhoireannach deug, bha iad marbh 'nan laighe 's an fhuil air muin a chéile.Agus leis an eagail x - - - - an dorus air ais, ghlais i e - - - Bha i nistry-igeil a sgùradh an iuchair, toir an fhuil dheth, is cha doireadh - -an saoghal an - - ropaireachd as.* Thuirt i rithe fhéin: "Dé tha mi nis dodhéanamh? Nitheas e mo mharbhadh, an aon rud is a roinn e mharbhadh naboireannaich a chunnaig mi fo'n talamh." Thainig i nis an ard, is bha ienjoy-igeil i fhéin - cha b' urrainn di enjoy-igeadh i fhéin comhla ris anshluagh, ach bha i try-igeil a dhéanamh e. Is bha i cho geal ris napaipearan leis an eagail.Thàinig a nis an duine air ais, an lord aice. Is e thuirt e rithe:"C'àite bheil na fiuchraichean?" Bha aon fiuchair air miss-igeadh.Thug i an iuchair dhe'n ruig. Agus thuirt e: "C'aite bheil an iuchaira ruige - aig a' chlòsaid, bonn an taighe?" "O, cha'n eil fhios agam.""Tha fios agat c'àite bheil e. Is los gu'n do robh thusa cho - fond -i (?) chur a bhàn anns a' chlòsaid fo'n talamh, bi 's tu fhéin air a chura steach comhla (?) rium, ach (?) an doir thu domh-se an iuchair. Thainigi leis an iuchair chuige is thuirt e: "Connus thainig an fhuil air aniuchair tha sin?" "O, cha'n eil fios agam." "Tha fios agat glé mhaith,bha thu anns a' chlòsaid agus cho chinteach agus a bha thu 'sa' chlòsaid,tha thu do bhith air do mharbhad," an aon rud is a chunnaig i na boireannaichbha fo'n talamh agus bha i nis uamhasach feagaileach. Bha (na) nervesaice troimh chéile. - - Thug i - - - dh'inns i d' a piuthar, bha piutharaice d' an robh Anne. Thuirt i: "Anne, mo phiuthar, ruith an ard gus antower air muin a chaisteil. Bha na bràthraichean agam-sa gealltainn domhgu'n robh iad tighean. Agus feuchain an doir (?) thu sign daibh le aodachgeal bhith crathadh riu, gus an dig iad clever, de bhuil cha'n eil achcairteil na h-uair agam ri bhith beo." Agus thuirt an lord rithe: "Tiga bhàn às sin, no thig mi air do thòir." Agus - - thuirt ise: "Fàg mi,am faigh mi aon urnaigh."Continued on Log 360