A Bhaintreach
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT311/001
- Date
- 1859
- Item category
- Book
- Aarne-Thompson index
- AT0311: Rescue by the Sister
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Town
- Kilmeny
- Parish
- Killarow and Kilmeny
- Collector
- John Francis Campbell
- Narrator
- Catherine Milloy
- Narrator source
- Ms. Hutton
Archival Reference
SSSA/TA/AT311/001
School of Scottish Studies WHT II (PTWH II)
Transcript
AI284WEST HIGHLAND TALES.A BHAINTREACH.BHA baintreach ann roimhe, 's bha tri nigheanan aice, 's is e nabha aice airson am beathachadh gàrradh càil. Bha each mòrglas a' h-uile latha 'tighinn do'n ghàrradh a dh'itheadh a' chàil."Thuirt an té bu shine de na nigheanan r'a mathair theid mised' an ghàrradh an diugh 's bheir mi leam a chuibheal, 's cumaidhmi 'n t-each as a' chàl." "Dean," urs' a mathair. Dh'fholbhi mach. Thainig an t-each. Thug i 'chuigeal as a' chuibheil 'sbhuail i e. Lean a' chuigeal ris an each, 's lean a làmhsa ris a'chuigeil. Air folbh a bha 'n t-each, gus an d' rainig e cnoc uaine,'s ghlaoidh e, "Fosgail, fosgail a chnuic uaine 's leig mac anrigh stigh. Fosgail, fosgail a chnoic uaine 's leig nighean nabaintrich a stigh." Dh'fhosgail an cnoc, 's chaidh iad a stigh.Rinn e uisge blàth d' a casan 's leaba bhog d' a leasan, 's chaidh ilaidhe an oidhche sin. Mochthrath an la'r na mhaireach nur adh'eiridh esan, bha e 'dol a shealgaireachd. Thug e dh'ise iuchraichean an tighe air fad, 's thuirt e rithe gum faodadh i h-uileseombar a stigh fhosgladh ach an t-aon; air na chunnaic i riamhgun am fear sin fhosgladh; a dhinneir-san a bhi aice reidh nur athilleadh e; 's n' am biodh i 'na bean mhath gum pòsadh e i.Nur a dh'fholbh esan thòisich ise air fosglaidh nan seombraichean. A' h-uile fear mar a dh'fhosgladh i bha e' dol na bubhreagha 's na bu bhréagha, gus an d'thàinig i gus an fhear abh' air a bhacail. Their leatha dé 'dh fhaodadh a bhith annnach fhaodadh i fhosgladh cuideachd. Dh'fhosgail i e, 's bha elàn do mnathan uaisle marbh, 's chaidh i sìos gus a' ghlùn annam fuil. Thàinig i mach an sin, 's bha i 'glanadh a coise, 's geda bhiodh i ga glanadh fathast cha b' urrainn i mìr de'n fhuil aA BHAINTREACH.285thoirt di. Thàinig cat crìon far an robh i, 's thuirt i rithe, na 'dd'thugadh i dh'ise deur beag bainne, gun glanadh i 'cas chomath 's a bha i riamh. "Thusa 'bheathaich ghrànnda! bi 'folbhromhad; am bheil dùil agad nach glan mi féin iad na's fheàrrna thusa?" "Seadh, seadh! leig dhuit! Chi thu dé dh'éireasduit nur a thig e féin dachaidh!" Thàinig esan dachaidh, 'schuir ise an dinneir air a' bhòrd, 's shuidh iad sìos aice. Ma'n d'ith iad mìr thuirt esan rithe. "An robh thu a'd' bhean mhathan diugh?" "Bha," urs' ise. "Leig fhaicinn dòmhsa do chas,'s innsidh mi dhuit cò-aca 'bha na nach robh." Leig i fhaicinnda an té 'bha glan. "Leig fhaicinn domh, an te eile," urs' esan.Nur a chunnaic e' 'n fhuil, "O! ho!" urs' e, 's dh'éiridh e, 'sghabh e 'n tuagh, s thug e' 'n ceann di, 's thilg e 'stigh do'nt-seombar i leis an fheadhain mharbh, eile.Chaidh e laidhe an oidhche sin, 's mochthrath an la'r namhàireach dh'fholbh e gu gàrradh na baintrich a rithisd. Thuirtan darna té do nigheanan na baintrich r'a màthair. "Théid mimach an diugh, 's cumaidh mi 'n t-each glas as a' ghàrradh."Chaidh i 'mach a' fuaghal. Bhuail i 'rud a bha aice 'ga 'fhuaghalair an each; lean an t-aodach ris an each; 's lean a làmh ris anaodach. Ràinig iad an cnoc. Ghlaoidh e, mur a bh' àbhaist dharis a' chnoc. Dh'fhosgail an cnoc, 's chaidh iad a stigh. Rinne uisge blàth d' a easan, 's leaba bhog d' a leasan, 's chaidh iad alaidhe an oidhche sin. Mochthrath an la'r na mhàireach bhaesan a' folbh a shealgaireachd, 's thuirt e rithe h-uile seombar astigh fhosgladh, ach an aon fhear, 's air na chunnaic i riamh gunam fear sin fhosgladh. Dh'fhosgail i h-uile seombar gus an d'thàinig i gus an fhear bheag, 's air leahta dé dh'fhaodadh abhith anns an fhear sin na's motha na càch nach fhaodadh i'fhosgladh. Dh'fhosgail i e, 's bha e làn de mhnathan uaislemarbha, 's a piuthar féin 'nam measg. Chaidh i sìos 'ga glùnann am fuil. Thàinig i 'mach, 's bha i 'ga glanadh féin, 's thàinigan cat beag ma'n cuairt, 's thuirt i rithe, "Ma bheir thudhòmhsa deur crìon bainne glanaidh mi do chas cho math 's abha i riamh?" "Thus' a bheathaich ghrannda! Gabh romhad!Am bheil duil agad nach glan mi féin i na's fheàrr na thusa?""Chi thu," urs' an cat, "dé dh'éireas duit nur a thig e feindachaidh." Nur a thàinig e dhachaidh chuir ise sìos an dinneir,'s shuidh iad aice. Thuirt esan rithe. "An robh thu a'd' bheanmhath an diugh?" "Bha," urs' ise. "Leig fhaicinn domh dochas, 's innsidh mi dhuit cò-aca 'bha na nach robh." Leig i286WEST HIGHLAND TALES.fhaicinn da 'chas a bha glan. "Leig fhaicinn domh an te eile,"urs' esan. Leig i fhaicinn i. "O ho!" urs' esan, 's ghabh e 'ntuagh, 's thug e 'n ceann di.Chaidh e 'laidhe an oidhche sin. Mochthrath an la'r namhàireach, urs' an te b' òige r'a màthair, 's i figheadh stocaidh,"Théid mise 'mach le m' stocaidh an diugh, 's fairidh mi 'nt-each glas; chi mi dé thachair do m' dha phiuthair; 's tillidhmi dh'innseadh dhuibhse." "Dèan," urs' a màthair, 's feuchnach fan thu air folbh." Chaidh i' mach, 's thàinig an t-each.Bhuail i 'n stocaidh air an each. Lean an stocaidh ris an each,'s lean an làmh ris an stocaidh. Dh'fholbh iad, 's ràinig iad ancnoc uaine. Ghlaoidh e mar a b' àbhaist da, 's fhuair iad a stigh.Rinn e uisge blàth d' a casan 's leaba bhog d' a leasan, 's chaidhiad a laidhe an oidhche sin. An la'r na mhàireach bha e 'folbha shealgaireachd, 's thuirt e rithise na'n dèanadh i bean mhathgus an tilleadh e, ann am beagan làithean gum biodh iad pòsda.Thug e dhi na h-iuchraichean, 's thuirt e rithe gum faodadh ih-uile seombar a bha stigh fhosgladh ach am fear beag ud, – achfeuch nach fosgladh i 'm fear ud. Dh'fhosgail i h-uile gin; 'snur a thàinig i gus an fhear so, air leatha dé 'bhiodh ann nachfhaodadh i 'fhosgladh, na's motha na càch, Dh'fhosgail i e, 'schunnaic i 'da phiuthar marbh an sin, 's chaidh i sìos g'a daghlùn ann am fuil. Thàinig i mach, 's bha i 'glanadh a cas, 'scha b' urrainn i mìr de'n fhuil a thoirt diu. Thàinig an catcrìon far an robh i, 's thuirt i rithe, "Thoir dhòmhsa deur crìonbainne, 's glanaidh mi do chasan cho math 's a bha iad riamh.""Bheir a chreutair – bheir mise dhuit do dhìol bainne ma ghlanasthu mo chasan." Dh'imlich an cat a casan cho math 's a bhaiad riamh. Thàinig an rìgh an sin dachaidh, 's chuir iad a sìosa dhinneir, 's shuidh iad aice. Ma'n d' ith iad mir thuirt esanrithe, "An robh thusa a'd' bhean mhath an diugh?" "Bha mimeadhonach," urs' ise, "cha'n 'eil uaill sam bith agam r'adhèanadh asam féin." "Leig fhaicinn domh do chasan," urs'esan. "Leig i fhaicinn da 'casan. Bha thusa a'd' bhean mhath,"urs' esan, "'s ma leanas thu mur sin gu ceann beagan làitheanbidh thu fhéin agus mise posda." An là'r na mhàireach dh'fholbh esan a shealgaireachd. Nur a dh'fholbh esan thàinig ancat beag far an robh ise. "Nis innsidh mise dhuit dé 'n dòighair an luaithe am bi thu pòsd' air," urs' an cat. "Tha," urs'ise, "dorlach de sheana chisdeachan a stigh; bheir thu machtri dhiu; glanaidh thu iad; their thu ris an ath oidhche gumA BHAINTREACH.287feum e na tri chisdeachan sin, te ma seach dhiu, fhàgail ann antigh do mhàthar, chionn nach 'eil feum an so orra, gu 'bheil naleòir ann as an ioghnais; their thu ris nach fhaod e gin dhiufhosgladh air an rathad, air no ma dh'fhosglas gum fàgthu e; gun d'théid thu ann am bàrr craoibhe, 's gum bi thu'g amharc, 's ma dh'fhosglas e gin dhiu gum faic thu. Ansin nur a théid esan a shealgaireachd fosglaidh thu 'n seombar; bheir thu 'mach do dha phiuthar; tairnidh thu 'nslachdan draoidheachd orra; 's bidh iad cho beò, shlàn 's abha iad riamh. Glanaidh thu iad an sin, 's cuiridh thu té annsgach cisde dhiu, agus theìd thu féin 's an treas té. Cuiridhthu de dh'airgiod agus de dh'òr anns na cisdeachan nachumas do mhàthair agus do pheathraichean ceart r' am beò.Nur a dh'fhàgas e na cisdeachan ann an tigh do mhathar, 's athilleas e, theid e ann am feirg choimheach. Folbhaidh e 'n singu tigh do mhàthar anns an fheirg so, 's brisdidh e stigh andorus. Bi thusa cùl an doruis, 's thoir dheth an ceann leis ant-sàbh, 's bidh e 'n sin 'na mhac rìgh cho àluinn 's a bha e riamh,'s pòsaidh e thu. Abair ri d' pheathraichean, ma bheir e làmhair na cisdeachan fhosgladh air an rathad iad a ghlaodhach,"Chi mi thu," chi mi thu, "air alt, 's gun saoil' e gur tusa abhios a glaodhach 's a' chraoibh."Nur a thill esan dachaidh, dh'fholbh e leis na cisdeachan, tean deigh te, gus an d' fhàg e 'n tigh a màthar iad. Nur a thàinige gu gleann far an robh e smaointeachadh nach fhaiceadh ise 's a'chraoibh e, thug e làmh air a' chisde leigeil sìos airson faicinn dé'bh' innte. Ghlaoidh an te 'bha 's a' chisde, "Chi mi thu – Chimi thu." "Piseach air do ceann beag, bòidheach," urs' esan,"man am fad' a chi thu." B' e so a bu dual dha air gach siubhalgus an d' fhàg e na cisdeachan air fad an tigh a mathar. Nur athill e dhachaidh air an t-siubhal ma dheireadh, 's a chunnaic enach robh ise roimhe, chaidh e ann am feirg choimheach. Dh'fholbh e air ais gu tigh na baintrich, 's nur a ràinig e 'n doruschuir e roimhe e. Bha ise 'na seasamh air cùl an doruis, 's thugi 'n ceann deth leis an t-sàbh. Dh'fhàs e 'n sin 'na mhac rìghcho àluinn 'sa thàinig riamh. Chaidh e stigh an sin, 's bha iadann an 's bha iad ann an toil-inntinn mhòr. Phòs e fhéin agusise, 's rinn iad banais aighearach shunndach. Chaidh iad dachaidh do'n chaisteal, 's bha iad gu math comhla, 's fhuair amàthair 's a peathreuchean na 'chum gu math r' am beo iad.