A' Mhaighdean Mhara
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT303/009
- Date
- 1850
- Item category
- Book
- Aarne-Thompson index
- AT0303: The Twins or Blood‑Brothers
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Parish
- Inveraray
- Collector
- Hector Urquhart
- Narrator
- John Mackenzie
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT303/009
School of Scottish Studies WHT I (PTWH I)
Transcript
AI86WEST HIGHLAND TALES.A MHAIGHDEAN MHARA.BHA ann roimhe so, sean iasgair bochd, ach air a bhliadhna so,cha robh e faotainn a bheag do dh'iasg. Latha do na laithean 'se 'g iasgach, dh'eirich maighdean-mhara ri taobh a bhàta, 's dh'fheòraich i dheth, An robh e faotainn a bheag do dh'iasg? Fhreagair an seann duine, 's thubhairt e nach robh. "De 'n duais abheireadh tu dhòmhsa airson pailteas éisg a chuir thugad?" "Ach!"ars' an seann duine, "Cha'n 'eil a bheag agamsa ri sheachnadh.""An toir thu dhomh an cèud mhac a bhitheas agad?" ars' ise."'S mise a bheireadh sin dhuit na 'm biodh mac agam; cha robh's cha bhi mac agamsa," ars' esan; "tha mi féin 's mo bhean aircinntinn co sean. 'Ainmich na bheil agud.' Cha'n 'eil agamsaach seann làir eich, seana ghalla choin, mi féin 's mo bhean; sinagadsa na tha chreutairean an t-saoghail mhòr agamsa." "Soagad, mata, trì spilgeanan a bheir thu do d' mhnaoi air an oidhche nochd, agus trì eile do'n ghalla, agus an trì so do'n chapull,agus an trì so mar an ceudna, cuiridh tu air cùl do thighe; agus'nan am fein bithidh triùir mhac aig do bhean, tri searraich aigan làir, tri cuileanan aig a ghalla, agus cinnidh tri chraobhan aircùl do thighe, agus bithidh na craobhan 'nan samhladh; 'nuair abhasaicheas a h-aon do na mic seargaidh té do na craobhan. Nis,thoir do thigh ort, agus coinnich mise dur a bhitheas do mhactri bliadhna 'dh'aois, 's gheibh thu féin pailteas eisg an déighso." Thachair na h-uile ni mar a thubhairt a mhaighdean-mhara;agus bha e féin a faotainn pailteas éisg, ach a nuair a bha ceannnan tri bliadhna a dlùthachadh bha an seann duine a fàs cianail,trom-chridheach, 's e 'dol uaithe na h-uile latha mar bha teachd.Air comhainm an latha, chaidh e' dh'iasgachd mar a b' àbhaist,ach cha d'-thug e mhac leis.Dh'éirich a mhaighdean-mhara ri taobh a bhàta, 's dh'fharraidi, "an d'-thug thu leat do mhac thugam?" "Ach! cha d'-thug,dhi-chuimhnich mi gu 'mi b' e so an latha." "Seadh! seadh!A MHAIGHDEAN MHARA.87mata," ars' a mhaighdean-mhara, "gheibh thu ceithir bliadhn'eile dheth; faodaidh gur ann is usa dhuit dealachadh ris; soagad a chomhaoise," 's i togail suas leanabh brèagha sultmhor,"am bheil do mhac-sa cho brèagha ris?" Dh'fhalbh e dhachaidh làn sodain is solais, a chionn gu'n d' fhuair e ceithir bliadhn'eile d' a mhac; 's bha e 'g-iasgach 'sa' faotainn pailteas éisg. 'Achan ceann na h-ath cheithir bliadhna, bhuail mulad 's bròn e, 'scha ghabhadh e lon 's cha dèanadh e tùrn, 's cha robh a' bhean atuigsinn dè a bha cur air. Air an am so, cha robh fios aige de'dhèanadh e, ach chuir e roimhe, nach d'-thugadh e leis a mhacair an uair so nis mò. Dh'-fhalbh e dh'iasgach mar air nah-uairean roimhe, 's dh'èirich a mhaighdean-mhara ri taobh abhàta, 's dh'fheòraich i dheth, "An d'thug thu thugam domhac?" "Ach dhi-chuimhnuich mi e air an uair so cuideachd,"ars' an seann duine. "Falbh dhachaidh, mata," ars' a mhaighdean-mhara, "agus an ceann seachd bliadhna na dheigh so, thathu cinnteach mis' a choinneachadh; ach cha'n ann an sin is usadhuit dealachadh ris; ach gheibh thu iasg mar a b-àbhaistdhuit."Chaidh an seann duine dhachaidh làn aoibhneis: fhuar eseachd bliadhn' eile d' a mhac! agus mu'n rachadh seachd bliadhna seachad, bha 'n seann duine a smuaineachadh gu'm biodh eféin marbh, agus nach faiceadh e 'mhaighdean-mhara tuillidh.Ach coma co dhiu, bha ceann nan seachd bliadhna so a dlùthachadh cuideachd, agus ma 'bha cha robh an seann duine gunchùram a's trioblaid. Cha robh fois aige a latha na dh'oidhche.Dh'fheòraich am mac bu shine d' a athair, aon latha, an robh niair bith a' cuir dragh air? Thubhairt an seann duine gu'nrobh, ach nach buineadh sin dhàsan, na do neach air bith eile.Thubhairt an t-òganach gu'm feumadh e fios fhaotainn air, 'sdh'innis athair dha mu dheireadh mar a bha chuis eadar e féin'sa mhaighdean-mhara. "Na cuireadh sin cùram 'sam bithoirbh," ars' am mac: "Cha téid, mise na'r n-aghaidh." "Chateid, cha teid, a mhic, ged nach faighinn iasg a chaoidh." "Murleig sibh dhomh dol maille ribh, rachaibh do'n cheàrdach, agusdeanadh an gobha claidheamh mòr làidir dhòmhsa, 's falbhaidhmi air ceann an fhortain." Chaidh athair do'n cheardaich, 'srinn an gobha claidheamh. Rug an t-òganach air 's thug ecrathadh na dhà air, 's dh'fhalbh e 'na cheud spealg. Dh'iarre air 'athair dol do'n cheàrdaich, agus claidheamh eile fhaotainndeanta, anns am bitheadh a dhà airead do chudthrom; agus mar88WEST HIGHLAND TALES.so rinn athair, agus air an dòigh cheudna thachair do'n chlaidheamh; bhrist e na dha leth. Air ais chaidh an seann duinedo'n cheàrdaich, agus rinn an gobha claidheamh mòr; a leithid,cha d' rinn e riamh roimhe. "So agad do chlaidheamh," ars'an gobha, "'s feumaidh an dorn a bhi maith a chluicheas anlann so." Thug an seann duine an claidheamh d' a mhac; thuge crathadh na dithis air; "Ni so feum," ars' am mac, "'smithich a nis triall air mo thuras," ars' esan. Air maduinn anath latha, chuir e dìollaid air an each dubh a bha aig an làir,agus thug e 'n saoghal fuidh' cheann 's an cùth dubh ri thaobh.'N uair a chaidh e greis air aghaidh, thachair carcais caora risaig taobh an rathaid. Aig a charcais bha madadh mòr, seabhag,agus dòbhran. Theirin e bhàr an eich, agus roinn e a' chlosacheadar an triùir. Tri trianan do'n mhadadh, da thrian do'ndòbhran, agus trian do'n t-seabhag. "Airson so," ars' am madadh,"Ma ni luathas chas na géire fiacail cobhair dhuit, cuimhnichormsa, agus bithidh mi ri d' thaobh." Thubhairt an dòbhran,"Ma ni snàmh coise air grunnd linne fuasgladh ort, cuimhnichormsa agus bithidh mi ri 'd' thaobh." Ars' an t-seabhag,"Ma thig cruaidh chàs ort, far an deàn luathas itean na cromionga feum, cuimhnich ormsa, 's bithidh mi ri 'd' thaobh."Ghabh e 'n so air aghaidh, gus an d' ràinig e tigh rìgh, 's ghabh emuinntearas gu bhi 'na bhuachaille, agus 's ann a réir 's na bhitheadh do bhainne aig a chrodh a bhiodh a thuarasdal. Chaidh eair falbh leis a chrodh, ach cha robh an t-ionaltradh ach lom.'Nuair a thàinig an t-anmoch, 's a thug e dhachaidh iad, charobh 'bheag do bhainn' aca, bha 'n t-àite co lom, 's cha robh'bhiadh na 'dheoch ach suarrach air an oidhche so. Air an athlatha, ghabh e air adhart ni b' fhaide leo, agus mu dheireadhthàinig e gu àite anabarrach feurach, ann an gleann uaine nachfac e riamh a leithid. Ach mu am dha dol mu chùl a chruidh gu'n tabhairt dhachaidh, co a chithear a' tighinn ach famhair mòr,'sa chlaidheamh 'na làimh. "HIU! HAU! HOAGRAICH!" ars'am famhair, "'s fada bho'n bha meirg air m' fhiaclan ag iarraidhdo chuid feola: 's leamsa 'n crodh, tha iad air mo chrìch, agus isduine marbh thusa." "Cha dubhairt mi sin," ars' am buachaille; "cha'n 'eil fios nach usa sin a ràdh na dhèanamh."Ann am badaibh a' cheile gabhar e féin 's am famhair. Chunnaic e gu'n robh e fada bho a charaid 's dlu d' a nàmhaid.Tharruing e 'n claidheamh mòr nach fhagadh fuigheal beum, agusdhlùthaich e ris an fhamhair, agus ann am mireadh a chathaA MHAIGHDEAN MHARA.89leum an cù dubh air cùl an fhamhair, 's tharruing am buachaill'a chlaidheamh 's bha 'n ceann do'n fhamhair ann am prioba nasùil. Leum e air muin an eich dhuibh, agus chaidh e shealltainnairson tigh an fhamhair. Ràinig e 'n dorus, agus leis a' chabhaig,a bha air an fhamhair, dh'fhàg e gach geata 's gach dorusfosgailte. 'Steach chaidh am buachaille, agus 's ann an sin a bha'n greadhnachas, òr 's airgiod ann am pailteas, 's trusgain dhethgach seòrsa air am faitheam le òr 's airgiod, 's gach ni burìomhaiche na cheile. Am beul na h-oidche thug e caisteal anrìgh air, ach cha d'thug e dad air bith leis a tigh an fhamhair;agus a nuair a chaidh an crodh a bhleoghan, 's ann an sin a bha'm bainne. Fhuair e de bheatha mhaith air an oidhche so, biadh's deoch gun ghainne, agus bha an rìgh anabarrach toilichte, gu'n d' fhuair e greim air a leithid do bhuachaille. Chaidh e airaghaidh airson ùine air an dòigh so, ach mu dheireadh, dh'fhàsan gleann lom do dh'fheur, agus cha robh an t-ionaltradh chomaith. Ach smaoinich e gun rachadh e air aghaidh beagan nib' fhaide a' stigh air còir an fhamhair, agus faicear pàirce mhòr dofheur. Thill e airson a chruidh agus cuirear a stigh do'nphàirce iad. Cha robh iad ach goirid ag ionaltradh 'sa phàirce,'nuair a thàinig famhair mòr, fiadhaich, lan fearg agus corruich"Héu! hò! hoagraich!" ars' am famhair, "'s e deoch do d'fhuil a chaisgeas mo phathadh a nochd." "Cha'n 'eil fios," ars'am buachaille, "nach fasa sin a ràdh na dheanamh." Ach nacheile ghabh na fir, 's ann an sin a bha 'n crathadh lann. Mudheireadh thall bha coltas air gu'm faigheadh am famhairbuaidh air a bhuachaille. 'N sin ghlaodh e air a chù, agus leaon leum, rug an cù dubh air amhaich air an fhamhair, 's ghradbhuail am buachaille an ceann de.Chaidh e dhachaidh glé sgìth air an oidhche so, ach nu'rthaing, mar a' robh bainne aig crodh an righ! 's bha 'n teaglachair fad co toilichte airson gun d' fhuair iad a' leithid so dobhuachaille. Lean e air a bhuachailleachd air an dòigh so réuine; ach oidhche 's e air tighinn dhachaidh, an àite do'nbhanaraich furan 's fàilte 'chur air, 's ann a bha iad air fad ricumha 's ri bròn. Dh'fhoighneachd e de 'n t-aobhar bròin abha' so an nochd. Thubhairt a bhanarach, gu'n robh beistmhòr le tri chinn 'san loch, agus gu'n robh i ri aon fhaotainn ah-uile bliadhna, agus gu'n d'thàinig an crannchur am bliadhnaair nighean an rìgh, "'s mu mheadhon latha 'màireach, tha iri coinneachainn na huile-bhéist aig ceann shuas an loch; ach tha90WEST HIGHLAND TALES.suiriche mòr an siud a tha 'dol g'a teàrnadh." "De 'n suirichea tha ann?" thubhairt am buachaille. "O! tha Seanalair mòrairm," thubhairt a' bhanarach, "agus a nuair a mharbhas e'bhéist, pòsaidh e nighean an rìgh; oir thubhairt an rìgh 'ge b' ètheàrnadh a nighean, gu 'faigheadh e i ri phòsadh." Ach air anlatha 'maireach, 'nuair a bha an t-am a dluthachainn, dh'fhalbhnighean an rìgh 's an gaisgeach airm so gu coinneamh a thabhairtdo'n bheist, 's rainig iad an Coire dubh aig ceann shuas an loch.Cha robh iad ach goirid an sin 'nuair a ghluais a bhéist ann ammeadhon an loch; ach air do'n t-Seanalair an t-uamhas béiste sofhaicinn le tri chinn, ghabh e eagal, 's shéap e air falbh 's dh'fhalaich e e féin, 's bha nighean an rìgh fo chrith 's fo eagal, gunneach ann a theàrnadh i. Sùil do'n d'thug i faicear òganachfoghainteach, dreachmhor a marcachd each dubh 's a' tighinn faran robh i. Bha e air a sgeadachdainn gu h-anabarrach 's fo lànarmachd 's an cù dubh a' siubhal 'na dhéigh. "Tha gruaim airdo ghnùis, a nighean," ars, an t-òganach; "dé tha thu deanadhan so?" "O! 's coma sin, thubhairt nighean an rìgh, cha'nfhad' a bhitheas mi ann co dhiu." "Cha dubhairt mi sin," ars'esan. "Theich laoch cho coltach riutsa, 's cha'n 'eil fadauaidhe," thubhairt ise. "'S e laoch a sheasas cath," ars' ant-òganach. Shuidh e sìos làimh rithe 's thubhairt e rithe, "Na'n tuiteadh esan 'na chadal, i ga 'dhùsgadh 'n uair a chitheadh i'bhéist a' deànamh airson tìr." "De 's dùsgadh duit," thubhairtise? "'S dusgadh dhomh am fàinne th' air do mheur a chur airmo lughdag." Cha b' fhada bha iad an sin, 'n uair a chunnaic ibhéist a déanamh gu tìr. Thug i 'm fàinne bhàr a meur, 's chuiri air lughdag an òganaich e. Dhùisg e, agus an coinneamh nabéiste ghabh e, le 'chlaidheamh 's le chù; ach 's ann an sin a bha'n t-slupartaich 's an t-slapartaich eadar e féin 's a' bhéist; 'sbha 'n cù dèanamh na b' urrainn e, 's bha nighean an rìgh airbhall-chrith eagail le fuaim na béiste. Bhiodh iad uair fuidhe 'suair an uachdar, ach ma dheireadh, gheàrr e fear do na cinn di;thug i aon raibheic aiste, 's ghoir mac-talla nan creag d' a sgrèuch,'s chuir i 'n loch 'na lasair bho cheann gu ceann, agus ann amprioba na sùla, chaidh i as an t-sealladh. "Piseach 's buaidhgu'n robh ga d' leantainn, òganaich," arsa nighean an rìgh,"tha mise sàbhailt airson aon oidhche; ach thig a bheist arithist, gu bràth gus an d'thig an dà cheann eile dhi." Rug eair ceann na béiste, agus tharruing e gad roimhe 's thubhairt erithe, i ga' thabhairt leatha 'm màireach an sud. Dh'fhalbhA MHAIGHDEAN MHARA.91i dhachaidh 's an ceann air a guallainn, 's thug am buachaille namairt air. Ach cha b' fhada bha i air a' rathad 'n uair a choinnich an Seanalair mòr so i, agus thubhairt e rithe gu marbhadhe i mur canadh i gur esan a thug an ceann do'n bhéist. "O!ars' ise, 's mi their! co eile 'thug an ceann do'n bheist ach thu."Ràinig iad tigh an rìgh 's an ceann air guallainn an t-Seanalair;ach 's ann an so a bha 'n t-aoibhneas, i 'thighinn dhachaidh beòslàn, agus ceann na béiste làn fola aig a Chaiptean mhòr so 'nalàimh. Air an latha 'màireach, dh'fhalbh iad, agus cha robhteagamh sam bith nach teàrnadh an gaisgeach so nighean an rìgh.Ràinig iad an t-àite ceudna, 's cha robh iad fad' an sin, 'n uair aghluais an uile-bheist oillteil ann am meadhon an loch, 's shèapan gaisgeach air falbh mar a rinn e air an lath' dè. Ach cha b'fhad an déigh so, dur a thàinig fear an eich dhuibh 's deis eileair. Coma co dhiu, dh'aithnich i gur e cheart òganach a bh' ann."'S mise tha toilichte d' fhaicinn," ars' ise, "tha mi 'n dòchasgu làimhsich thu do chlaidheamh mòr an diugh mar a rinn thu'n dè; thig a nìos 's leig t-anail." Ach cha b' fhada bha iad ansin, 'n uair a chunnaic iad a bhéist a totail am meadhon an loch.Luidh an t-òganach sìos ri taobh nighean an rìgh, 's thubhairte rithe, "Ma chaidleas mise mu'n d'thig a bhéist, dùisg mi.""De as dùsgadh dhuit?" "'S dùsgadh dhomh a chluais-fhailsin a tha 'na d' chluais, a chuir 'na mo thè féin." Cha mhath achaidil e 'n uair a ghlaodh nighean an rìgh, "Dùisg! dùisg!Ach dusgadh cha dèanadh e; ach thug i chluas-fhail as a cluais,agus chuir i 'n cluas an òganaich e, 's air ball dhùisg e, 's an carna béiste chaidh e; ach 's ann an sin a bha 'n t-slupartaich 's ant-slapartaich, raoiceil, 's taoiceil air a bhéist. Lean iad mar sorè ùine fada, 's mu bheul na h-oidhche, gheàrr e 'n ceann eile do'n bhéist. Chuir e air a' ghad e 's leum e air muin an eich dhuibh,'s thug e 'bhuachailleachd air. Dh'fhalbh nighean an rìghdhachaidh leis na cinn: thachair an Seanalair rithe 's thug euaipe na cinn, 's thubhairt e rithe, "Gu'm feumadh i chantainngu'm b' esan a thug an ceann do'n bhéist air an uair socuideachd." "Co eile a thug an ceann do'n bhéist ach thu?"thuirt ise. Ràinig iad tigh an rìgh leis na cinn, ach 's ann an sina bha 'n t-aoibhneas 's an t-aighear. Mha bha an righ subhachan ceud oidhche, bha e nis cinnteach gu'n teàrnadh an gaisgeachmòr so a nighean, 's cha robh teagamh sam bith nach bitheadhan ceann eile do'n bhéist air an latha màireach. Mu'n amcheudna, dh'fhalbh an dithis air an latha 'màireach. Dh'fhalaich92WEST HIGHLAND TALES.an t-oifigir e féin mar a b-abhaist: thug nighean an rìgh bruaichan loch oirre, 's thàinig gaisgeach an eich dhuibh, 's luidh e ri'taobh. Dhùisg i 'n t-òlach 's chuir i cluas-fhail 'na chluais eileagus ann am bad na béiste ghabh e. Ach ma bha raoiceil, is's taoiceil air a bheist air na làithean a chaidh seachad, 's ann andiugh a bha 'n t-uamhas oirre. Ach coma co dhiu, thug e 'ntreas ceann do'n bhéist, 's ma thug cha b' ann gun spàirn.Tharruing e ro'n ghad e, 's dh'fhalbh i dhachaidh leis na cinn.'N uair a ràinig iad tigh an righ, bha na h-uile làn gàirdeachas, 'sbha 'n Seanalair ri nighean an rìgh a phòsadh air an ath latha.Bha bhanais a dol air a h-aghaidh 's gach neach mu'n Chaisteal's fadal air gus an d'thigeadh an sagairt. Ach a nuair a thainigan sagairt, cha phòsadh i ach an neach a bheireadh na cinn do'nghad gun an gad a ghearradh. "Co bheireadh na cinn do'nghad ach am fear a chuir na cinn air," thuibhairt an righ. Dh'fheuch an Seanalair iad, ach cha b-urrainn e na cinn fhuasgladh;'s mu dheireadh, cha robh a h'aon mu'n tigh nach d' fheuch ris'na cinn a thoirt do'n ghad, ach cha b-urrainn iad. Dh'fhoighneachd an righ, "An robh neach air bith eile mu'n tigh a dh'fheuchadh ris na cinn a thoirt bhar a ghaid." Thubhairt iadnach d' fheuch am buachaille fathast iad. Chaidh fios air a'bhuachaille, 's cha b' fhada bha esan a tilgeadh fear a null 's anall diubh. "Ach fan beagan òganoich," arsa nighean an righ:"am fear a thug na cinn do'n bhéist, tha 'm fàinne agamsa aige,agus mo dhà chluais-fhail." Chuir am buachaille 'làimh 'naphòca, 's thilig e air a bhòrd iad. "S'-tusa mo dhuine-sa," arsanighean an rìgh. Cha robh an rìgh cho toilichte, 'n uair achunnaic e gu'm b' e 'bhuachaille a bha ri' nighean a phòsadh;ach; dh'òrduich e gu feumt' a chur ann an trusgan ni b' fhearr.Ach labhair á nighean, 's thubhairt i, "Gun robh trusgan aigecho rìomhach 'sa bha riamh 'na chaisteal; agus mor so thachair;chuir am buachaille deis' òir an fhamhair, air, agus phòs iad airan oidhche sin fein.Bha iad a nis pòsda 's na h-uile ni dol air aghaidh gu maith.Bha iad aon lath' a spaisdearachd mu thaobh an locha, 's thàinigbéist a b-uamhasaiche na 'n te eile, 's thugar air falbh e gun athadhgun fhoighneachd. Bha nighean an rìgh an so gu dubhach,deurach, dalla-bhrònach airson a fear-posda. Bha i daonnan 'sasùil air an loch. Thachair seana ghobha rithe, 's dh'innis i dhamar thachair da céile-pòsda, Chomhairlich an gobha dhi i'sgaoileadh gach nì bu bhrèagha na chéile anns a cheart àite 'sanA MHAIGHDEAN MHARA.93'd' thug a bhéist air falbh a duine; agus mar so rinn i. Chuir abhéist suas a sròn, 's thubhairt i, "'S brèagh 'd' ailleas a nigheanan rìgh." "'S brèagha na sin an t-àilleagan a thug thu uam,"thubhairt ise. "Thoir dhomh aon sealladh do m' dhuine, 'sgheibh thu aon ni do na tha thu 'faicinn." Thug a' bhéist suase. "Aisig dhomh e, 's gheibh thu na tha thu 'faicinn," ars' ise.Rinn a' bhéist mar a thubhairt i; thilig i beo slàn e air bruachan locha. Goirid 'na dheigh sud, 's iad a sràidimeachd ri taobhan loch, thug a bhéist cheudna air falbh nighean an rìgh. Bubhrònach gach neach a bha 'sa bhaile air an oidhche so. Bha aduine gu dubhach, deurach, a' siubhal sìos agus suas mu bhruachan an locha a latha 's do dh'oidhche. Thachair an seanaghobha ris. Dh'innis an gobha dha, Nach robh dòigh air anuile-bheist a mharbhadh, ach aon dòigh, agus 's e sin – "Anns aneilean 'tha am meadhon an locha tha eilid chaisfhionn as caoilecas 's as luaithe ceum, agus ge do rachadh beirsinn oirre, leumadhfeannag aisde, agus ged a rachadh beirsinn air an fheannag,leumadh breac aisde; ach tha ubh am beul a bhric, agus thaanam na béiste 'san ubh 's ma bhristeas an t-ubh, tha a bhéistmarbh." Nis cha robh dòigh air faotainn do'n eilean so, bho'nchuireadh a bhéist foidh gach bata 's gach ràth, a rachadh air anloch. Smaoinich e gu'm feuchadh e 'n Caolas a leum leis aneach dhubh, agus mar so fhein rinn e. Leum an t-each dubh anCaolas, 's an Cù dubh le aon leum as an déigh. Chunnaic e 'neilid, 's leig e 'n cù dubh 'na déigh, ach an uair a bhiodh an cùair aon taobh do'n eilean bhiodh an eilid air an taobh eile. “O!bu mhath a nis madadh mòr na closaiche feòla an so." Chaluaithe 'labhair e 'm facal na bha 'm madadh còir ri thaobh, agusan déigh na h-eilid ghabh e 's cha b' fhada 'bha na laoich ga cuirri talamh; ach cha bu luaithe a rug e oirre, na leum feannagaisde; "'S ann a nis a bu mhath an t-seobhag ghlas as geire suil's is làidire sgiath." Cha luaithe thubhairt e so, na bha 'nt-seobhag as déigh 'na feannaig, 's cha b' fhada ’bha i ga cuir ritalamh; agus air tuiteam do'n fheannaig air bruach an locha, amach aisde leumtar am breac. "O! nach robh thus' agamsa anis a dhobhrain." Cha luaith' thubhairt na bha 'n dobhran rithaobh, agus a mach air an loch leum i, 's thugar am breac ameadhon an loch; Ach cha luaithe bha 'n dòran air tìr leis abhreac na thainig an t-ubh a mach as a bheul. Ghrad leum esan,'s chuir e 'chas air, 's ann an sin a leig a bhéist raoic aisde, 'sthubhairt i, "Na brist an t-ubh, 's gheibh thu na dh'iarras tu."94WEST HIGHLAND TALES."Aisig dhòmhsa mo bhean." Ann am prioba na sùla bha i ri'thaobh. Nuair a fhuair e greim air a laimh 'na dha' làimh,leig e chas air an ubh, 's bhàsaich a bhéist. Bha 'bheist marbha nis, agus 's ann a nis a bha 'n sealladh ri fhaicinn. Bha iuamhasach ri sealltainn oirre, bha na tri chinn di gun teagamh,ach ma bha, bha ceann os-ceann cheann oirre, agus sùilean, 'scuig ceud cas. Coma co dhiu, dh'fhàig iad ann a 'sud i, 's chaidhiad dhachaidh. Bha sòlas is gàirdeachas ann an tigh an rìgh airan oidhche so, 's cha d' innis e do'n rìgh gu so mar a mharbh ena famhairean. Chuir an rìgh urram mòr air, 's bha e 'na dhuinemòr aig an rìgh.Bha e fein 's a' bhean a' sràidimeachd aon latha, 'n uair a thuge fainear caisteal beag ri taobh an loch, ann an coille. Dh'fharraid e do'n mhnaoi co bha gabhail còmhnuidh ann? Thubhairti nach robh neach air bith a' dol a choir a chaisteal ud, bho nachd'thainig neach air ais fathast a chaidh ann a dh'innseadh sgeùil."Cha'n fhaod a chùis a bhi mar sin," ars' esan; "a nochd féinchi mi co' tha gabhail comhnuidh ann." "Cha d'theid, cha d'theid," thubhairt ise, "cha deach duine riamh do'n chaisteal soa phill air ais." "Biodh sin 's a roghainn aige," ars' esan. Dh'fhalbh e, agus gabhar do'n chaisteal 's nuair a ràinig e 'n dorus,thachair cailleach bheag, bhrosgulach ris 'na seasamh san dorus.'Furan 's failte dhuit, a mhic an iasgair 's mi féin a tha toilichted' fhaicinn; 's mòr an onair do'n rìoghachd so do leithid athighinn innte; 's urram do'n bhothan bheag so thu thighinn astigh; gabh a stigh air thoiseach, onair na h-uaisle, 's leig t'anail: 's a steach ghabh e; ach a nuair a bha e air tì dol suas,tharruing i an slacan-dhruidheachd air an cùl a chinn, 's air ballthuit e 'n sin. "Air an oidhche so bha bròn ann an caisteal anrìgh agus air an latha màireach bha tuireadh ann an tigh aniasgair. Chunnacas a chraobh a seargadh 's thubhairt macmeadhonach an iasgair, "gu'n robh a bhràthar marbh," 's thuge bòid is briathar gu falbhadh e s gu'm biodh fios aige cait' anrobh corp a bhràthar na luidhe. Chuir e dìollaid air each dubh,'s mharcaich è an déigh a choin duibh (oir bha each dubh 's cùdubh aig triùir mhac an iasgair) agus gun dol a null na nall, leane air ceum a bhràthair bu sine, gus an dràinig e tigh an rìgh. Bhae so co coltach ri 'bhràthair 's gu'n d' shaoil le nighean an rìgh gu'm be duine fein a bh' ann. Dh'fhan e 'n so 'sa chaisteal, 's dh'innis iad dha mar thachair d' a bràthair, agus do chaisteal beag nacailliche dh'fheumadh e 'dol bog na cruaidh mar thachradh, 's do'n95THE SEA-MAIDEN.chaisteal chaidh e, agus ceart mar a thachair do'n bhràthair busine, anns gach dòigh thachair do'n mhac mheadhonach, 's le aonbhuille do'n t-slacan-dhruidheachd, leag a' chailleach e na shìneadh ri' taobh a bhràthar. Air faicinn an darna craobh a' seargadh do mhac òg an iasgair thubhairt e, gu'n robh a nis adhithis bhràithrean marbh, agus gu' feumadh fios a bhi aigesande 'm bàs a thàinig orra. Air muin an eich dhuibh ghabh e, 'slean e 'n cù mar a rinn a bhràthair, agus tigh an rìgh bhuail emu'n do stad e. 'S e 'n rìgh bha toilichte fhaicinn, ach do'nchaisteal dubh (oir 's e so ainm) cha leigadh iad e, ach do'n chaisteal dh'fheumadh e dol, 's mur sin ràinig e 'n caisteal. "Failte's furan dhuit féin, a mhic an iasgair, 's mi tha toillichte d' fhaicinn; gabh a steach 's leig t-anail," thuirt ise. "'Stigh romhamthu, a chailleach, 's coma leam sodal a muigh." "Rach a steach's cluinneam do chòmhradh." A'steach, ghabh a chailleach, agusa nuair a bha a cùl ris, tharruing e a chlaidheamh 's spadar a ceanndhi, ach leum an claidheamh as a laimh, 's ghrad rug a chailleachair a ceann le a da làimh, s cuirear air a h-amhaich e mar' bha eroimhe. Leum an cù air a chaillich, 's bhuail i 'm madadh còirleis an t-slacan-dhruidheachd, 's luidh esan an sin, ach cha deachso air mhithapadh do'n òlach, 's an sàs sa chaillich gabhar e.Fhuair e gréim air an t-shlacan-dhruidheachd, agus le aon bhuilleam mullach a cinn bha i ri talamh ann am prioba na sùl. Chaidhe beagan air aghaidh suas, 's faicear a dha bhràthair na'n luidhetaobh ri taobh. Thug e buille do gach fear dhiubh, leis an t-slacan dhruidheachd 's air an cois bha iad. Ach 's ann so a bha 'nspuill òir 's airgid, 's gach ni bu luachmhoire na chèile ann ancaisteal na cailliche. Thàinig iad air an ais do thigh an rìgh, 'sann an sin a bha 'n gàirdeachas. Bha 'n rìgh a fàs seann, aguschaidh mac bhu shine an iasgair a chrùnadh 'na rìgh, 's dh'fhanan dithis bhràithrean latha 's bliadhna ann an tigh an rìgh, 's dh'fhalbh an dithis a nis dhachadh le òr 's airgiod na cailliche, 'sgach nì rìomhach eile 'thug an rìgh dhoibh; 's mar do shiubhailiad uaidh sin tha iad beo gus an latha 'n diugh.HECTOR URQUHART.