Archival Reference

SSSA/TA/AT303/004

School of Scottish Studies MWHT (1960)

Transcript

AI
MIC A' MHUILLEIR LÒNANAICH¹
No. 69.
[MS. Vol. x., No. 151]
BHA uaireigin muillear ann, agus shiubhail a' cheud bhean a
bha aige, agus phòs am muillear bean eile, ach dh'fhàg a' cheud
bhean trì mic, agus bha a' bhean mu dheireadh a bha aig a'
mhuillear ro dhona ri clann na ceud mhnà a bha aig a' mhuillear.
Agus thuirt am mac bu shine rithe, 'Tha mi dol a dh'iarraidh
an fhortain: fuin bonnach dhomh, is théid mise do'n choillidh
a dh'fhaotainn bata.' Agus dh’fhalbh e, agus dh'fhuin ise aran,
agus thànaig esan air ais tràth fhuair e bata a bha a' taitinn ris.
An uair a bha e deas gu falbh, ghabh a mhuime bonnach agus
rinn i dà bhloigh deth, agus thuirt i ri mac a' mhuilleir, 'Có
dhiùbh as fheàrr leat-sa a' bhloigh mhór is mallachd, no a'
bhloigh bheag le beannachd?' Agus thuirt esan, 'Thoir dhomh
a' bhloigh mhór,' agus thug i dha e. Agus thug e leis bata, trì
choin, is poca, is dh'fhalbh e. Agus an déidh meadhon latha,
shuidh e a dh'ithe a' bhloigh bhonnaich a bha aige, agus an
uair a bha e ag ithe a' bhloigh bhonnaich, thànaig fitheach
bhos a cheann, agus ghlaodh e, 'Pàirt! pàirt! pàirt!' Agus
thuirt esan, 'Bi falbh, a bheathaich ghràinde, tha a' chriomag
seo glé bheag dhomh fhéin.' Agus dh'itealaich am fitheach air
falbh.
Agus chaidh mac a' mhuilleir air aghaidh, agus aig beul na
h-oidhche rànaig e taigh, agus bha an taigh gu tughte, sìomain­
ichte, is chaidh e a staigh, is bha an taigh gu math an òrdugh,
agus an t-ùrlar air a sguabadh, agus bha teine math air. Agus
shuidh mac a' mhuilleir ri taobh an teine, agus thànaig cailleach
mhór a staigh, agus shuidh i aig ceann eile an taighe. Agus
thuirt mac a' mhuilleir rithe, 'Thig a nìos, a chailleach, is gu
faighear do chonaltradh.' Agus thuirt ise, 'Chan 'eil a bheag
de do chonaltradh-sa a dhìth orm.' Agus thuirt e a rithist rithe,
'Suidh a nìos, a chailleach, is gum faighear pàirt chainnte bhuait.'
304
MIC A' MHUILLEIR LÒNANAICH
Agus thuirt ise, 'Chan 'eil a bheag de do chainnt a dhìth orm.'
Agus thuirt esan, 'Thig a nìos, a chailleach, agus gum faigh thu
pàirt de àile an teine,' is thuirt ise, 'Tha mi gabhail eagail roimh
na coin agad.' Is thuirt esan, 'Cha bhean na coin dhuit.' Agus
thuirt i, 'Ma cheanglas tu iad, thig mi a nìos.' Agus thuirt esan,
'Ceanglaidh.' Agus thug i a gartain bhàrr a casan, is thug i
dha iad. Is thuirt i ris, 'Seo dhuit crèapuill¹ a chuireas tu mu
na h-amhaichean aca.' Agus cheangail e na gartain ri
amhaichean nan con, agus cheangail e iad ri post a bha a staigh.
Agus thànaig i gu taobh an teine, agus shuidh i ri taobh an teine,
agus thòisich i ri at, is thuirt esan, 'Ciod e an t-at a tha ort?'
Agus thuirt ise, 'Tha mo chiteagan [is mo thopagan] ag éirigh
ris an teine.' Agus dh'at i gus an robh i ro mhór, is thuirt e
rithe, 'Ciod e an t-at a tha ort, a chailleach?' Is thuirt ise,
'Tha at a ruigeas tusa gu bun do shlugain, a mhic a' mhuilleir
Lònanaich. Có dhiubh as fheàrr leat gleac cruaidh còmhnard,
no gleac bog ùrlair?' Is thuirt esan, 'Gleac bog ùrlair.'² Is
leag i e, is ghlaodh esan air a choin, is thuirt ise, 'Teann, a
chrèapulla!' agus gheàrr na gartain na cinn bhàrr nan con.
Agus thànaig a' chailleach far an robh e,³ agus thòisich iad air
gleac, agus chinn an t-ùrlar bog, agus thuit esan. Agus fhuair
i greim air an t-slacan-draoidheachd aice,⁴ agus bhuail i e thairis
air mullach a' chinn leis an t-slacan-draoidheachd, agus rinneadh
clach chruaidh dheth, agus chuir i aig cùl an teine e.
Agus thuirt an darna mac aig a' mhuillear ri a mhuime,
'Tha mise dol a dh'iarraidh an fhortain. Tha mi fhéin a' dol
do'n choillidh a dh'iarraidh bata, agus fuin thusa bonnach
dhomh agus biodh e deas an uair a thig mi.' Agus chaidh e do'n
choillidh agus fhuair e bata, is thànaig e dhachaigh leis. Agus
dh'fhuin a mhuime aran, is bha e deas tràth thànaig e dhachaigh,
agus thuirt a mhuime ris, 'Có dhiubh as fhearra leat bloigh
mhór le mallachd no bloigh bheag le beannachd?' Agus thuirt
esan, 'Thoir dhòmh-sa am bonnach mór,' agus thug i dha e.
Agus ghabh e a bhata, is a phoca, agus thug e leis a choin, agus
306
MIC A' MHUILLEIR LÒNANAICH
thug e beannachd le a luchd-eòlais àgus dh'fhalbh e. Agus an
uair a dh'fhàs e acrach, shuidh e a dh'ithe a' bhonnaich, agus
thànaig fitheach os a cheann, agus thuirt e, 'Pàirt! pàirt!
pairt!' Is thuirt esan, 'Bi falbh, a bheathaich mhosaich, tha a'
chriomag bheag bhonnaich seo beag gu leòr domh féin.' Agus
dh'fhalbh am fitheach, agus dh'éirich mac a' mhuilleir, agus
chaidh e an taobh ceudna a chaidh a bhràthair, agus aig dorchadh
nan tràth, rànaig e a' cheart taigh anns an robh a bhràthair,
ach cha robh fios aige [air] nì air bith de na thachair.
Bha an taigh ann an òrdugh math, an t-ùrlar sguaibte, agus
teine math air, agus shuidh mac a' mhuilleir sìos ri taobh an
teine. Agus aig ceann ùine bheag, thànaig cailleach mhór a
staigh, agus shuidh i aig ceann eile an taighe. Agus thuirt mac
a' mhuilleir rithe, 'Suidh a nìos, is gum faighear do chonaltradh.'
Agus thuirt ise, 'Chan 'eil a bheag de do chonaltradh a dhìth
orm.' Agus thuirt e rithe, 'Thig a nìos, is gum faighear cainnt
a dhèanamh riut. Is thuirt ise, 'Chan 'eil a bheag de do chainnt
a dhìth orm.' Agus thuirt esan, 'Thig a nìos, a chailleach, agus
gum faigh thu pàirt de àile an teine,' is thuirt ise, 'Tha mi gabhail
eagail roimh na coin agad.' Is thuirt esan, 'Cha bhean na coin
dhuit.' Agus thuirt i, 'Ma cheanglas tu iad, thig mi a nìos.'
Agus thuirt esan, 'Ceanglaidh.' Is thug i a gartain bhàrr a
casan, is thug i dha iad, is thuirt i ris, 'Seo dhuit crèapuill a
chuireas tu mu na h-amhaichean aca, 'agus cheangail e na gartain
ri amhaichean nan con, agus cheangail e iad ri post a bha a
staigh, agus thànaig i gu taobh an teine, agus shuidh i ri taobh
an teine. Agus thòisich i ri at, agus thuirt esan, 'Ciod e an t-at
a tha ort?' Agus thuirt ise, 'Tha mo chiteagan [is mo thopagan]
ag éirigh ris an teine.' Agus dh'at i gus an robh i ro mhór,
agus thuirt e rithe, 'Ciod e an t-at a tha ort, a chailleach?'
Is thuirt ise, 'Tha at a ruigeas tusa gu bun do shlugain, a mhic
a' mhuilleir Lònanaich – có dhiübh as fheàrr leat gleac cruaidh
còmhnard no gleac bog ùrlair?' [Is thuirt esan, 'Gleac bog
ùrlair,'] is leag i e. Is ghlaodh esan air a choin, is thuirt ise,
'Teann, a chrèapulla!' Agus gheàrr na gartain na cinn bhàrr
nan con. Agus thòisich iad air gleac, agus de na caran a bh' ann,
chinn an t-ùrlar bog agus thuit esan, agus fhuair i greim air an
t-slacan-draoidheachd aice,¹ agus bhuail i thar mullach a' chinn
¹ aic in MS.
308
MIC A' MHUILLEIR LÒNANAICH
e, agus dh'fhàs e 'na chloich chruaidh, agus chuir i suas aig
ceann an teine e.
Agus thuirt am mac a b' òige a bha aig a' mhuillear Lònanach
ri a mhuime, 'Tha mise cuideachd a' dol a dh'iarraidh an
fhortain, mar a rinn mo dhà bhràthair eile. Fuin bonnach
domh, is théid mise do'n choillidh a dh'fhaotainn bata,' agus
dh'fhalbh e, agus dh'fhuin ise aran, is an uair a thànaig esan
dachaigh bha an t-aran deas. Agus rinn ise dà bhloigh de a
h-aon de na bonnaich, agus dh'fharraid i deth, có dhiùbh a
b' fheàrr leis a' bhloigh mhór le a mallachd, no a' bhloigh bheag
le a beannachd. Agus thuirt esan gum bu mhath leis-san beann­
achd le a chuid ged nach biodh ach dà ghreim ann, agus
thug i dha a' bhloigh bheag. Agus ghabh e a bhata 'na làimh,
is thug e leis a phoca is a thrì choin, agus dh'fhalbh e, agus
tràth bha e acrach, shuidh e a dh'ithe a' bhloigh bhonnaich,
agus thànaig fitheach os a cheann, agus thuirt e, 'Pàirt! pàirt!
pàirt!' Agus thuirt mac a' mhuilleir, 'Thig a nuas, a bheathaich
bhochd, agus gheibh thu pàirt, ged nach biodh ach dà ghreim
ann.' Agus thànaig am fitheach a nuas, agus fhuair am fitheach
a chuid de'n bhonnach a bha aig mac òg a' mhuilleir. Agus
an uair a dh'ith iad an cuid, thuirt am fitheach ri mac a'
mhuilleir, 'An uair a ruigeas tusa far a bheil thu gu bhith an
nochd, mas e is gun tig cailleach a staigh far am bi thu, agus
gun tairg i dhuit crèapu[i]ll a cheangal nan con agad, ceangail
[ceann nan gartan ri post a tha a staigh, agus ceangail] stiallan
brisg¹ ri ceann² gartain na cailliche, agus ceangail an stiallan
ri amhaich[ean] nan con. Agus ma dh'fharraideas i dìot có
dhiubh as feàrr leat gleac cruaidh còmhnard, no gleac bog
ùrlair, iarr thusa gleac cruaidh còmhnard.' Agus leum am
fitheach air a sgiathan agus dh'fhalbh e. Agus chaidh mac
òg a' mhuilleir air aghaidh a dh'ionnsaigh an taighe far an
robh a bhràithrean. Ach cha robh fios aige mar a thachair
doibh-san.
Agus an uair a rànaig e, fhuair e an taigh ann an òrdugh
math, agus an t-ùrlar sguaibte agus teine math air, agus shuidh
esan ri taobh an teine. Agus eadar sin is ceann greis, thànaig
310
MIC A' MHUILLEIR LÒNANAICH
cailleach mhór a staigh, agus shuidh i aig a' cheann a b' fhaide
air falbh de'n taigh, agus thuirt mac òg a’ mhuilleir ris a'
chaillich, 'Thig a nìos, is gum faighear pàirt de do chainnt.'
Agus thuirt ise, 'Chan 'eil a bheag de do chainnt a dhìth orm.'
Agus thuirt esan, 'Thig a nìos, is gum faighear pàirt de do
chonaltradh.' Agus thuirt ise, 'Tha mi gabhail eagail roimh
na coin.' Agus thuirt esan, 'Cha bhean na coin duit.' Agus
thuirt ise, 'Nan ceangladh tu do choin, thiginn a nìos a
dh'fhaotainn pairt de àile a' ghealbhain.' Agus thuirt esan gun
ceangladh. Agus thuirt i ris, 'Bheir mi dhuit crèapuill gu an
ceangal, ma thà,' agus dh'fhuasgail i a gartain bhàrr a casan,
agus thug i dha iad. Agus cheangail esan ceann nan gartan
ri post a bha a staigh, agus cheangail e na sreanganan brisg¹
ri ceann gartain na cailliche, agus car dhiùbh mu amhaichean
nan con.
Agus thànaig a' chailleach agus shuidh i aig taobh an teine,
agus thòisich a' chailleach air cinntinn na bu mhò² is na bu
mhò, is thuirt mac a' mhuilleir rithe, 'Ùbh! ùbh! a chailleach,
is mór thu!' Is thuirt ise, 'Tha mo chiteagan [is m' atagan]
ag éirigh ris an teine.' Agus eadar sin is ceann tacain, bha a'
chailleach ag at agus a' cinntinn na bu mhò, agus thuirt mac
a' mhuilleir, 'Ùbh! ùbh! is mór thu, a chailleach!' Is thuirt
ise, 'Chan 'eil ann ach mo chiteagan³ [is m' atagan] ag éirigh
le blàs an teine.' Agus dh'at a' chailleach gu meud mhór, agus
thuirt esan, 'Ciod e an t-at a tha ort, a chailleach?' Agus thuirt
ise, 'Tha at a ruigeas tusa gu bun do shlugain, a mhic a' mhuilleir
Lònanaich,' agus dh'éirich i agus thuirt i ris, 'Có dhiùbh as
fheàrr leat gleac cruaidh còmhnard, no gleac bog ùrlair?' Agus
thuirt esan, 'Is fheàrr liom-sa gleac cruaidh còmhnard,' is e ag
éirigh. Agus 'na chéile shàs iad, agus bha spàirn chruaidh eatorra,
ach bha a choltas air mac a' mhuilleir gum fairtlicheadh e oirre,
agus ghlaodh i, 'Teann! teann! a chrèapulla!' agus dh'fhàs i
'na cat mór.⁴ Agus ghlaodh mac a' mhuilleir air a choin, agus
thànaig iad is shàs iad anns a' chat, agus bha iad 'ga leadairt
anns an eabar, agus chinn i 'na caillich a rithist. Agus thuirt i,
312
MIC A' MHUILLEIR LÒNANAICH
'Caisg do choin, a bhalaich! stad na coin!' Ach chum mac
òg a' mhuilleir sìos i, agus thuirt e rithe, 'Tha do bhàs air do
mhuin, a chailleach!' Is thuirt ise, 'Cha bhàs domh e. Gheibh
thu mo shlacan-draoidheachd, agus ma bhuaileas tu an dà
chloich a tha aig cùl an teine, is e do bhràithrean a tha ann, is
gheibh thu air an ais a rithist iad.' Agus thuirt esan, 'Is liom
féin sin a roimhe is 'na dhéidh – tha do bhàs air do mhuin, a
chailleach! c'àite a bheil t' éirig?' Is thuirt ise, 'Cha bhàs
domh e. Gheibh [thu] mo chiste òir is mo chiste airgid a tha
am falach fo'n lic-theine, is leig liom éirigh.' Is thuirt esan,
'Is liom féin sin a roimhe is 'na dhéidh – tha do bhàs air do
mhuin, a chailleach!' Is thuirt ise, 'Cha bhàs [domh] e. Gheibh
thu mo chlaidheamh geal soluis a bha aig m' athair, is leig liom
éirigh. Is thuirt esan, 'Is liom féin sin a roimhe is 'na dhéidh,
agus tha do bhàs air do mhuin, a chailleach!' Agus thuirt ise,
'Chan 'eil tuilleadh agam-sa a bheirinn dhuit.' Agus an uair
a thuig e nach robh tuilleadh aice, mharbh e i.
Agus fhuair e an slacan-draoidheachd a bha aice, agus
bhuail e na clachan a bha aig ceann¹ an teine, agus fhuair e
[a] d[h]à bhràthair a bha 'nan clachan ceann an teine air an
ais do an riochd fhéin a rithist. Agus fhuair e an claidheamh
geal soluis a bha aig a' chaillich, agus chuir e as an teine, agus
thog e an leac a bha fo'n teinidh, is fhuair e a' chiste òir is a'
chiste airgid a bha aig a' chaillich. Agus² sheall iad, agus
chunnaig iad gun do gheàrr gartain na caillich an dà chuid na
puist agus na sreanganan² [brisge.] Agus dh'fhalbh e
dhachaigh, agus a dhà bhràthair 'nan gillean aige. Bha fear
diùbh a' giùlan na ciste òir agus fear eile a' giùlan na ciste airgid,
agus e fhéin is an claidheamh geal soluis aige, agus e anabarrach
aighearach.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.