Cailleach na Riobaig
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT303/003
- Date
- 1859
- Item category
- Book
- Aarne-Thompson index
- AT0303: The Twins or Blood‑Brothers
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Town
- Berneray
- Parish
- Harris
- Collector
- Hector MacLean
- Narrator
- Donald MacKillop
- Narrator source
- MacLeod, Angus
Archival Reference
SSSA/TA/AT303/003
School of Scottish Studies MWHT (1960)
Transcript
AICAILLEACH NA RIOBAIGNo. 77.[MS. Vol. x., No. 169]BHA duine ann agus bha triùir mhac aige, is bha craobh agustobar anns a' ghàrradh aige mu choinnimh a h-uile h-aondiùbh, is nam bàsaicheadh a h-aon diùbh, sheargadh a' chraobhis thràigheadh an tobar a bha mu a choinnimh. ¹ Thuirt am feara bu shine de na bràithrean ri càch, 'Is fhearra dhomh falbh adh'iarraidh an fhortain, is an t-àite fhàgail agaibh féin.' Dh'fhalbhe. Rànaig e bothag am beul an anmoich, agus chaidh e a staigh.Bheothaich e an teine, agus shuidh e. Thànaig an creutairbochd sin a dh'ionnsaigh an doruis, air dha bhith treis ann.Thuirt e rithe tighinn a nuas.² Thuirt i nach tigeadh muraceangladh e na coin. 'Chan 'eil rud agam a cheanglas iad,'ars esan. 'Ceanglaidh seo iad,' ars ise, is i toirt da riobaig.'Cha cheangail,' ars esan. 'Ceanglaidh,' ars ise, 'chumadh elong mhór air acraichean.' Cheangail e an sin na coin leis anriobaig. Is ann mar sin a bha.Bhuail a' chailleach an sin air i fhéin a cheartachadh antaobh seo is an taobh ud eile de'n teinidh, is i 'ga blàthachadhfhéin. Ud! a chailleach, tha thu fàs!' ars esan. 'Chan 'eilach m' iteagan ag éirigh ris a' bhlàs,' ars ise. 'Tha thu fàs romhór,' ars esan. 'Tha,' ars a' chailleach, 'feumaidh tu bhithdéanamh air do shon féin, mura dèan na coin e.' An uair achunnaig e sin, dh'éigh e air na coin. An uair a chuala ise e,ars i, 'Teann, a riobag, is thoir an ceann de bhraidean.' Theannan riobag, is thug i na cinn de na coin. Air Moire fhéin!dh'éirich iad an seo air a chéile, is dhèanadh iad bogan air a'chreagan, agus creagan air a' bhogan; an t-àite bu lugharachadh iad fodha, rachadh iad fodha gu an glùintean; is ant-àite bu mhotha rachadh iad fodha, rachadh iad fodha gu ansùilean, gus an do smuaintich a' chailleach nach robh tuilleadhdragha aice. Chuir i fodha e an sin, agus mharbh i e. Shearg380CAILLEACH NA RIOBAIGcraobh anns a' ghàrradh aig a athair, agus thràigh tobar ann,agus thuirt am bràthair a bu mheadhonaiche gun robh abhràthair air bàsachadh, is gun rachadh esan air falbh air a lorg.Dh'fhalbh e is rànaig e a' cheart bhothag anns an robh abhràthair. Smuaintich e gum bu chòir da tàmh a ghabhailinnte an oidhche sin. Cha b' fhada a bha e an sin, an uair athànaig an creutair sin mar a b' àbhaist di. Dh'iarr esan oirretighinn a nuas.¹ Thuirt i nach tigeadh, gun robh na coin a'cur eagail oirre. Thuirt esan ma bha, nach robh rathad aigeair an ceangal, ach gun cumadh e uaithe iad. 'Seo riobag,'ars ise, 'is ceangail iad, is abair "Teann, teann, a riobag, is naleig chuige."' Rinn e siod, is thànaig ise a nuas an sin.Bhuail i air a ceartachadh fhéin ris an teinidh, is air a blàthachadh. 'Ud! a chailleach! tha thu fàs,' ars esan. 'Chan 'eilach m' iteagan ag éirigh ris a' bhlàs,' ars ise. 'Ud! a chailleach!tha thu fàs ro mhór,' ars esan. 'Tha, is feumaidh tusa bhithdèanamh air do shon féin,' ars a' chailleach. Dh'éigh esan airna coin, is ghlaodh ise, 'Teann, teann, a riobag is thoir an ceannde bhraidean!' Theann an riobag, is thug i na cinn de na coin.Dh'éirich iad air a chéile, is dhèanadh iad bogan air a' chreagan,agus creagan air a' bhogan; an t-àite bu lugha rachadh iadfodha, rachadh iad fodha gu an glùintean; is an t-àite bu mhotharachadh iad fodha, rachadh iad fodha gu an sùilean, gus an dosmuaintich a' chailleach nach robh tuilleadh dragha aice. Chuiri fodha [e] is mharbh i e. Shearg craobh eile anns a' ghàrradhaig a athair, agus thràigh tobar ann. Thuirt am bràthair ab' òige gum biodh esan a' falbh, gun robh a bhràithrean air dolas an rathad, is nach dèanadh e tàmh no fois gus am faigheadhe a mach ciod e mar a chaidh iad as an rathad. Bha a chuideachd ro dhuilich airson an fhir mu dheireadh.Dh'fhalbh e is rànaig e a' bhothag. Chaidh e a staigh, isbheothaich e an teine. Cha robh e fad an sin gus an d' fhairiche an creutair a b' àbhaist a' tighinn gus a' bhothag. Dh'iarr eoirre tighinn a staigh a ghabhail a cuid de'n bhlàs. Chanfhaod mise dol a staigh – tha na coin a' cur eagail orm,' ars ise.'Bheir mise air na coin nach dèan iad dad ort,' ars esan. Chadèanadh seo a' chùis leatha-se, ach gum faigheadh i fhéin rud¹ recte, a nìos.382CAILLEACH NA RIOBAIGa cheangladh iad. Thug i dha riobag dhubh. Thuirt esannach ceangladh siod na coin aige-san. 'Ceanglaidh,' ars ise,'cumaidh e an long as motha air acraichean.' Is e an rud abha ann [gun do] chuir e anns an teinidh i. Dh'fhaighnich iseciod e an rud a bha an siod an uair a chuala i an riobag a'braigheartaich. Thuirt esan nach robh fios aige.¹ Smachdaich ena coin, is chum e dlùth ris fhéin iad air alt is nach caraicheadh iad.Theann ise a suas² an seo. Bhuail i air i fhéin a cheartachadhis a bhlàthachadh ris an teinidh. 'Ud! a chailleach! tha thufàs!' ars esan. 'Chan 'eil ach m' iteagan ag éirigh ris a' bhlàs,'ars ise. 'O! a chailleach, is tu tha fàs mór!' ars esan. O!is mi,' ars ise, 'is tusa am fear mu dheireadh dhiubh, is feumaidhtu bhith déanamh air do shon fhéin.' Dh'éirich iad air a chéile.Dh'éigh esan air na coin. 'Teann, teann, a riobag, is thoir anceann de bhraidean!' ars a’ chailleach. Cha do thachair sin.Chaidh na coin air chosnadh air alt is gun do chuir esan fodhaa' chailleach. 'Bàs os do chionn, a chailleach!' ars esan, 'ciode t' éirig?' 'Cha bheag sin,' ars ise, 'is ann a dh'iarraidh anfhortain a thànaig sibh: is mise a mharbh do dhithis bhràithreana tha marbh an siod. Tha ballan ìocshlaint is ballan pasmhuinn³a staigh, is an uair a shuathas tu an rud a tha annta riutha,éiridh iad suas cho beò is a bha iad riamh. Tha tronnc òir istronnc airgid a staigh anns a' bhalla an siod. O'n as ann adh'iarraidh an fhortain a thànaig sibh, tha fortan na leòr agaibhgun dol na's fhaide na seo.' 'A bheil tuilleadh agad de dh'éirig,a chailleach?' ars esan. 'Chan 'eil tuilleadh,' ars ise. 'Matà, a chailleach, ge beag sin, is liom féin e,' ars esan, agus e 'gamarbhadh. Fhuair e a bhràithrean, is shuath e an rud a bhaanns a' bhallan riutha, is dh'éirich iad suas beò, slàn, còmhlaris. Lìon an dà thobar, is dh'éirich an dà chraoibh, is dh'aithnichan athair gun robh an triùir beò. Chaidh iad dhachaigh isthug iad leò na robh an siod de dh'ionndas; is cha tug iad òrno airgead dòmh-sa, ach mo chur dhachaigh falamh an seo.