Archival Reference

SSSA/TA/AT303/002

School of Scottish Studies MWHT (1960)

Transcript

AI
AN CAT GLAS
No. 65.
[MS. Vol. x., No. 121]
BHA Rìgh ann roimhe seo, is phòs e, is rug a' Bhanrìghinn mac
dha. Bhàsaich a' Bhanrìghinn, is phòs e Banrìghinn eile. Rug
an dara Banrìghinn mac eile dha, is bha an dà mhac a' fàs suas
còmhla. Bhiodh an Rìgh a h-uile là dol do'n bheinn-sheilg,
is am mac a bu shine còmhla ris. Thuirt an lochlach Urlair¹
ris a' Bhanrìghinn gur h-i bha gòrach nach fhaigheadh rathad
air a' mhac a bu shine a chur a dhìth, gur h-e a ghleidheadh
oighreachd a athar uile gu léir, agus nach biodh mìr dhith aig
a mac-se. 'Cuir thusa,' ars ise, 'an rud seo anns a' chupan aige
an uair a thig e dhachaigh, agus marbhaidh e e.'
Agus có bha 'gan cluinntinn ach a bhràthair a b' òige; agus
an uair a chuala e a athair agus a bhràthair a' tighinn, ruith e
'nan coinnimh. Thuirt an gille òg ri a bhràthair gun e a dh'òl
na deoch a bheireadh a mhàthair-san da; 'chionn,' ars esan,
'dh'iarr an Iochlach Ùrlair air mo mhàthair rud a chur ann gu
thus' a mharbhadh; ach na h-innis thusa, mum marbh mo
mhàthair mise.' An uair a shuidh iad, dh'fhalbh an gille le a
chupan fhéin, is thug e do'n chù bheag a bha staigh e; agus
fhuair an cù beag bàs mun d' òl e e. Cha dubhairt e facal is
cha d' innis e dad; is bha an Rìgh duilich, an uair a fhuair an
cù beag bàs.
An là-'r-na-mhàireach, dh'fhalbh an Rìgh is a mhac do'n
bheinn-sheilg. An uair a dh'fhalbh iad, thànaig an Iochlach
Ùrlair far an robh a' Bhanrìghinn. 'Cha d' rinn siod feum,' ars
ise, 'ach cuir air theachdaireachd do m' ionnsaigh-sa e, is cuiridh
mi bior nimhe ann. Bha an gille [a b' òige] 'gan cluinntinn;
agus shin e an coinnimh a athar is a bhràthar an uair a chunnaig
e tighinn iad; agus dh'innis e dhaibh a h-uile facal a bha
eadar a mhàthair agus an Iochlach Ùrlair. Ma chuireas mo
240
AN CAT GLAS
mhàthair air teachdaireachd thu, na teirig ann,' ars esan ri a
bhràthair. An là-'r-na-mhàireach, an uair a dh'éirich iad 's
a ghabh iad an tràth-maidne, dh'iarr a' Bhanrìghinn air dol air
theachdaireachd chun na h-Iochlach Ùrlair. An uair a chaidh
e a mach, thuirt e ris a' bhràthair a b' òige, 'Bidh mise a' falbh,
is biodh an oighreachd agad fhéin, o'n as ann gu cothrom a
thoirt duit a tha iad ag iarraidh mis' a mharbhadh.'
Bha a bhràthair ro dhuilich airson e bhith falbh. 'Théid
mis' a staigh, feuch am faigh mi airgead a ghoid air mo mhàthair
a bheir mi do d' ionnsaigh, air eagal thu bhith falbh falamh,'
thuirt am bràthair a b' òige. 'Cha ghabh mi airgead nach
fhaighinn air dòigh cheart; chan urrainn e feum a dhèanamh
dhomh. Is fheàrr liom falbh ann am freasdal an fhortain, o
nach fhaighinn gu ceart e,' thuirt am bràthair a bu shine.
Dh'fhalbh an dà bhràthair le chéile, agus rànaig iad tulach gorm
treis o'n taigh. Thòisich iad air caoineadh còmhla. Ghabh
iad an cead dhe chéile. Dh'fhuirich am fear a b' òige is a bheul
fodha air a' chnoc, a' caoineadh fad an latha. Chaidh am fear
a bu shine gu taigh oide aig an Rìgh. Am beul na h-oidhche
rànaig e taigh an oide. Cha robh a staigh ach a mhuime, is
droch theine aice air. 'Fàilt' ort, a mhic as sine an Rìgh;
b' fhurasda aithneachadh gur h-ann mar sin a bhitheadh mu
dheireadh. Dheasaich i biadh dha. Chuir i uisge blàth air a
chasan, is chuir i a chadal e. Chuir i sràbh-suaine fo a cheann
is fo a chasan.¹
Chaidil e gun dùsgadh gus an tànaig an là, agus an uair a
dh'éirich e, dheasaich i a thràth-maidne. Thug i paidhir bhròg
dha, is thuirt i ris, 'Bheir na brògan thu go dorus beòil na h-uamha
gus am bheil thu dol; agus an uair a ruigeas tu dorus na h-uamha,
cuiridh tu an aghaidh air an eòl is an cùl air an aineol, agus
ruigidh iad mise an seo.² Seo agad deich tasdain fhichead airgid;
is e sin na bheil agam. Bheir thu leat iad. Agus an uair a
242
AN CAT GLAS
ruigeas tu an uaimh is a théid thu a staigh, chì thu cat mór
glas a staigh, agus ma nì an cat gàire riut, dèan dà ghàire rithe.'¹
Thuirt e ri a mhuime gun dèanadh e siod, is ghabh e a chead
dith; is dh'fhalbh e. Thug na brògan gu dorus beul na h-uamha
e. An uair a rànaig e, chuir e an aghaidh air an eòl is an cùl
air an aineol, is dh'fhalbh iad air an ais dachaigh.
Chaidh e staigh do'n uaimh, is chunnaig e cat mór glas a
staigh an sin. Rinn an Cat gàire ris, agus rinn esan dà ghàire
ris a' chat. 'Fàilt' ort fhéin, a Mhic as sine an Rìgh,' ars an Cat,
'is iomadh mac rìgh agus ridire thànaig air an astar seo nach do
thill dachaigh, agus tha eagal orm nach tusa as fheàrr a shàbhaileas.
Tha fuamhair mór a' fuireach an seo is tha e tighinn dachaigh
a h-uile h-oidhche; is ged nach tig a staigh ach eun adhair,
aithnichidh e e an uair a thig e; ach nì mise mo dhìcheall
riut, air a shon sin.' Thog an Cat leac mhór bhàrr sluic a bha
an taobh shìos de'n teinidh; agus chuir i an sin e goirid o'n
am a bhiodh am fuamhair a' tighinn dachaigh, agus chuir i
an leac air beul an tuill, is dh'fhàg i an sin e.
Cha b' fhada bha iad mar sin, an uair a chuala iad a' ghleadh­
raich sin a' tighinn, is an talamh a' dol air chrith! Có bha
'n seo ach Fuamhair Mór nan cóig ceann, is nan cóig meall, is
nan cóig muineal – gad fhìor-iasg anns an darna làimh, is gad
chailleacha marbha anns an làimh eile!² 'Imh! amh!
amhragaich! tha fàileadh an fharbhalaich a staigh!' ars am
Fuamhair. 'Chan 'eil ann ach eun beag a thànaig a staigh;
is mharbh mise e, is loisg mi anns an teinidh e,' ars an Cat Glas.
'Chan 'eil fhios agam nach e sin fhéin a th' ann,' ars am Fuamhair.
'Greas air an iasg sin a bhruich dhòmh-sa.' Bhruich i an t-iasg
da, is chaidh e a laighe air beinge. Cha robh srann a dhèanadh
e nach saoilte gun leagadh e an taigh. Anns a' mhaduinn, an
là-'r-na-mhàireach, ghabh e a' chuid eile de'n iasg, is dh'fhalbh
e. An uair a dh'fhalbh am fuamhair, leig an Cat Glas Mac an
Rìgh a mach as an t-sloc. Dh'fhaighnich e de'n Chat an robh
biadh sam bith ann a dh'itheadh e. Thuirt an Cat nach robh
244
AN CAT GLAS
blas ach iasg mosach a bha 'n siod. Tha baile-mór goirid uainn;
agus gheibhear rud sam bith a dh'fheumas sinn ann,' ars ise.
'Tha airgead an seo,' arsa Mac an Rìgh. Thug e rud de'n
airgead do'n Chat, agus dh'fhalbh i do'n bhaile-mhór, is cheann­
aich i fìon is aran.¹
A neas² a bha an Cat Glas air falbh, smaointich esan gun
rachadh e air feadh na h-uamha, feuch gu dé chitheadh e.
Chunnaig e dorus an sin, agus e glaiste. Sheall e a staigh air
toll na h-iuchrach. Chunnaig e a h-uile mìr de'n ùrlar còmh­
daichte le carraghan dubha.³ Chaidh e gu dorus eile. Sheall
e a staigh air toll na h-iuchrach. Fad 's a bu léir dha, bha e
faicinn ghunnan, is chlaidheamhnan, is aodaichean dhaoin'-
uaisle. Chaidh e chun doruis eile; is chunnaig e bean-uasal
og àlainn, nach fhaca e riamh na bu bhrèagha, is i air a sgeadachadh
ann an aodach geal. Bheireadh i treis air caoineadh, is treis
eile air cìreadh a cinn. An uair a chunnaig e na trì àitean, agus
a thànaig an Cat leis na nitheannan a cheannaich i, ghabh e a
bhiadh. 'Is e an dòigh a nì sinn, ma bhitheas sinn a' gabhail
bidh mar seo gu ceann seachdain gus am bi sinn làidir, làimh
a thoirt air an Fhuamhair mhór a mharbhadh an uair a bhios
e 'na chadal,' thuirt an Cat Glas ri Mac an Rìgh. 'Glé mhath,'
arsa Mac an Rìgh. Lean iad air an obair seo gus an do theirig
na deich tasdain fhichead. A h-uile latha, an uair a bhiodh
an Cat air falbh, bheireadh esan an seòmar an robh a' bhean-
uasal air; is bhiodh e a' coimhead a steach troimh tholl na
glaise gus an tilleadh an Cat. A h-uile h-oidhche, an uair a
thigeadh am Fuamhair dhachaigh, bhiodh e cho fiadhaich ris
a' Chat, is a' coiteachadh oirre gun robh farbhalach a staigh.
Chuir iad rompa, oidhche bha an sin, gun cuireadh iad
ceann-crìche air. Thuit e 'na chadal trom. An uair a chaidil
e, chuir an Cat Glas teine mór air, agus chuir i dà bhior-ròstaidh
'san teinidh. Bha srann aig an Fhuamhair a bha toirt crith air
an uaimh. An uair a bha na biorain iarainn geal, thog i an
leac bhàrr Mac an Rìgh, agus leig i a mach e. Dh'éirich e, agus
thug e fear de na biorain as an teinidh; is spàrr e troimh uchd
246
AN CAT GLAS
an Fhuamhair e. Thug an Cat Glas am bioran eile as, agus
am beagan a b' urrainn di fhéin a dhèanamh, spàrr i troimh
àite eile dheth e. A mach thug am Fuamhair ag éigheach 's
a' rànaich. Gu dé ach theirigidh [sic] e tarsaing 'san dorus, is
chum na biorain an siod e. Rug Mac an Rìgh air claidheamh
an Fhuamhair, is thuirt e ris, 'Tha bàs os do chionn; gu dé
t' fhuasgladh?' 'Is mór sin,' ars am Fuamhair; 'tha tronnc
làn òir is airgid ann an seòmar de na bheil 'san uaimh.' 'Is
liom féin sin; tha am bàs os do chionn, gu dé t' fhuasgladh?'
arsa Mac an Rìgh. Tha seòmar agam làn de charraghan dubha;
is chan 'eil an sin ach clann rìghrean, is ridirean, is dhiùcannan
air an cur fo gheasaibh. Tha slacan-draoidheachd anns an
t-seòmar, agus an uair a bhuaileas tu buille de'n t-slacan a
tha an sin orra, théid iad mar a bha iad roimhe. Tha seòmar
eile ann, làn de'n cuid aodaich agus de'n cuid armaibh. Mar a
nì an slacan feum do chàch, nì e feum do'n Chat Ghlas. Is
nighean rìgh air a cur fo gheasaibh i, is ghlac mise i. Bha mi
glé mhath dhi, ged as olc an taing a thug i dhomh air a' cheann
mu dheireadh. Tha rud na's fheàrr na sin uile gu léir agam –
tha nighean rìgh an àite seo fhéin agam. Bha i mach a' snàmh,
agus ghlac mise i. Tha mi cinnteach gur h-ann agad fhéin a
bhios i sin.' Ged a dh'innis e a h-uile dad a bha an sin da, thug
e na cinn deth leis a' chlaidheamh.
Is e an ceud rud a rinn e an déis a mharbhadh dol do'n
t-seòmar far an robh a' bhean-uasal, is a leigeil a mach. Chaidh
iad an sin do'n t-seòmar an robh na carraghan dubha [agus
an slacan-draoidheachd]. Fhuair e an slacan-draoidheachd, is
thug e a' cheud bhuille do'n Chat deth. Dh'fhàs i an sin 'na
boireannach brèagha, àlainn, mu ochd bliadhna deug a dh'aois.
Bhuail e an sin air bualadh nan carraghan; is leumadh mac
rìgh is mac ridire is mac diùc a suas, gus an robh an seòmar
làn de na bha an sin de sheòid. Dh'éid [sic] iad iad fhéin le an
aodach fhéin anns an t-seòmar eile. Roinneadh an t-òr 's an
t-airgead uile gu léir orra, is fhuair an Cat Glas a deagh roinn
de na bh' ann. Phòs esan agus nighean an rìgh, agus phòs an
Cat Glas agus fear de na ridirean a bha 'san t-seòmar. An uair
a bha na bainnsean is a h-uile rud seachad, smaointich e gun
rachadh e dhachaigh far an robh a athair. Thug e a bhean
leis, agus bha rìomhadh gu leòr còmhla riu.
* * * * *
248
AN CAT GLAS
An uair a dh'fhalbh e a taigh a athar, dh'ionndrainn a athair
e. Bha iad ro bhrònach as a dhéidh. Bhiodh a bhràthair a
h-uile là a' dol gus an tulach far an do dhealaich e ris, dh'a
chaoineadh; is cha robh fios aig duine dé bha tighinn ris.
Bha e cnàmh is a' dol as. Chuir a athair roimhe gun leanadh
e e, is gum biodh fios aige c'à 'n robh e dol. Lean e e a dh'ionn­
saigh an tulaich, agus fhuair e an sin e, agus a bheul fodha, agus
e a' caoineadh. 'Feumaidh tu ìnnseadh dhòmh-sa gu dé tha
tighinn riut,' ars a athair. Cha robh e deònach a ìnnseadh,
ach chuir a athair roimhe nach leigeadh e as e gus an ìnnseadh
e e. 'Tha eagal orm ma dh'innseas mi e, gu marbh thu mo
mhàthair,' ars esan; 'seo an tulach air an do dhealaich mo
bhràthair gaolach rium-sa. Chaidh e do thaigh m' oide an oidhche
sin, is chan 'eil tuilleadh lorg agam-sa air. Chaidh an Rìgh
do thaigh a oide, feuch am faigheadh e a mach o a mhuime gu
dé dh'éirich dha. Cha robh dad aig a' mhuime ri ìnnseadh
dha, ach gun d' fhalbh e. Thill e dhachaigh an sin, agus chuir
e an Iochlach Ùrlair gu bàs. Leis an nàire ghabh a' Bhanrìghinn,
laigh i, is cha robh i fada beò.
*
*
*
*
*
An uair a choinnich esan is a athair is a bhràthair a chéile,
bha toil-inntinn na leòr orra. Dh'fhàg e an rìoghachd aig a
bhràthair; bha gu leòr aige-san dha fhéin. Thill e fhéin agus
a bhean air an ais d' an rìoghachd, an uair a chuir iad treis
ùine seachad le a athair. Cha robh mac no nighean a nis
aig a athair, ach am mac a b' òige, is phòs e.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.