Archival Reference

SSSA/TA/AT015/006

School of Scottish Studies SA1965.010.B4

Transcript

AI
Informant : Calum Johnston, Barra
Collector : D.A. MacDonald
SA 1965/10.B4
A' Madadh Ruadh agus a' Madadh Allaidh agus an t-Ìm
AT 15
Bho chionn fhada 'n t-saoghail 'n uair a bha Gàidhlig aig a h-uile
creutair, bha 'Madadh Ruadh agus a' Madadh Allaidh a' fuireach còmhla.
Bhiodh iad a' falbh man cuairt le chéile a chruinneachadh bidhe dhaibh
fhéin agus latha de na laithean bha iad a' dol man cuairt a' chladaich,
dìreach mar a bhios daoine seo fhéin 'nuair a bhios a' ghaoth fàbharrach,
ach gu dé thanaig air tìr. Agus dé fhuair iad ann an tiùrr a' làin
ach casg ime.
O, bha iad air an dòigh agus thug iad suas e agus thuirt iad ri
chéile, "Cuiridh sinn a nist a falach e gus a faigh sinn a thoirt dhachaidh."
Agus thug iad suas e 's rinn iad toll dha 's thiodhlaig iad e agus chaidh
iad dhachaidh. Agus a làirne-mhaireach 'nuair a dhùisg iad thuirt a'
Madadh Ruadh ris a' Mhadadh Allaidh:
"Tha mi fhìn a' falbh o'n taigh an diugh."
"Cà'il thu 'dol?" os a' Madadh Allaidh.
"Tha mi," os esan, "a' dol go baisteadh."
"O, seadh," os a' fear eile, "glé mhath ma-ta."
'S dh'fhalbh a' Madadh Ruadh agus bha e air falbh a' chuid bu mhutha
dhe latha 's 'n uair a thill e thuirt a' Madadh Allaidh ris:
"Seadh, tha thu air tilleadh."
"Tha," os esan.
"Dé 'n t-ainm a thug sibh air an urra?" os a' Madadh Allaidh.
"Thug sinn Ma Bheul air," os esan.
"O seadh," os a' Madadh Allaidh. Agus cha robh 'n corr ma dhéidhinn
sin.
A làirne-mhàireach 'n uair a dhùisg iad air ais, thuirt a' Madadh
Ruadh a rithist:
"Tha mi fhin a' falbh o'n taigh an diugh air ais," os esan.
"Cà'il thu 'dol an diugh?" os a' Madadh Allaidh.
"Tha mi 'dol go baisteadh," os esan.
"O seadh," os a' Madadh Allaidh. Agus dh'fhalbh a' Madadh Ruadh.
Agus bha greis mhath dhe lath' ann ma'n do thill e 's dh'fhaighneachd
a' Madadh Allaidh dheth:
"Dé 'n t-ainm a thug sibh air an urra 'n diugh?"
"Thug sinn Ma Leth air," os esan.
"Seadh /
"Seadh dìreach," os a Madadh Allaidh.
Agus cha robh 'n corr ma dheidhinn ach shocraich iad sios airson na
h-oidhcheadh 's chaidil iad 's a' làirne-mhàireach 'n uair a dhùisg iad
bha 'naigheachd chionnan cheund' aig a' Mhadadh Ruadh:
"Tha mi fhìn a' falbh o'n taigh an diugh air ais."
"A bheil?" os a' Madadh Allaidh.
"Tha," os esan.
"C'aite bheil thu 'dol an diugh?" os a' Madadh Allaidh.
"Tha mi 'dol go baisteadh," os esan.
"O seadh," os a' Madadh Allaidh. Agus dh'fhalbh a' Madadh Ruadh agus
anmoch feasgar thill e 's e ... 'g imlich ma bheul agus thuirt a' Madadh
Allaidh ris:
"Dé 'n t-ainm a thug sibh air an urra 'n diugh?"
"Thug sinn Sgriobadh a' Mhàis air," os esan.
"O seadh," os a Madadh Allaidh, 's e cho neo-choireach dheth fhéin.
Cha robh 'n corr ma dhéidhinn agus ghabh iad ma thàmh an oidhche
sin 's 'n uair a dh'éirich iad a làirne-mhàireach thuirt a' Madadh Ruadh:
"Nach eil an t-am againn a nist falbh a choimhead ma dhéidhinn a'
chasg a chuir sinn a' falach a latha reimhid?"
"O tha gu dearbh," os a' fear eile, "'s fhearr dhuinn falbh. Tha
'n t-am againn fhaighinn dhachaidh."
Agus dh'fhalbh iad agus rànaig iad an toll as an do chuireadh a'
falach e 's thug iad an casg a' lathair 's nuair a dh'fhosgladh an casg
cha robh sgrìobadh air a thòn. O dhuine, dhuine, nach robh seo uamhasach
Bha 'Madadh Ruadh, bha iongantas uamhasach air nach robh sgath air fhàgail
's a' chasg 's cha robh fios aig a' Mhadadh Allaidh gu dé chanadh e leis
an iongantas a bh' air.
"Well," os a' Madadh Ruadh, "tha seo uamhasach iongantach. Cha robh
fios aig creutair ma dhéidhinn a' chasg a bha seo ach agam fhìn 's agad
fhéin. Nist," os esan, "'s e gnothuch uamhasach iongantach a th' ann
agus feumaidh gur h-ann eadar mi fhìn 's tu fhéin a tha e agus 's e
bhinn a bheir mise mach air a' ghnothuch," os esan.
"Mas e mise dh'ith an t-ìm 's gura mi
Chiorram chiotam, chiorram chatam, chiorram chiù,
Ach mas e tusa dh'ith an t-ìm 's gura tù
Galair domabhlais orra bhronna-ghlais anns an ùir."
Cha robh móran coir' as a' ghuidhe rinn a' Madadh Ruadh dha fhéin,
ach bha puinnsein gu leor as a' ghuidhe rinn e dha'n Mhadadh Allaidh.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.